29/01/2017
Tha an litir aig Ruairidh MacIlleathain ag innse sgeulachd mu Naomh Rònain. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 611
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 915
Duration: 05:00
Litir 915: Creutairean Macmeanmnach a’ Chuain (2)
Bha mi ag innse dhuibh an t-seachdain sa chaidh mu chreutairean macmeanmnach na mara – an Cìrean Cròin agus an Cionaran-crò. Tha iad – no bha iad – le chèile uabhasach fhèin mòr. Bha iad cho mòr ʼs gun robh iad ag ithe mhucan-mara. Thug mi an rann seo dhuibh|:
Seachd sgadain sà th bradain,
Seachd bradain sà th ròin,
Seachd ròin sà th muc-mhara bheag,
Seachd mucan-mara beaga, sà th muc-mhara mhòr,
Seachd mucan-mara mòra, sà th Cionarain-crò,
Seachd Cionarain-crò, sà th Mial Mhòr a’ Chuain.
           Fhuaireadh cunntas dhen Chionaran-crò bho fhear ann an Nis ann an Leòdhas, Aonghas Gunnach. Ged a bha e ochdad ʼs a ceithir bliadhna a dh’aois, bha Aonghas fhathast là idir na cheann ʼs na bhodhaig. Fad ùine mhòr, bha e a’ fuireach ann an Rònaigh, eilean beag anns a’ chuan, tuath air Leòdhas. Bha tòrr sgeulachdan aige. Seo agaibh tè dhiubh.
           O chionn fhada, thà inig Naomh Rònan a Leòdhas airson na daoine a thoirt gu Crìosd. Thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh far am biodh e ag adhradh agus a’ dèanamh ùrnaigh. Ach cha robh ùidh aig na daoine anns an obair aige. Bhiodh na fir a’ connsachadh ri chèile mun a h-uile rud agus bhiodh na mnathan a’ connsachadh ri chèile mu ghnothaichean suarach nach b’ fhiach. Bha Rònan troimhe-chèile agus cha b’ urrainn dha an soisgeul a sgaoileadh no eadhon ùrnaighean a dhèanamh dha fhèin.
           Bha e a’ fà s seachd searbh dhen t-suidheachadh agus rinn e ùrnaigh don Tighearna a bhith air a thoirt air falbh bho mhuinntir Eòropaidh. Thà inig aingeal Dhè agus dh’iarr e air Rònan a dhol ²¹-²ú³óà ²Ô don laimrig far an robh an Cionaran-crò a’ feitheamh ris. Rinn Rònan air an laimrig na dheann. Cha tug e leis ach ‘pollaire’ – satchel – leis an Leabhar na bhroinn – am Bìoball, tha mi a’ ciallachadh. Agus an sin bha an Cionaran-crò, le a dhà shùil a’ deà rrsadh mar rionnagan anns an iarmailt.
           Chaidh Rònan air muin a’ Chionarain-chrò agus dh’fhalbh e leis ag astar thar na mara os cionn nan stuaghan. Ach cha robh mòran stuaghan ann – bha a’ mhuir iongantach ciùin. Ann am priobadh na sùla rà inig an Cionaran-crò Eilean Rònaigh. Aig an à m sin bha an t-eilean là n nathraichean beumnach, ghrìbheanan ìneach agus leomhann beucach. Seadh – ʼs e tèarmann nà dair a bhiodh ann an-diugh, gu cinnteach!
           Co-dhiù, cha do mhair na beathaichean annasach sin ann fada. Theich iad ron fhear naomh (gun luaidh air a’ Chionaran-chrò!), agus chaidh iad thar nan creagan chun na mara. ʼS e sin a dh’fhà g gu bheil sgrìoban air na creagan ann an Rònaigh. ʼS iad na creutairean sin a dh’fhà g na sgrìoban len ìnean, agus iad ann an cabhaig teicheadh. Bha an t-eilean a-nise sìtheil agus thog Rònan cealla ann dha fhèin, far am biodh e ag adhradh ann an sìth.
           Gu mì-fhortanach, chan eil an stòiridh ag innse dhuinn dè thachair don Chionaran-chrò. Saoilidh mi gun deach e air ais don chuan mhòr. Agus dè mun chreutair eile anns an rann? Seachd Cionarain-crò, sà th Mial Mhòr a’ Chuain. Mo chreach – feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach fhèin mòr is là idir is acrach. ʼS dòcha gu bheil e a cheart cho math nach fhaca duine tè dhiubh ann an uisgeachan na h-Alba airson ùine mhòr!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Aonghas Gunnach: Angus Gunn; ¸éò²Ô²¹¾±²µ³ó: (North) Rona; ù°ù²Ô²¹¾±²µ³ó±ð²¹²Ô: prayers; ³¦¾±Ã¹¾±²Ô: calm.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: mu chreutairean macmeanmnach na mara: about imaginary maritime creatures; seachd sgadain sà th bradain: seven herring, a feed for a salmon; seachd ròin sà th muc-mara bheag: seven seals, a feed for a small whale; là idir na cheann ʼs na bhodhaig: strong in (his) mind and body; thà inig Naomh Rònan a Leòdhas airson na daoine a thoirt gu Crìosd: St Ronan came to Lewis to bring the people to Christ; thog e cealla bheag dha fhèin ann an Eòropaidh: he built a small cell for himself in Eoropie; bhiodh na mnathan a’ connsachadh ri chèile mu ghnothaichean suarach nach b’ fhiach: the women would argue with each other about trifling matters of no account; cha b’ urrainn dha an soisgeul a sgaoileadh: he couldn’t spread the gospel; rinn e ùrnaigh don Tighearna: he prayed to the Lord; le a dhà shùil a’ deà rrsadh mar rionnagan anns an iarmailt: with its two eyes shining like stars in the heavens; thar na mara os cionn nan stuaghan: across the sea above the waves; ann am priobadh na sùla: in the wink of an eye; là n nathraichean beumnach, ghrìbheanan ìneach agus leomhann beucach: full of damaging snakes, clawed griffons and roaring lions; ʼs e tèarmann nà dair a bhiodh ann an-diugh: it would be a nature reserve today; cha do mhair na beathaichean annasach sin ann fada: those unusual animals didn’t last long there; theich iad ron fhear naomh: they fled before the holy man; a dh’fhà g na sgrìoban len ìnean: who left the scratches with their claws; ann an cabhaig teicheadh: in a hurry to flee; feumaidh gu bheil Mial Mhòr a’ Chuain iongantach fhèin mòr: the Great Leviathan of the Ocean must be incredibly big.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: ²¹-²ú³óà ²Ô don laimrig: down to the landing place (perhaps a natural rock, or a constructed jetty). You won’t hear ²¹-²ú³óà ²Ô so commonly today but it is a notable feature of Gaelic in a number of mainland dialects. It involves motion. You can’t be ²¹-²ú³óà ²Ô, but you can move ²¹-²ú³óà ²Ô. Thèid mi ²¹-²ú³óà ²Ô don bhaile feasgar ‘I’ll go down to the village this afternoon’. It usually refers to altitude of position, but can also be used figuratively eg chaidh an cùr a chur ²¹-²ú³óà ²Ô ‘the dog was put down’ although this idiom is likely to have its origins in English.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: a’ fàs seachd searbh dhen t-suidheachadh: getting fed up of, disenchanted with, the situation.
Broadcasts
- Sun 29 Jan 2017 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Feb 2017 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.