Main content
Sorry, this episode is not currently available

An t-Urr Ailig M MacLeòid nach maireann 1992

Seirbheis bho thasglann a' BhBC bho 1992 còmhla ris an Urr Ailig Murchadh MacLeòid nach maireann. An archive Gaelic service with the late Reverend Alex Murdo MacLeod from 1992.

Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm is na leughaidhean a leanas:
Salm 96: 8-9 air fonn Evan agus 's e Iain MacRath a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch
Salm 130: 3-5 air fonn Kilmarnock agus 's e Ailig Iain Màrtainn a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Cheann Loch

Leughadh : Corintianaich 5
Gnìomharan 17: 30-31

B'e duine socair, sochaireach a bh'ann an Alasdair M agus bha doimhneachd na smuaintean, agus inntinn a' ruith gu raointean àirde gu tric, agus còmhla ris an seo bha mac-meanmna iongantach aige, lèirsinn agus cinnt às a bheachd. Mar theachdaire, b'e measgachadh de theagasg-fiosrachaidh agus cuideachd teagasg air mar a chuireadh duine seo an gnìomh a bh' aige - deagh eisimpleir air dòigh-teagaisg na cùbaid Ghàidhealaich. B' urrainn dha cuideachd a bhith ag innse mu chreideamh fhèin agus bha e math air a bhith ag èisteachd le co-fhaireachdainn.
Chaill e a mhàthair agus e fhathast na leanabh agus chaidh e fhèin agus a bhràthair a thogail len seanmhair. Chaidh e don sgoil ionadail agus do dh' Àrd-sgoil Mhicneacail ann an Steòrnabhagh. Nuair a bha e ochd bliadhna deug chaidh e do Fheachd an Adhair, agus nuair a chuir e crìoch air a Sheirbheis Nàiseanta bha e ag obair aig Aluminium Bhreatainn ann an Ceann Loch Lìobhann agus cuideachd ann an obair an dealain a thaobh thogalach. Rinn e an àirde inntinn a chur ri Eaconomaics agus thòisich e ann an Colaiste - air taobh an iar na h-Alba - a' ceumnachadh le BSc (Lunnainn) agus cuideachd mar bhall a bhuineadh don Cholaist'. Bha e fad na h-ùine sin a' frithealadh Eaglais Shaor Phartaig ann an Glaschu. B' ann an seo a chaidh e air adhart airson a' chiad uair, a' sealltainn gu follaiseach a chreideamh ann an Iosa Criosd, agus goirid an dèidh sin fhuair e gairm don mhinistrealachd.
Nuair a bha e deiseil anns a' Cholaist' ann an Dùn Èideann ann an 1963 chaidh a phòsadh ri Eaglais Cheann Loch ann an Leòdhas. Bha e dìleas mar sheirbheiseach dhaibh gus na leig e dheth a dhreuchd ann an 1997. Tràth na mhinistrealachd phòs e Criosaidh NicChoinnich a bha na bean-teagaisg. Bha e air Bòrd an Fhoghlaim aig Comhairle nan Eilean agus bha e cuideachd air Bòrd na Slàinte. Bha e na fhear-cathrach air comataidh Bethesda airson a' chiad naoi bliadhna a bha an dachaigh ann am bith.
Ann an 1994 chaidh a thaghadh mar Mhodaràtor agus Riochdaire na h-Eaglaise Saoire aig tachartasan anns na Stàitean Aonaichte agus ann an Astràilia. Goirid an dèidh a dhreuchd a leigeil dheth, chuir Alasdair agus Chrissie seachad mìosan a chòrd riutha gu mòr anns a' Cholaist' Dumasani, ann am Baile Rìgh Uilleim, ann an Afraga a Deas.

30 minutes

Broadcasts

  • Sun 23 Oct 2016 21:00
  • Sun 28 Jul 2019 21:00
  • Sun 20 Mar 2022 21:00