08/05/2016
Tha Ruaraidh MacIlleathain ag innse dhuinn mu Bhliadhna nan Caorach 1792 - le muinntir Rois is Cataibh a' sgiùrsadh na caoraich às na sgìrean aca.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 573
Clip
-
Litir do Luchd Ionnsachaidh 877
Duration: 05:00
Litir 877: Bliadhna nan Caorach (2)
Bha mi ag innse dhuibh mu Bhliadhna nan Caorach – seachd ceud deug, naochad ’s a dhà (1792). Bha muinntir Rois is Chataibh ag obair an aghaidh nan caorach a bha a’ sìor ghabhail à ite nan daoine air a’ Ghà idhealtachd. A rèir cunntas ann am pà ipear-naidheachd ann an Dùn Èideann, chaidh trì mìle caora aig aon ‘duin-uasal’ a bhà thadh. Chaidh teine a chur ri cuid de choilltean cuideachd. Bhathar a’ tomhas gun robh ceithir cheud de luchd-aimhreit ann.
           Thòisich na h-uachdarain air seasamh nan aghaidh – ann an Siorrachd Inbhir Nis a cheart cho math ri Ros is Cataibh. Fhuair iad taic bho shaighdearan à Gearasdan Deòrsa – trì companaidhean dhen dà rna rèisimeid thar an dà fhichead. Tha iad nas aithnichte dhuinn mar ‘Am Freiceadan Dubh’.
           Fhuair na saighdearan grèim air ceannardan na h-aimhreit agus chuir iad don phrìosan ann an Inbhir Pheofharain iad. Ach tron oidhche, nochd grà isg taobh a-muigh a’ phrìosain. Bhris iad a-steach agus shaoraich iad na prìosanaich. Cha do chuir na saighdearan stad orra agus thuirt cuid gun robh iad air an doras fhà gail fosgailte. Saoil a bheil clann Rois an Ear ag ionnsachadh mu dheidhinn rudan mar seo anns na clasaichean eachdraidh aca?!
           Cha robh na h-uachdarain no na mòr-uaislean riaghlaidh a’ dol a ghèilleadh, ge-tà . Bha an t-eagal orra gun leanadh na Gà idheil eisimpleir na Frainge far an robh an t-ar-a-mach soirbheachail agus an guillotine trang.
           Ged as e ‘luchd na h-aimhreit’ a chanadh daoine ris na Gà idheil a bha a’ seasamh an còraichean à rsaidh, cha robh cus de dh’aimhreit ann. Sgrìobh fear-naidheachd à Inbhir Pheofharain nach do mharbh iad aon chaora airson biadh, ged a bha iad a’ fulang gu mòr le acras.
           Ach an do thuig na h-uachdarain gun robh iad a’ sparradh ana-ceartas air na daoine à bhaisteach? A rèir choltais, cha do thuig. Sgrìobh Siorram Rois, Dòmhnall MacLeòid, gum b’ urrainn treudan chaorach a thoirt a-steach don Ghà idhealtachd gu maith nan daoine bochda, a bharrachd air na h-uachdarain. Bha fearann monaidh air feadh Siorrachd Rois, thuirt e, nach robh gu feum ach do chaoraich. Dh’fhaodadh an sluagh a dhol am meud agus toileachas nan daoine cho math. Aidh, uill, ’s dòcha gun robh e ga mhealladh fhèin.
           Ach b’ fheudar do chuid de luchd na h-aimhreit teicheadh bhon sgìre aca. Mar eisimpleir, bha triùir à Srath Rùsdail anns a’ phrìosan ann an Inbhir Nis ach rinn iad an dol-à s. B’ iad sin Iain Aird, Ùisdean Breac MacCoinnich agus Ailean Dòmhnallach. Chaidh Iain am falach sa mhonadh faisg air Srath Rùsdail. Ach mus do thòisich an geamhradh, dh’fhalbh e gu Moireibh agus dh’fhuirich e an sin airson a’ chòrr de a bheatha. Chaidh Ùisdean am falach ann an toll fon taigh aige. Dh’fhalbh esan a Mhoireibh cuideachd agus cha do thill e dhachaigh. Agus chaidh Ailean a dh’fhuireach ann an Cille Chuimein.
           Nam biodh na h-ùghdarrasan air grèim fhaighinn air Iain is Ùisdean bha iad air an cur a-null thairis airson seachd bliadhna. Ach cha d’ fhuair iad grèim orra. No bha iad sà saichte nach biodh an dithis an sàs ann an ar-a-mach a-rithist.
           Tha an aimhreit a’ dearbhadh gun do sheas cuid de ar sinnsirean an aghaidh ana-ceartas. Ach, aig a’ cheann thall, ’s iad na h-uachdarain agus na caoraich a bhuannaich. Ann an Srath Rùsdail an-diugh, tha na caoraich pailt agus tha na daoine gann.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Bliadhna nan Caorach: The Year of the Sheep; luchd-aimhreit: rioters, insurgents; Gearasdan Deòrsa: Fort George; treudan: flocks; fearann monaidh: mountain country; Srath Rùsdail: Strath Rusdale; Moireibh: Moray; Cille Chuimein: Fort Augustus. Â
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: muinntir Rois is Chataibh: the people of Ross and Sutherland; an aghaidh nan caorach a bha a’ sìor ghabhail à ite nan daoine: against the sheep who were constantly taking the place of the people; chaidh trì mìle caora a bhà thadh: three thousand sheep were drowned; nas aithnichte dhuinn mar ‘Am Freiceadan Dubh’: better known to us as ‘The Black Watch’; chuir iad don phrìosan ann an Inbhir Pheofharain iad: they put them in gaol in Dingwall; shaoraich iad na prìosanaich: they freed the prisoners; saoil a bheil clann Rois an Ear ag ionnsachadh mu dheidhinn rudan mar seo?: do you think the children of Easter Ross learn about things like this?; cha robh na h-uachdarain no na mòr-uaislean riaghlaidh a’ dol a ghèilleadh: neither the landlords nor the ruling classes were going to yield; gun leanadh na Gà idheil eisimpleir na Frainge: that the Gaels would follow the example of France; far an robh an t-ar-a-mach soirbheachail agus an guillotine trang: where the rebellion was successful and the guillotine busy; a bha a’ seasamh an còraichean à rsaidh: who were standing up for their ancient rights; gun robh iad a’ sparradh ana-ceartas air X: who were causing X to suffer injustice; ’s dòcha gun robh e ga mhealladh fhèin: perhaps he was deluding himself; rinn iad an dol-à s: they made their escape; dh’fhuirich e an sin airson a’ chòrr de a bheatha: he stayed there for the rest of his life.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: dhen dà rna rèisimeid thar an dà fhichead: of the 42nd Regiment. 42 is easy enough to say in the decimal system – ceathrad ’s a dhà eg ceathrad ’s a dhà saighdearan ‘42 soldiers’. This is instead of dà fhichead saighdear ’s a dhà . So far, so good for cardinal numbers. But with ordinal numbers (first, second etc) above ten, the vigesimal system, based on twenties, is still easier. How would you say ‘the 42nd Regiment’ in decimal numbers? Ask your teacher what his or her preference is. Here are a couple more examples: the 53rd time ‘an treas turas deug thar an dà fhichead’; the 68th year ‘an ochdamh bliadhna thar na trì fichead’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: ann an Siorrachd Inbhir Nis a cheart cho math ri Ros is Cataibh: in Inverness-shire just as much as Ross and Sutherland.
Broadcasts
- Sun 8 May 2016 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 11 May 2016 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.