28/11/2016
Gheibh sinn sgeulachd Iain Spà innteach agus Ailean a' Chnuic anns an litir bheag na seachdain aig Ruaraidh MacIllEathain. A short letter for Gaelic learners.
Last on
Corresponding Litir
Litir do Luchd-ionnsachaidh 907
Clip
-
An Litir Bheag 603
Duration: 03:15
An Litir Bheag 603
Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Spà innteach, Iain MacDhòmhnaill à Cnòideart. Thachair e ri fear a bha an là thair nuair a chaidh mìle not a ghoid bhuaithe. Chuir Iain an duine air a dhruim dìreach agus theich e.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chuir e ri chèile buidheann de chòignear. Thill iad do thaigh Chailein Deirg ann an dùthaich ʼic Coinnich. Ach bha ceathrad fear armaichte aig Cailean. ‘Tha an t-airgead air a chaitheamh,’ thuirt e ri Iain.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Ma tha,’ ars Iain, ‘tha duais ann dhaibhsan a chaith e.’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Dè an duais?’ dh’fhaighnich Cailean.
‘A’ chroich,’ fhreagair Iain.
Dh’èirich sluagh Chailein. Tharraing Iain a ghunna agus a bhiodag. Fhuair e fhèin ʼs a chompanaich air falbh gun dòrtadh-fala.
Thà inig lighiche ainmeil a thadhal air Iain ann an Cnòideart. Bha iad ag iasgach. Thà inig soitheach cogaidh. Dh’iarr an lighiche air Iain a thoirt don t-soitheach. Bha e airson bathar medigeach a cheannach bhuapa. Bha Iain a’ toirt a’ chreidsinn gur e sgalag a bh’ ann.
B’ e an soitheach am Porcupine, fo stiùir a’ Chaiptein Fheargasdain. Bha esan ainmeil airson a bhrùidealachd an aghaidh nan Seumasach. Bha e cinnteach gun robh Iain na Sheumasach. Chuir e an grèim e.
Ìý
Rà inig iad Caol Mhuile. Chaidh Iain a chur gu soitheach cogaidh eile, an uair sin chun a’ Ghearasdain.
Bha an criutha Èireannach. Dh’inns iad do Iain ann an Gà idhlig na h-Èireann gum b’ e am fear a bhrath e an Caiptean Ailean Dòmhnallach, Ailean a’ Chnuic, às an Eilean Sgitheanach.
Bha Iain sa phrìosan airson naoi mìosan. Goirid an dèidh sin, bha e ann an Gleann Eilg. Thachair e ri Ailean a’ Chnuic. Mhaoidh Iain air.
Bha Ailean dhen bheachd gun robh Iain a’ dol ga mhurt. Theich e don ghearasdan ann an Gleann Eilg. Cha do dh’fhà g e an gearasdan an dèidh sin gun dithis shaighdearan a bhith na chois.
Ach cha do mhuirt Iain Spà innteach e. Phòs e agus chaidh e a dh’fhuireach ann an Cnòideart. Ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773), chaidh e a dh’Ameireagaidh a Tuath, far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha.ÌýThe Little Letter 603
Bha mi ag innse dhuibh mu Iain Spà innteach, Iain MacDhòmhnaill à Cnòideart. Thachair e ri fear a bha an là thair nuair a chaidh mìle not a ghoid bhuaithe. Chuir Iain an duine air a dhruim dìreach agus theich e.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý Chuir e ri chèile buidheann de chòignear. Thill iad do thaigh Chailein Deirg ann an dùthaich ʼic Coinnich. Ach bha ceathrad fear armaichte aig Cailean. ‘Tha an t-airgead air a chaitheamh,’ thuirt e ri Iain.
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Ma tha,’ ars Iain, ‘tha duais ann dhaibhsan a chaith e.’
ÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘Dè an duais?’ dh’fhaighnich Cailean.
‘A’ chroich,’ fhreagair Iain.
Dh’èirich sluagh Chailein. Tharraing Iain a ghunna agus a bhiodag. Fhuair e fhèin ʼs a chompanaich air falbh gun dòrtadh-fala.
Thà inig lighiche ainmeil a thadhal air Iain ann an Cnòideart. Bha iad ag iasgach. Thà inig soitheach cogaidh. Dh’iarr an lighiche air Iain a thoirt don t-soitheach. Bha e airson bathar medigeach a cheannach bhuapa. Bha Iain a’ toirt a’ chreidsinn gur e sgalag a bh’ ann.
B’ e an soitheach am Porcupine, fo stiùir a’ Chaiptein Fheargasdain. Bha esan ainmeil airson a bhrùidealachd an aghaidh nan Seumasach. Bha e cinnteach gun robh Iain na Sheumasach. Chuir e an grèim e.
Ìý
Rà inig iad Caol Mhuile. Chaidh Iain a chur gu soitheach cogaidh eile, an uair sin chun a’ Ghearasdain.
Bha an criutha Èireannach. Dh’inns iad do Iain ann an Gà idhlig na h-Èireann gum b’ e am fear a bhrath e an Caiptean Ailean Dòmhnallach, Ailean a’ Chnuic, às an Eilean Sgitheanach.
Bha Iain sa phrìosan airson naoi mìosan. Goirid an dèidh sin, bha e ann an Gleann Eilg. Thachair e ri Ailean a’ Chnuic. Mhaoidh Iain air.
Bha Ailean dhen bheachd gun robh Iain a’ dol ga mhurt. Theich e don ghearasdan ann an Gleann Eilg. Cha do dh’fhà g e an gearasdan an dèidh sin gun dithis shaighdearan a bhith na chois.
Ach cha do mhuirt Iain Spà innteach e. Phòs e agus chaidh e a dh’fhuireach ann an Cnòideart. Ann an seachd ceud deug, seachdad ʼs a trì (1773), chaidh e a dh’Ameireagaidh a Tuath, far an do chuir e seachad an còrr de a bheatha.ÌýBroadcast
- Mon 28 Nov 2016 19:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
All the letters
Tha gach Litir Bheag an seo / All the Little Letters are here.
Podcast: An Litir Bheag
The Little Letter for Gaelic Learners
An Litir Bheag air LearnGaelic
An Litir Bheag is also on LearnGaelic (with PDFs)
Podcast
-
An Litir Bheag
Litirichean do luchd-ionnsachaidh ura. Letters in Gaelic for beginners.