Main content

Episode 7

Episode 7 of 10

John Urquhart guides learners through the intricacies of the Gaelic language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig. Gach seachdain, treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

Ann am prògram na seachdain sa, tha Iain a' còmhradh ris an neach-ionnsachaidh Des Scholes agus a' cluinntinn mu a roghainnean ciùil. Cuideachd sa phrògram, bidh an t-Ollamh Michel Byrne an seo le Oisean a' Ghràmair agus cluinnear an seachdamh earrann den sgeulachd ghoirid againn, An Claigeann aig Damien Hirst le Maoilios Caimbeul.

Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week, John meets Gaelic learner Des Scholes, grammar help is on hand from Dr Michel Byrne of Glasgow University and 鶹Լ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language. Listeners can also enjoy the seventh part of the serialised short story, An Claigeann aig Damien Hirst by Maoilios Caimbeul.

Available now

54 minutes

Last on

Sun 6 Jun 2021 10:30

Tar-sgrìobhadh: Smuain na Maidne

Dòmhnall Uilleam MacIlleMhoire


òԲ:
An-diugh mar gach madainn eile, bu mhath leamsa tionndadh gu seanfhacal a bha tric is minic air a chleachdadh nam èirigh suas, agus is e sin: “An rud a thig leis a’ ghaoith, falbhaidh e leis an uisge”.


’S dòcha nam òige nach robh mi buileach a’ greimeachadh air brìgh na h-abairt, ach bha mi eòlach gu leòr air an dà eileamaid ris am bheil i a’ buntainn. Cha shaoil mise gu bheil duine sam bith a chaidh a thogail anns na h-Eileanan an Iar nach eil mion-eòlach air gaoth agus uisge. Ge-tà, is e cuspair na sgeòil seo, an rud a tha a’ tighinn agus ri falbh. Agus is e a’ cheist, ciod e an rud?


Uill, nam bheachd fhìn, cha mhòr nach fhaodadh tu ràdh gu bheil seo a’ bualadh air mòran dha na tha ri fhaotainn anns an t-saoghal mhòr. Nach ann mar sin a tha an saoghal anns a bheil sinn beò? An càr gleansach, àlainn a bha cho brèagha nuair a thàinig e an toiseach chun a gheata, an-diugh na chnap meirg air nach toir sinn an dàrna sùil. An t-seacaid a chuireadh tu uaireigin ort gu sràidean a’ bhaile-mhòir an-diugh mar luideag bhrocach nach tèid mu do dhruim ach airson gàirnealaireachd neo obair peantaidh.


Eadhon nas dlùithe ri brìgh an t-seanfhachail, tha na rudan a thig gun dùil riutha, agus mus seall thu riut fhèin tha iad air falbh neo air an cosg. Chan eil fiù nach eil cuid den mhuinntir sin a ghràdhaich sinn nar n-èirigh suas air falbh, cha mhòr gun fhiost’. Cò againn a tha ag iarraidh, “Chan e seo baile a mhaireas”, a chluinntinn? Tha làn fhios againn air agus faireachdainn.

Tar-sgrìobhadh: Leugh Mi

Shona NicEanruig


Anna: Tha sibh air iarraidh air an duine eile leabhar a leughadh. An leabhar a dh’iarr thusa air Iain Tormod a leughadh, ’s e leabhar a mhol do mhàthair dhut fhèin bho chionn fhada a bh’ ann.


Shona: ’S e. Seo an leabhar. Leabhar a tha gu math beag, The Prime of Miss Jean Brodie le Dame Muriel Spark. Ged a tha an leabhar seo beag agus tana, ’s e leabhar cho cumhachdach ’s a th’ ann tha mi fhèin a’ smaoineachadh.


Anna: Carson?


Shona: Tòrr dhiofar adhbharan. Tha e èibhinn, tha e gu math tùrsach. Tha tòrr co-cheangailte ri rudan a tha gu math dorcha, cuspairean ’s dòcha a tha gu math dorcha. Ach, saidhg-eòlas, ach cuideachd co-ionannachd agus càirdean agus .....


Anna: Dìlseachd?


Shona: Dìlseachd, agus trèigsinn. Sin tha mi a’ smaoineachadh, na prìomh chuspairean agus mar a tha an t-ùghdar a tha seo a’ fuaigheal a h-uile càil a tha sin còmhla ann an leabhar cho goirid. Tha mi a’ smaoineachdadh g'eil e dìreach air leth.


Anna: Anns an aithghearrachd, innis dhuinn dè tha tachairt. Cò Miss Jean Brodie, gun fhios nach eil cudeigin a-muigh an sin nach eil eòlach air an sgeulachd.

Shona: Na truaghain, ach cluinnidh iad a-nist’! Tha Miss Brodie a’ teagasg ann an sgoil Marcia Blaine do nigheanan a-mhàin. Tha sianar a tha i a’ taghadh mar seat dhi fhèin, sianar nighean aig aois deich bliadhna. Agus, tha an leabhar a’ sealltainn dhuinn mar a tha an tidsear a tha sin air buaidh a thoirt air na h-igheanan suas, uill, nuair a dh’fhàgas iad an sgoil aig seachd deug, ach dh’fhaoideamaid a ràdh fad am beatha.

Tar-sgrìobhadh: An Claigeann aig Damien Hirst

An oidhche sin, bha a h-uile càil air a chur air dòigh aige. Bha na geàird-fhaire aige a-muigh leis na coin gun sgur a’ dol timcheall an taighe mar a bhiodh iad a h-uile latha dhen bhliadhna. Ach a-nochd bha barrachd dhiubh ann agus chaidh a ràdh riutha a bhith gu h-àraidh furachail. Thàinig a’ bhan leis a’ chlaigeann gu doras-aghaidh an taighe ann an Cranleigh aig deich uairean agus ghiùlain na geàird an claigeann a-staigh dhan t-seòmar a b’ fheàrr leis, seòmar-suidhe mòr, brèagha, le dealbhan ainmeil air na ballachan le Millet, Picasso agus Francis Bacon. Ann am meadhan an t-seòmair bha bòrd mòr, eireachdail, mahogany. Agus ann am meadhan a’ bhùird, bha cuisean dearg. Chaidh an claigeann deàlrach a chur gu faiceallach air a’ chuisean agus dh’fhalbh na geàird.


Ghlas e na dorsan. Bha e leis fhèin leis a’ chlaigeann. Dhòirt e drama uisge-beatha dha fhèin agus shuidh e sìos aig ceann a’ bhùird a ghabhail beachd air an dèideag mhìorbhaileach a bha e air a cheannach. Esan, Slim, nach e bha air faighinn air adhart o bha e na phàiste bochd ann an Durham. Dhèanadh an claigeann seo ainmeil e. Jon Fairly, an duine leis an robh an claigeann aig Damien Hirst.


Shuidh e a’ coimhead air a’ chlaiginn, mar a bha e air a dhèanamh. Na daoimeanan air an seatadh cho faiceallach agus cho mionaideach anns a’ mheatailt, na mìltean dhiubh agus an daoimean mòr sgoinneil ann am meadhan a’ mhaoil. Ach ’s e bu mhotha a dhrùidh air, na fiaclan, iad cho geal agus slàn agus beò a’ coimhead, am beul fosgailte, a’ gàireachdainn ris. Na cùlagan cho mòr agus deiseil airson biadh a chagnadh; na clàr-fhiaclan deiseil gus feòil a reubadh. Cha robh beàrn no cosg annta le cus bleith. Feumaidh gur ann le duine òg a bha iad air a bhith.


Agus bha an claigeann slàn cho toilichte a’ coimhead, samhla soilleir, aotrom a’ magadh a’ bhàis. Agus smaoinich maighstir a’ chlaiginn cho fortanach ’s a bha e gur e esan a fhuair an claigeann seo, gur ann leis fhèin a bhiodh e gu bràth tuilleadh. Saoil cò leis a bha na fiaclan; saoil dè am biadh a bhiodh iad ag ithe? smaoinich e. Dè bhiodh an anail a bhiodh a’ tighinn eatorra ag ràdh?


“Feumaidh tu mo thiodhlachadh.” Thàinig an guth gun rabhadh sam bith mar gum biodh a-mach às an èadhar timcheall air.

Abairt na Seachdain

Smaoinich gu math an toiseach, dèandar an uair sin.

Oisean a’ Ghràmair 7: Notaichean

1. Sùil air ais (Faic BEAG AIR BHEAG 3, Prògram 6):


AIR dèanamh (‘have/had done’, perfect tenses)


‘Leugh an Leabhar’:


Tha sibh air iarraidh air an duine eile leabhar a leughadh.”
Ԩdz have asked the other person to read a book.”
“Agus tha an leabhar a’ sealltainn dhuinn mar a tha an tidsear a tha sin* air buaidh a thoirt air na h-igheanan…”
“And the book shows us how that teacher has exerted an influence over the girls…”
(* an tidsear a tha sin = an tidsear sin)


–AS (teachdail/future)


‘Leugh an Leabhar’:


“...mar a tha an tidsear a tha sin air buaidh a thoirt air na h-igheanan suas [gu], uill, nuair a dh’fhàgas iad an sgoil aig seachd deug.”
“...how that teacher has exerted an influence over the girls up to, well, when they leave school at seventeen.”


‘Smuain na Maidne’:


Chan e seo baile a mhaireas.” “This [life] is not a city that lasts.”


2. Tha e AIR A CHLEACHDADH (‘It is used’)


Faic cuideachd: BEAG AIR BHEAG Sreath 2, Prògram 6.


Smuain na Maidne:


“Bu mhath leamsa tionndadh gu seanfhacal a bha tric is minic air a chleachdadh nam èirigh suas.”
“I would like to turn to a proverb that was often and frequently used when I was growing up.”
“Mus seall thu riut fhèin, tha iad air falbh no air an cosg.”
“Before you look to yourself [Before you notice], they’re gone or spent.”


Bha mi air mo chleachdadh. ‘I was used.’ [‘I was on my ܲԲ’]
Bha thu air do chleachdadh. ‘You were used.’ [‘You were on your ܲԲ’]
Bha e air a chleachdadh. ‘He / It (masc.) was used.’ [‘He was on his ܲԲ’]
Bha i air a cleachdadh. ‘She / It (fem.) was used.’ [‘She was on her ܲԲ’]
Bha sinn air ar cleachdadh. ‘We were used.’ [‘We were on our ܲԲ’]
Bha sibh air ur cleachdadh. ‘You (pl.) were used.’ [‘You were on your ܲԲ’]
Bha iad air an cleachdadh. ‘They were used.’ [‘They were on their ܲԲ’]


Bha an seanfhacal air a chleachdadh.
‘The proverb was used.’ [‘was on its ܲԲ’]
Bha seanfhaclan air an cleachdadh.
‘Proverbs were used.’ [‘were on their ܲԲ’]


Bha an t-airgead air a chosg.
‘The money was spent.’ [‘was on its Ի徱Բ’]
Tha na rudan sin air an cosg.
‘Those things are spent/used up.’ [‘are on their spending/using up’]


Tha an còta seo air a dhèanamh airson droch thìde.
‘This coat is made for bad weather.’ [‘is on its 쾱Բ’]
Tha na botannan seo air an dèanamh airson coiseachd.
‘These boots are made for walking.’ [‘are on their 쾱Բ’]


Tha an geama seo air a chluich le co-dhiù dà sgioba.
‘This game is played with at least two teams.’ [‘is on its ⾱Բ’]
Bha na fuinn air an cluich ro luath.
‘The tunes were played too quickly.’ [‘were on their ⾱Բ’]


Tha an t-òran seo air a sheinn le iomadach duine.
‘This song is sung by many people.’ [‘is on its ԲԲ’]
Chan eil na h-òrain seo air an seinn no air an cluinntinn gu tric.
‘These songs aren’t sung or heard often.’ [‘aren’t on their singing / their 𲹰Բ’]


Chan eil an taigh air a thogail fhathast.
‘The house isn’t built yet.’ [‘isn’t on its ܾ徱Բ/Բ’]
Bha na taighean air an togail an-uiridh.
‘The houses were built last year.’ [‘were on their ܾ徱Բ/Բ’]


Bha a’ phuing seo air a togail mar-thà ann an Sreath a Dhà.
‘This point was raised already in Series Two.’ [‘was on her Բ’]
An robh na puingean seo uile air an togail mar-thà?
Were all those points raised before?’ [‘were they on their Բ’]

Broadcasts

  • Sun 29 Nov 2015 21:28
  • Wed 2 Dec 2015 12:00
  • Wed 2 Dec 2015 22:00
  • Sun 6 Dec 2015 10:30
  • Sun 21 Feb 2016 21:30
  • Wed 24 Feb 2016 12:00
  • Wed 24 Feb 2016 22:00
  • Sun 28 Feb 2016 10:31
  • Sun 30 May 2021 21:30
  • Wed 2 Jun 2021 12:00
  • Wed 2 Jun 2021 22:00
  • Sun 6 Jun 2021 10:30

Podcast