Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 107

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Gilleasbuig MacDonald presents events from World War I in the past week 100 years ago.

Tha Gilleasbuig an t-seachdain sa a' toirt a' chiad iomradh air leabahar-là te air am fàs sinn eòlach sna prògraman - Iseabail Ros às an Ath Leathann san Eilean Sgìtheanach - agus an iomradh mu dheireadh air Eoghainn MacArtair à Cill Daltain an Ìle, air na dh'fhàs sinn cho eòlach, nuair a chaill e a bheatha às dèidh dha a bhith air a leòn air a' Somme air an 16mh den Lùnastal 1916.

Chaidh Iseabail Ros tron fhoghlam ann an Colaiste nan Leadaidhean an Dùn Èideann agus fhuair i obair a' teagasg còcaireachd ann an Sgoil Atholl Crescent. Goirid an dèidh dhan Chogadh tòiseachadh chaidh i dh'èisteachd ri òraid leis an Dotair Elsie Inglis a bha aig an àm a' sireadh bhoireannaich a rachadh gu ruige Serbia a dh'obair ann an Aonad Ospadal nam Mnathan Albannach (Scottish Women's Hospital Unit), am buidheann a thòisich i fhèin. Chum Iseabail leabhar-là a chaidh fhoillseachadh fon ainm Little Grey Partridge an dèidh a bàs ann a 1965.

10 minutes

Last on

Fri 12 Aug 2016 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 11 Aug 2016 21:00
  • Fri 12 Aug 2016 11:50