01/01/2017
Tha litir bheag na seachdain aig Ruairidh MacIllEathain ag innse mu thuras gu ceann a tuath na Cuimrigh. Series of letters written in Gaelic to aid people learning the language.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 607
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 911
Duration: 05:00
Litir do Luchd Ionnsachaidh 911
Bha mi anns a’ Chuimrigh o chionn beagan sheachdainean – anns a’ cheann a tuath. Tha an dùthaich a’ còrdadh rium agus tha caraidean agam aig a bheil Cuimris. Bha an t-à m ann dhomh beagan dhen chà nan ionnsachadh.
           Tha e inntinneach coimeas a dhèanamh eadar a’ Gà idhlig agus Cuimris, agus iad le chèile nan cà nanan Ceilteach. Uaireannan, bidh facal Cuimreach a’ tòiseachadh le ‘h’, agus facal Gà idhlig car coltach ris a’ tòiseachadh le ‘s’. ʼS e salann eisimpleir dhiubh sin. Ann an Cuimris, canaidh iad halen. Tha cà irdeas eadar am facal Gà idhlig samhradh – no samhradh – agus haf ann an Cuimris; tha iad le chèile a’ ciallachadh ‘summer’. Canaidh sinne sealg airson ‘hunt’; canaidh na Cuimrich hela. Agus, far an can sinne sean airson ‘old’, canaidh na Cuimrich hen.
           Co-dhiù, bha mi còmhla ri feadhainn aig a bheil Cuimris ann an Ynys Môn. ʼS e sin eilean mòr ris an canar Anglesey ann am Beurla. Chaidh mi a cheilidh air boireannach a bhuineas do sgìre air a bheil Niwbwrch no Newborough. Tha an taigh aice faisg air trà igh mhòr agus à rainn ghainmhich a tha an-diugh na teà rmann nà dair.
           Bha mi a-staigh aice a’ gabhail panad – srùbag – nuair a thug i a-mach crìos agus brat a bh’ air an dèanamh de lus – feur air choreigin, agus na duilleagan air an snìomh còmhla. Bha iad gu math tarraingeach. Dh’fhaighnich mi dhith dè an lus a bh’ ann agus thuirt i ‘m´Ç°ù±ð²õ²µâ€™.
           Bha e furasta gu leòr obrachadh a-mach gu dè a bh’ ann. Tha moresg a’ tighinn bho ³¾Ã´°ù-³ó±ð²õ²µ. Tha ³¾Ã´°ù co-ionann ri muir ann an Gà idhlig. Agus tha hesg an ìre mhath co-ionann ri seasg ann an Gà idhlig. Tha seasg a’ ciallachadh ‘sedge’ – buidheann de lusan a tha cà irdeach do na feòir. ʼS e seasgan ainm eile airson cuilc no reed. Agus tha hesg a’ ciallachadh cuilc ann an Cuimris. Mar sin ³¾Ã´°ù-³ó±ð²õ²µ no moresg – seasg no cuilc na mara.
A bheil sibh a’ tuigsinn dè an lus a th’ ann? Ma tha sibh eòlach air Uibhist, bidh sibh eòlach air an lus – muran. ʼS e ainm bà rdail Uibhist a Deas ‘Tìr a’ Mhurain’ oir tha am muran cho pailt ann. Ann am Beurla, canar marram grass no bent ris.
           Bha mo bhana-charaid ag innse dhomh mu na boireannaich a bha uaireigin a’ buain agus a’ cleachdadh muran. Bha an sgìre ainmeil air a shon. Bha iad eadhon a’ reic a’ mhurain amh, a bharrachd air a bhith a’ dèanamh rudan leis. Bha i a’ faighneachd an robh na Gà idheil fhathast a’ cur a leithid gu feum. Dh’inns mi dhi mu Aonghas Mac a’ Phì a bha a’ snìomh agus a’ fighe gu snasail le feòir fhad ʼs a bha e ann Ospadal Chreag Dhùn Eun ann an Inbhir Nis.
           Dìreach mar a thachair ann an à ite no dhà ann an Alba, bha cus murain air a’ spìonadh ann an Niwbwrch. Ghluais a’ ghainmheach a-steach don dùthaich. Aig a cheann thall, chaidh coille a chur airson a’ ghainmheach a dhèanamh seasmhach. Tha na craobhan an-diugh gu math mòr. Tha beagan murain air fhà gail air na coilleagan no »åù¾±²Ô-²µ³ó²¹¾±²Ô³¾³ó¾±³¦³ó. Ach cha chreid mi gu bheil duine a bhuineas don à ite a th’ air na seann sgilean de bhith ag obair le muran a chumail beò. Is mòr am beud.
Faclan na Litreach:
Faclan na Litreach: A’ Chuimrigh: Wales; ²õ°ùù²ú²¹²µ: a cuppa; Aonghas Mac a’ Phì: Angus MacPhee; Ospadal Chreag Dhùn Eun: Craig Dunain Hospital.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tha caraidean agam aig a bheil Cuimris: I have friends who speak Welsh; bha an t-à m ann dhomh beagan dhen chà nan ionnsachadh: the time had come for me to learn a little of the language; coimeas a dhèanamh: to compare; tha iad le chèile a’ ciallachadh: they both mean; far an can sinne: where we say; à rainn ghainmhich a tha an-diugh na teà rmann nà dair: a sandy habitat that is now a nature reserve; crìos agus brat a bh’ air an dèanamh de lus: a belt and a mat that were made of a plant; agus na duilleagan air an snìomh còmhla: with the leaves twisted together; cà irdeach do na feòir: related to the grasses; ’s e ainm bà rdail Uibhist a Deas ‘Tìr a’ Mhurain’ oir tha am muran cho pailt ann: South Uist’s poetic name is ‘the land of the marram grass’ because marram is so plentiful there; na boireannaich a bha uaireigin a’ buain agus a’ cleachdadh muran: the women who were once collecting and using marram grass; bha iad eadhon a’ reic a’ mhurain amh: they were even selling the raw marram grass; bha cus murain air a’ spìonadh: too much marram grass was pulled out; ghluais a’ ghainmheach a-steach don dùthaich: the sand moved into the land; cha chreid mi gu bheil duine a bhuineas don à ite a th’ air na seann sgilean de a chumail beò: I don’t think there is anybody who belongs to the place who has kept the old skills going; is mòr am beud: more’s the pity.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: Tha beagan murain air fhà gail air na coilleagan no »åù¾±²Ô-²µ³ó²¹¾±²Ô³¾³ó¾±³¦³ó. There’s a little marram grass left on the sand dunes. What is your Gaelic for ‘sand dune’? Other words for a dune are mùrach, mealbhan and bacann. If you have a native speaker around you, why not ask him or her to tell you what they use? If you live in a place where there is a local dialect still spoken, I’d recommend you use that word – learners have a responsibility to use dialect words in order that they support local community usage of the language.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: airson a’ ghainmheach a dhèanamh seasmhach: to stabilise the sand.
Broadcasts
- New Year's Day 2017 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Jan 2017 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.