Episode 48
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Air Diluain Cà isg, an 9mh den Ghiblean, 1917, thòisich Breatainn iomairt ùr anns an Fhraing, iomairt aig an aon ìre ri Blà r an Somme agus Treas Blà r Ypres. B' e seo Blà r Arras. Faisg air deireadh 1916 cho-dhùin Seanailear Nivelle, ceannard ùr arm na Frainge, tri ionnsaighean as ùr a thoirt air na Gearmailtich air an Aghaidh an Iar.
Ghabhadh na Frangaich uallach airson dà ionnsaigh thairis air na h-aibhnichean Aisne agus Oise agus dhèanadh Breatainn ionnsaigh aig tuath timcheall air Arras. Cha b' e seo a bha Seanailear Haig a' miannachadh ach b' fheudar dha gabhail ris. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill mar a thachair.
Chaidh an SS Arcadian a chur fodha le torpedo mu shia mìle fichead an ear-thuath air Milos, eilean Greugach air a 15mh den Ghiblean 1917 agus an aon là chaidh an Cameronia, air a slighe à Marseilles gu Alexandria, a chur fodha ceud gu leth mìle mara à Malta agus an SS Cairndhu a chur fodha còig mile fichead an iar air Beachy Head is i air an t-slighe bho Abhainn Tyne gu Gibraltar. Còig là às dèidh sin, gun rabhadh, chaidh an SS Caithness a chur fodha le torpedo bhon bhà t'-aigeil U-52. Mar a chluinneas sinn bha à ireamh de dh'eileanaich am measg na chaill am beatha.
Bha baile Tholastaidh bho Thuath a' faireachdainn call a' chogaidh gu mòr, le cunntas aig Gaseat Steòrnabhaigh air a' bhuaidh sin nuair a thà inig naidheachd-bà is Iain MhicNeacail.
Ach bha cuideachd sgeulachd annasach aca, air a sgrìobhadh le Iain MacIllEathain, air an robh am far-ainm An Kaid. Sa Ghiblean 1917 bha e anns na trainnsichean anns an Fhraing far an robh e air coinneachadh ri Leòdhasach air an robh Ruaraidh MacLeòid. 'S beag a bha dhùil aig a' Khaid ris an annlan a bh' aige dha.
Ann an litir a sgrìobh Pà draig Miller à Steòrnabhagh air an 27mh den Ghiblean, 1917, tha e ag innse dha sheann mhaighstir-sgoile, Uilleam Gibson, mar a chaidh a leòn anns an Fhraing. Bha e fhèin is saighdearan eile air à ite-fuirich - "billet" mar a bh' aca air - fhaighinn ann an taigh mòr falamh, agus bha e dìreach air suidhe sìos gu bhracaist nuair a bhuail slige iad. Gheibh sinn a-mach mar a thachair dha.
A thuilleadh air a sin nochd propaganda dubh dha-rìribh, chaidh an trà lair Ruthin Castle, a chur fodha le mèinn an ear air Middlesborough agus bha Blà r Arras a' leantainn.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 1 May 2017 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 1 May 2017 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 7 May 2017 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal