Episode 69
Aithris air tiodhlacadh Iain Mhic an Lèigh an Campa Ghroningen is an Anglia dha cuir fodha. John MacLeay's funeral at the camp in Groningen and the hospital ship Anglia is sunk.
An t-seachdain sa tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mu aithris ann an iris na h-Eaglaise Saoire, a Monthly Record, san t-Samhain 1915, anns a robh iomradh air bàs fear Iain Mac an Lèigh no Iain Puth mar a chante ris. Bhuineadh e do Shiadar an Taobh Siar agus tha e coltach gu robh e gu ìre mhòr mar mheadhan air ministear le Gà idhlig fhaighinn airson a' champa anns an robh e fhèin agus mòran eileanaich eile nam prìosanaich ann an Groningen san Òlaind. Cluinnidh sinn an aithris air an tiodhlacadh aige.
Cuideachd, beagan an dèidh meadhan-latha, air 17mh den t-Samhain, chaidh bà ta air an robh an Anglia a chur fodha le mèinn faisg air Dòbhar.
Chaidh an Anglia a thogail ann an gà rradh-iarainn Uilleam Denny ann an Dùn Breatainn agus ron chogadh bha i ag aiseag luchd-siubhail eadar Èirinn agus Alba. Aig toiseach a' chogaidh chaidh a gabhail thairis leis an Riaghaltas airson a bhith ag aiseag shaighdearan leòinte dhachaigh às an Fhraing.
Bha mu cheithir cheud neach air bòrd nuair a bhuail i ann am mèinn a bha UC-5 air fhà gail. Chaidh a tolladh agus thòisich i a' dol fodha gu luath. Cluinnidh sinn aig Gilleasbuig mar a thachair.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 191115
Duration: 10:00
A Very Unimportant Officer
An leabhar A Very Unimportant Officer – My Grandfather’s Great War le Cameron Stewart far an robh an Caiptean Alasdair Stiùbhart a bha sa Chiad Bhatà lian de na Camshronaich, a’ coimhead air ais air leabhar-latha a chùm e san Fhraing aig à m a’ Chogaidh agus Seachdain sa Chogadh a’ togail air na bha e ‘g rà dh mu cho cudromach agus a bha ruma dhaibh. <?xml:namespace prefix = o ns = "urn:schemas-microsoft-com:office:office" />
Broadcasts
- Thu 19 Nov 2015 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 20 Nov 2015 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal