Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na bha tachairt sa Chiad Chogadh ceud bliadhna an ama seo. Le Gilleasbuig MacDhòmhnaill. Events from the last three weeks 100 years ago in the First World War.

Nuair a bha daoine a' cur an aghaidh a bhith air an togail dhan Chogadh, bha iad an toiseach a' dol gu Tribiùnal Ionadail ach, mura robh iad riaraichte leis a' cho-dhùnadh acasan, dh'fhaodadh iad a dhol gu Tribiùnal Tagraidh no Military Service Appeals Tribunal.

Chùm an Tribiùnal Tagraidh airson Siorrachd Inbhir Nis sreath choinneamhan ann am Port Rìgh a' chiad seachdain dhen Ògmhios, a' coimhead ri còrr is 200 cùis thairis air còig là agus tha iomaradh aig Gilleasbuig MacDhòmhnaill air na thachair.

Dh'aontaich Breatainn is an Fhraing tràth ann an 1916 ionnsaigh a thoirt eatarra air trainnsichean na Gearmailt aig Abhainn Somme an ceann-a-tuath na Frainge: bha iad an dòchas gu h-àraidh gun toireadh seo air na Gearmailtich saighdearan a tharraing air ais à Verdun, far an robh Arm na Frainge a' fulang call-beatha mòr.

Bha na gunnaichean-mòra aca air a bhith losgadh air loidhne na Gearmailt fad seachdain ron ionnsaigh ach bha a' chuid mhòr de na Gearmailtich fo dhìon ann an tunailean làidir. Mar sin cha do rinn na seilichean uimhir millidh 's a bha dùil ach thug iad rabhadh dha na Gearmailtich gu robh ionnsaigh a' tighinn is rinn iad deiseil air an son.

Thòisich an ionnsaigh aig 0730 air 1mh den Iuchair, le Arm Bhreatainn a' gluasad air adhart air taobh tuath an Somme is na Frangaich gu deas.

Thàinig saighdearan na Gearmailt às na tunailean cho luath 's a thachair sin is thòisich iad a' losgadh nan gunnaichean-luath aca. Chaidh milleadh mòr a dhèanamh air saighdearan Bhreatainn gu h-àraidh is b' eudar dhaibh mu dheireadh tilleadh dha na trainnsichean aca.

Cluinnidh sinn mar a thachair.

30 minutes

Last on

Sun 17 Jul 2016 13:00

Broadcasts

  • Mon 11 Jul 2016 12:00
  • Mon 11 Jul 2016 22:00
  • Sun 17 Jul 2016 13:00