Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 154

Buaidh a' chogaidh san Òlaind, bha neo-phàirteach, 's Iseabail Ros gus a' Ghrèig fhàgail. The events of WW1, including its effect on neutral Holland and Isobel Ross leaving Greece.

Bha Iseabail Ros air a slighe dhachaigh às a' Ghrèig, an dèidh deich mìosan a chur seachad mar chòcaire ann an Aonad Ospadal nam Mnathan Albannach aig Lake Ostrovo an ceann-a-tuath na dùthcha. Mar a tha Gilleasbuig MacDòmhnaill ag innse, ràinig i fhèin agus companach dhi baile Salonika sa cheann-a-deas air an 30mh den Ògmhios, agus sheall rud a thachair air an latha mu dheireadh aice sa bhaile gu robh na saighdearan taingeil airson an obair aca.

Air a' chiad là den Iuchar sheòl a' chiad 'chonvoy' oifigeil Bhreatannach à Ameireaga. Bha an dòigh-obrach seo dol a dhèanamh diofar mòr sa chogadh, ged a bha còrr is mìos fhathast mus tòisicheadh na convoys a' dol an rathad eile.

Cha robh an Òlaind a' gabhail pàirt sa chogadh ach cha tuirt sin nach robh an cogadh a' toirt buaidh oirre. Bha biadh, agus gu h-àraidh buntàta, a' fàs gann, chun na h-ìre gu robh e doirbh don luchd-obrach an teaghlaichean a bheathachadh. Thòisich mì-rian mun seo air an t-seachdain seo, le daoine a' bristeadh a-steach do bhùithtean is stòir air feadh Amsterdam. Thàinig cùisean gu ceann air a' chòigeamh là den Iuchar 1917.

10 minutes

Last on

Fri 7 Jul 2017 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 6 Jul 2017 21:00
  • Fri 7 Jul 2017 11:50