Episode 41
Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Omnibus edition of Seachdain sa Chogadh, which looks back on the events of WW1.
Air an 11mh den t-Samhain 1916 thà inig am blà r airson an talamh à rd os cionn Abhainn Ancre air an Somme gu ceann. Bha am batal seo air a bhith a' dol bhon chiad latha dhen Dà mhair agus bha droch shìde air mà ill agus cruadal uabhasach adhbhrachadh dha na feachdan Breatannach agus Canèidianach. Ach air an 11mh chaidh aca air adhartas a dhèanamh a leigeadh leotha putadh air adhart leis an dara pà irt de Bhlà r an Ancre dà latha às dèidh sin.
Air an 13mh den t-Samhain thòisich Blà r an Ancre, an t-sabaid mhòr mu dheireadh dhen bhliadhna air an Somme. Aig cuid, leithid an 51mh Roinn Ghà idhealach b' e Batal Beaumont Hamel a bh' aca air, oir b' e sin a' chiad bhaile air an tug na feachdan Breatannach ionnsaigh air an 13mh. Gu dearbh chaidh caismeachd pìoba, 'The Taking of Beaumont Hamel', a sgrìobhadh leis a' phìobaire Iain MacIllFhialain à Dùn Omhain mar chuimhne air an ionnsaigh.
Cluinnidh sinn caismeachd Iain agus iomradh air cuid de na chailleadh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Air an ochdamh san naoitheamh latha deug dhen t-Samhain 1916 chunnacas na h-ionnsaighean mu dheireadh aig Batail Ancre agus an Somme. Bha sneachd is flin a' ciallachadh gun robh e gu math duilich dha na feachdan Co-chòmhraigeach an t-adhartas a bha iad ag iarraidh a dheà namh. Cluinnidh sinn mar a chaidh bailtean Beaumont Hamel agus Beaucourt an gabhail thairis gun teagamh ach nach do chuir iad là mh air Serre neo air an taobh a tuath dhen loidhne Ghearmailteach. Cha robh an t-sìde na chuideachadh oir bha am poll 's an clà bair a' cuideachadh an luchd-dìon, a' ciallachadh nach b'urrainn dha na feachdan Co-chòmhraigeach tancaichean a chleachdadh agus a' deà namh conaltradh fìor dhuilich cuideachd.
Cluinnidh sinn cuideachd mu dhuais a fhuair Dòmhnall Macleòid às an Rubha a Leòdhas airson bà t'-aigeil Gearmailteach a chuir fodha agus aithris anns an Ross-shire Journal a bha a' deà namh mìneachadh air an à ireamh shoithichean a bha iomairt bà t'-aigeil nan Gearmailteach air a chur fodha.
Rugadh Uilleam Labhraidh do theaghlach a bha ag obair anns na cuaraidhean sglèata ann am Baile Chaolais agus dh'ionnsaich e na ciad phuirt aige air a' phìob bho athair, Eoghainn Thòmais Uilleim. Ann an 1910 b' e Uilleam Labhraidh an dara pìobaire riamh a ghlèidh na buinn òir san Òban agus an Inbhir Nis air an aon latha. Ceithir bliadhna às dèidh sin ghabh e thairis bho Sheòras Ross mar Mhà idsear na Pìoba air an ochdamh batà ilian de Rèiseamaid Earra-Ghà idheal agus Shutharlann. Ach dh'fhàs e bochd sna trainnsichean san Fhraing agus dh'èug e ann an ospadal an Oxford air an 28mh den t-Samhain 1916.
Last on
More episodes
Broadcasts
- Mon 5 Dec 2016 12:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Mon 5 Dec 2016 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 11 Dec 2016 13:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal