Main content
Sorry, this episode is not currently available

Am Bonn Ã’ir/The Mod Gold Medal

Episode 3 of 21

Sgeulachd Bonn Òir cliùiteach a' Chomuinn Ghàidhealaich. The story of the prestigious Comunn Gàidhealach Gold Medal.

Ann an 2015 choisinn Catrìona NicNèill bonn òir cliùiteach a' Chomuinn Ghàidhealaich. B' i aon den fheadhainn a b'ùire ann an loidhne fhada de sheinneadairean, agus tha Catrìona a' beachdachadh air a' bliadhna, agus a' toirt sùil air eachdraidh na farpais shònraichte seo - aon de phrìomh fharpaisean seinn Ghàidhlig ann an Alba. Chaidh na ciad Buinn Òir a bhuannachadh ann an 1893 san Òban, agus bhon uairsin tha an fharpais air diofar atharrachaidhean fhaicinn - a thaobh cruth, an àireamh a tha a' gabhail pàirt, agus anns an dòigh seinn. Gheibh Catrìona an tuilleadh a-mach mu na h-atharrachaidhean sin, agus seallaidh i cuideachd air na leasachaidhean ann an saoghal ciùil na Gàidhlig. A bheil an aon urram fhathast ann co-cheangailte ri a bhith a' buannachadh a' bhuinn òir? Dè na bha e a' ciallachadh dhaibhsan a choisinn e thar nam bliadhnaichean, agus dè na cothroman a th'ann dhaibh-san a tha ga bhuannachadh san là an-diugh. Am measg an fheadhainn a tha a' gabhail pàirt - Ceana Chaimbeul, Darren MacIlleathain, Tormod MacIlleathain, Kirsteen NicDòmhnaill, Mairead NicLeòid, agus Anna Latharna NicIlliosa. Am Bonn Òir - turas tro na bliadhnaichean, a' coimhead air an fheadhainn a tha air Bonn Òir cliùiteach a' Chomuinn Ghàidhealaich a chosnadh.

In 2015, Carrie MacNeil was the latest in a long line of singers to win the prestigious Comunn Gàidhelach Gold Medal. A year on, Carrie reflects on her year and looks at the history of this iconic competition, one of the premier awards for Gaelic singing in Scotland.

The first gold medals were won in 1893 in Oban, and since then the competition has seen many different changes - in format, in numbers taking part, and in styles of singing. Carrie finds out more about the changes there have been over the years and also looks at the changes in Gaelic music generally. Does winning the gold medal still mean the same now as it did in the past? What did it mean for those who have won it over the years, and what opportunities are there now for the Mod Gold Medallists? Amongst those taking part are Kenna Campbell, Darren MacLean, Norman MacLean, Kirsteen MacDonald, Margaret MacLeod and Anne Lorne Gillies.

The Mod Gold Medal - a journey through the decades, looking at those who have won the prestigious Comunn Gàidhealach Gold Medal.

58 minutes

Broadcasts