Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 91

Gilleasbuig MacDhòmhnaill le geàrr-chunntas air naidheachdan a' Chiad Chogaidh. Gilleasbuig MacDonald presents a round-up of the week's events in the First World War 100 years ago.

Bha an Siathamh Division den Arm Innseanach, fon t-Seanalair Teàrlach Townshend, fo shèist aig arm na h-Ìompaireachd Ottoman o thoiseach na bliadhna 1916 ann an Kut-el-Amara, mu cheud mìle deas air Baghdad. Mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse an t-seachdain sa, rinneadh oidhirp air an t-sèist a bhristeadh aig toiseach a' Ghiblein le feachd de 30 mìle saighdear fo stiùireadh Sir Seòras Gorringe. Rinn iad a' chùis air baile Bait Aiisa a ghlacadh air an 17mh agus an 18mh den mhìos.

Cuideachd rinn Riaghaltas nan Stàitean Aonaichte gearain làidir ri Riaghlatas na Gearmailt air an 18mh mun ionnsaigh air an aiseig 'Sussex' sa Chaolas Shasannach sa Mhàrt. Agus aig an taigh, bha oidhirpean gan dèanamh gus a dhèanamh nas fhasa do shaighdearan is seòladairean a dhol dhachaigh dha na h-eileanan air fòrladh.

10 minutes

Last on

Fri 22 Apr 2016 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 21 Apr 2016 21:00
  • Fri 22 Apr 2016 11:50