05/03/2017
Tha sinn a' cluinntinn sgeulachd Bhran - an cù dìleas aig Fionn MacCumhail - agus e a' dèanamh a' ghnothaich air uilebheist. Letters in Gaelic for people learning the language.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 616
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 920
Duration: 05:00
Litir 920: Fionn agus Bran
Bha mi ag innse dhuibh mu mar a fhuair Fionn MacCumhail an cù aige, Bran. Bha Bran dìleas agus là idir. Turas a bha seo, bha iad a’ tadhal air Rìgh air eilean air choreigin. Bha uilebheist mara a’ sà rachadh muinntir a rìoghachd. Thuirt Fionn gun cuireadh e às don uilebheist. Ach thug an Rìgh comhairle dha gun a bhith a’ feuchainn oir bha e cho cunnartach. Fhreagair Fionn gun dèanadh e fhèin is Bran an dìcheall co-dhiù.
           Chaidh Fionn agus Bran a-bhà n don chladach far am biodh an t-uilebheist a’ tighinn gu tìr. Dh’fhuirich iad ann fad na h-oidhche ach dhen uilebheist, cha robh sgeul.
           Sa mhadainn, ge-tà , nochd e air tìr. ‘Cò thus’, a throich?’ thuirt e. ‘Agus cò an abhag a tha seo ri do thaobh?’
           ‘Is mise Fionn, Rìgh na Fèinne,’ fhreagair Fionn, ‘nach do chuir a chùl ri caraid no nà mhaid riamh. Agus seo mo charaid Bran as urrainn stad a chur air trì batailianan de shaighdearan leis fhèin.’
           ‘Cuiridh thu do chùl riumsa,’ thuirt an t-uilebheist, ‘no bidh thu fhèin is do chuilean marbh aig mo chasan.’ Leum e air Fionn agus thòisich an dithis air sabaid le chèile. Bha an t-uilebheist a’ faighinn là mh-an-uachdair agus bha Fionn a’ call fuil.
           ‘A Bhran, a charaid,’ dh’èigh e. ‘Sà bhail mi. Tha mi a’ fàs fann.’ Mu dheireadh, leum Bran air an uilebheist agus reub e a ghruthan agus a chridhe a-mach. Thuit an t-uilebheist marbh sa spot.
           Dh’imlich Bran lotan a mhaighstir agus shlà naich iad sa mhionaid. Bha na Gà idheil bhon uair sin a’ creidsinn gum biodh lotan air an slà nachadh le uisge-beòil coin. Chaidh Fionn is Bran a dh’innse don Rìgh mu bhàs na h-uilebheist. Bha an Rìgh cho toilichte ʼs gun tuirt e ri Fionn gun toireadh e leth a rìoghachd dha.
           ‘Chan iarrainn a leithid,’ arsa Fionn. ‘B’ e mo dhuais aodann Bhrain fhaicinn nuair a shà bhail e mi.’ Bha dlùth-chà irdeas eadar Fionn agus a chù.
           Nise, a bheil cuimhne agaibh nuair a fhuair Fionn Bran gun robh cuilean eile ann, a bhrà thair? Thug a mhà thair air ais dhachaigh e. B’ esan Sgeolan, no an Cù Glas. Uill, bliadhnaichean an dèidh là imhe, thà inig an dà chù còmhla. Seo mar a thachair e.
           Latha a bha seo, bha Fionn agus a chompanaich air a’ bheinn-sheilg agus mharbh iad fèidh gu leòr. Nuair a bha iad a’ dèanamh deiseil airson falbh, thà inig Gille Mòr. ‘ʼS e gille a th’ annam a thà inig bhon ear agus bhon iar, a’ lorg maighstir math,’ thuirt e.
           ‘Uill,’ fhreagair Fionn, ‘dè an duais a dh’iarradh tu an dèidh latha is bliadhna?’
           ‘O,’ ars an Gille Mòr, ‘chan eil mi ag iarraidh ach gun tig sibh còmhla rium gu lùchairt Rìgh Lochlainn. Bidh sibh leibh fhèin, gun chù no caraid no ball-airm.’ Ghabh Fionn ris a’ chùmhnant.
           Airson sgeul fada a dhèanamh goirid, bha an Gille Mòr na sgalaig dhìleas fad bliadhna is latha. Air an latha mu dheireadh, thuirt e ri Fionn, ‘tha mi a’ falbh a-nise agus tha mi ag iarraidh mo dhuais.’
           ‘Gheibh thu sin,’ arsa Fionn. Chaidh e a bhruidhinn ris an Fhèinn. ‘Tha mi a’ falbh a Lochlann,’ thuirt e. ‘Mura till mi taobh a-staigh latha is bliadhna, thigibh airson dìoghaltas fhaighinn, oir bidh mi marbh.’ Agus eanaidh an sgeulachd anns an ath Litir.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: sà bhail: save; fann: weak; »å±ôù³Ù³ó-³¦³óà ¾±°ù»å±ð²¹²õ: a close relationship; »åì´Ç²µ³ó²¹±ô³Ù²¹²õ: revenge.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: bha iad a’ tadhal air Rìgh air eilean air choreigin: they were visiting a King on some island or other; bha uilebheist mara a’ sà rachadh muinntir a rìoghachd: a marine monster was harassing the people of his kingdom; gun cuireadh e às don uilebheist: that he would kill the monster; thug an Rìgh comhairle dha gun a bhith a’ feuchainn: the King advised him not to try; gun dèanadh e fhèin is Bran an dìcheall co-dhiù: that he and Bran would do their best anyway; ach dhen uilebheist, cha robh sgeul: but of the monster, there was no sign; cò thus’, a throich?: who are you, dwarf?; cò an abhag a tha seo ri do thaobh?: who is this terrier by your side?; Rìgh na Fèinne, nach do chuir a chùl ri caraid no nà mhaid riamh: the King of the Fingalians who never turned his back on friend or foe; as urrainn stad a chur air trì batailianan de shaighdearan leis fhèin: who can stop three battalions of soldiers by himself; cuiridh thu do chùl riumsa: you’ll turn your back on me; bha Fionn a’ call fuil: Fionn was losing blood; reub e a ghruthan agus a chridhe a-mach: he ripped his liver and heart out; dh’imlich Bran lotan a mhaighstir: Bran licked his master’s wounds; air an slà nachadh le uisge-beòil coin: healed with dog’s saliva; gun toireadh e leth a rìoghachd dha: that he would give him half his kingdom; b’ e mo dhuais aodann Bhrain fhaicinn: my reward was seeing Bran’s face; bliadhnaichean an dèidh là imhe: years later; air a’ bheinn-sheilg: on the hunting mountain; a thà inig bhon ear agus bhon iar: who came from the east and west; dè an duais a dh’iarradh tu an dèidh latha is bliadhna?: what reward would you want after a year and a day; còmhla rium gu lùchairt Rìgh Lochlainn: along with me to the palace of the King of Scandinavia; chaidh e a bhruidhinn ris an Fhèinn: he went to speak to the Fingalians.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Thuit an t-uilebheist marbh sa spot: the monster fell dead on the spot, immediately. What other ways are there of saying ‘immediately’ in Gaelic? There is another in the Litir – shlà naich iad sa mhionaid ‘they healed immediately’. Here are some other ways: air ball, a dh’aon ruith, an là rach nam bonn.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 5 Mar 2017 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 8 Mar 2017 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.