Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.

Dh' innis na Ruiseanaich gu robh iad a' fuireach sa chogadh ach bha Riaghaltas na Frainge draghail gu leòr 's gun do chuir iad am Ministeir Airm, Albert Thomas, gu Moscow a bhruidhinn ri luchd-obrach agus riochdairean saighdear Dimàirt an 21mh dhen Chèitean 1917. Rinn Monsieur Thomas gu math soilleir gur e saighdearan Co-chòmhraigeach eile a bha a' fulang air sàilleabh dìomhanas nan Ruiseanach.

Mar a chluinneas sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill, bha cùisean aig an taigh air aire dhaoine cuideachd, le litir chruaidh chun an Highland News mu chor deireil chloinne-sgoile ann an Ratharsair ach piseach air fàire do chor nam boireannach, mar a dh' innis Emily Pankhurst ann an Glaschu.

Air deireadh seachdain a' chòigeamh 's an t-siathamh latha fichead dhen Chèitean 1917 thàinig droch naidheachd air tìr agus aig muir airson Breatainn. Chaidh ionnsaigh on adhar a thoirt air baile Folkestone le call-beatha mòr air a' chòigeamh là fichead. An làthairne mhàireach, chaidh an soitheach-ospadail Breatannach 'Dover Castle' a chur fodha air a slighe bho Malta gu Gibraltar le torpedo bhon bhàt-aigeil Gearmailteach UC-67.

Bha Iseabail Ros ag innse na leabhar-là gum biodh i air a slighe dhachaigh a dh'aithghearr agus bha Murchadh Moireach bhon a' Bhac, a bha còmhla ris na Sìophartaich, e fhèin a' sgrìobhadh mun chall-beatha a bha e a' faicinn san Fhraing.

Cuideachd tha criomag còmhraidh againn bho Mhàiri Richardson, Màiri Thormoid Lachlainn à Ealaghol san Eilean Sgitheanach. Ghluais Màiri a Ghlaschu na deugaire far an robh i ag obair aig an Georgetown Filling Factory, factaraidh a bha a' dèanamh sligean spreadhaidh. Ach aig aois ochd bliadhn' deug thog i oirre gu Calais còmhla ri caraidean - às aonais cead bho pàrantan. Chuir i seachad dà bhliadhna gu leth a' draibheadh charabadan-eiridinn agus oifigearan airm san Fhraing agus mar a dh'innis i ann an clàradh a thug an teaghlach do Radio nan Gaidheal, bha a' chiad chànan aice, a' Ghàidhlig feumail aig amannan.

30 minutes

Last on

Sun 18 Jun 2017 13:00

Broadcasts

  • Mon 12 Jun 2017 12:00
  • Mon 12 Jun 2017 22:00
  • Sun 18 Jun 2017 13:00