Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.

Bha Iseabail Ros air a slighe dhachaigh às a' Ghrèig, an dèidh deich mìosan a chur seachad mar chòcaire ann an Aonad Ospadal nam Mnathan Albannach aig Lake Ostrovo an ceann-a-tuath na dùthcha. Mar a tha Gilleasbuig MacDòmhnaill ag innse, ràinig i fhèin agus companach dhi baile Salonika sa cheann-a-deas air an 30mh den Ògmhios, agus sheall rud a thachair air an latha mu dheireadh aice sa bhaile gu robh na saighdearan taingeil airson an obair aca.

Air a' chiad là den Iuchar sheòl a' chiad 'chonvoy' oifigeil Bhreatannach à Ameireaga. Bha an dòigh-obrach seo dol a dhèanamh diofar mòr sa chogadh, ged a bha còrr is mìos fhathast mus tòisicheadh na convoys a' dol an rathad eile.

Cha robh an Òlaind a' gabhail pàirt sa chogadh ach cha tuirt sin nach robh an cogadh a' toirt buaidh oirre. Bha biadh, agus gu h-àraidh buntàta, a' fàs gann, chun na h-ìre gu robh e doirbh don luchd-obrach an teaghlaichean a bheathachadh. Thòisich mì-rian mun seo air an t-seachdain seo, le daoine a' bristeadh a-steach do bhùithtean is stòir air feadh Amsterdam. Thàinig cùisean gu ceann air a' chòigeamh là den Iuchar 1917.

Bha a' Ghearmailt air tòiseachadh a' cleachdadh bomairean ùra aig an àm seo a bha comasach air luchd trom de bhomaichean a ghiùlan air astar fada. B' e Gotha GIV an t-ainm a bha orra agus, air feasgar an 7mh den Iuchar, thug a dhà air fhichead dhiubh ionnsaigh, còmhla, air Lunnainn. Cha robh fhios aig muinntir a' bhaile an toiseach dè bha tachairt, ach cha b'fhada gus na thuig iad an sgrios.

Cluinnidh sinn cuideachd mun chall-beatha a bu mhotha a dh'fhulang a' Chabhlach Rìoghail tro thubaist a-riamh, nuair a spreadh HMS Vanguard is i aig acair ann an Scapa Flow air a 9mh den Iuchar.

Dh'fhàg dithis a bha aig inbhe àrd ann an Riaghaltas na Gearmailt an dreuchdan meadhan an Iuchar 1917: leig Theobald von Bethmann-Holweg dheth dreuchd Seansalair na Gearmailt air a' 14mh agus leig Artur von Zimmermann, Ministear Cèin na Gearmailt, dheth a dhreuchd-san air an ath latha. Gheibh sinn a-mach bho Ghilleasbuig dè a bu choireach.

Cluinnidh sinn cuideachd na h-earrannan mu dheireadh bhon leabhar-là aig Iseabail Ros agus i a' tilleadh dhachaigh an dèidh deich mìosan ag obair mar chòcaire do dh'Aonad Ospadal nam Mnathan Albannach ann an Ostrovo.

30 minutes

Last on

Sun 30 Jul 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 24 Jul 2017 12:00
  • Mon 24 Jul 2017 22:00
  • Sun 30 Jul 2017 13:00