Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 83

Blàr Verdun air a 21mh den Ghearran 's barrachd buaidh aig a' chogadh aig an taigh. The Battle of Verdun begins, and the effects of the war at home are becoming clear.

Thòisich Blàr Verdun air an 21mh den Ghearran 1916, nuair a thug Còigeamh Arm na Gearmailt ionnsaigh air na gearastain Fhrangach air bruaich Abhainn Meuse, an ceann an ear-thuath na Frainge. B' e an t-amas a bh' aig a' chiad ionnsaigh seo smachd fhaighinn air talamh àrd Côtes de Meuse, rud a bheireadh dhaibh sealladh math air baile Verdun agus cothrom losgadh air an Arm Fhrangach bho os-àrd. Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mar a chaidh dhaibh.

Mar a b' fhaide bha an cogadh a' dol air adhart, bha e a' toirt barrachd is barrachd buaidh air beatha dhaoine aig an taigh, mar eisimpleir a' cur suas phrìsean bidhe, aodaich is connaidh. Tha litir chun a' Highland News air an 19mh den Ghearran a' fàgail air ceannaichean gu robh iad a' gabhail brath air a' chogadh airson barrachd airgid a dhèanamh dhaibh fhèin.

Agus bha artaigil anns a' Highland News air an t-seachdain seo ag innse mu na boireannaich à Steòrnabhagh a bha ag obair ann am factaraidhean timcheall Abhainn Chluaidh.

10 minutes

Last on

Fri 26 Feb 2016 11:50

Clip

Broadcasts

  • Thu 25 Feb 2016 21:00
  • Fri 26 Feb 2016 11:50