01/11/2015
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air muile-mhà gag - an itheadh sibh fhèin fear dhuibh? Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 546
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 850
Duration: 05:00
Litir 850: Muile-mhà gag
An itheadh sibh muile-mhà gag? Nuair a tha mi a’ meòrachadh air a’ cheist, tha sgreamh a’ tighinn orm. Ghia! Cò dh’itheadh muile-mhà gag?! Uill, a rèir beul-aithris, dh’ith fear de ghaisgich nan Gà idheal tè – agus ’s dòcha gun robh sin am measg nan adhbharan a bha e cho ... uill … gaisgeil. No an e gu feumadh tu a bhith gaisgeil airson tè ithe?!
           Nise, bu chòir dhomh dhèanamh soilleir dè tha mi a’ ciallachadh le ‘muile-mhà gag’. Tha mi a’ ciallachadh toad. Ach tha fhios a’m, ann am mòran sgìrean, gu bheilear a’ cleachdadh ‘muile-mhà gag’, no facal coltach, airson frog.
Tha abairt à Siorrachd Pheairt – cha b’ ann air muileacha-mà g a chaidh m’ à rach. A rèir choltais, tha sin a’ ciallachadh ‘I wasn’t raised on frogs’, seach air ‘³Ù´Ç²¹»å²õ’. Tha mi a’ tuigsinn gum bite ga cleachdadh airson a rà dh ri neach eile, ‘Chan eil mi faoin!’ Cha b’ ann air muileacha-mà g a chaidh m’ à rach.
           Airson adhbhar air choreigin, gun luaidh air cho gann ’s a tha iad, agus gum bu chòir an dìon, chan eil sinn uabhasach dèidheil air uisge-thìrich mar bhiadh, a bheil? ’S dòcha gun do dh’fheuch sibh losgann no frog. Tha na Frangaich measail orra – co-dhiù air na casan aca. Dh’fheuch mi casan losgainn aon turas, ach chan ann san Fhraing a bha e. Bha mi ann an Thailand. Tha iad measail orra an sin cuideachd, agus bidh iad ag à rach losgannan airson taighean-bìdh. Ach – muile-mhà gag – toad – ’s e sin ceist eile.
           Agus cò e an seann ghaisgeach ³Òà ¾±»å³ó±ð²¹±ô²¹³¦³ó a dh’ith muile-mhà gag? Cò, ach Alasdair mac Colla Chiotaich, an sà r-shaighdear a bha a-mach cuide ri Montròs ann am meadhan an t-seachdamh linn deug.
           An e muile-mhà gag no losgann a dh’ith e? Chan eil mi cinnteach. Ach bha daoine a’ creidsinn gun robh clach luachmhor ann an ceann nan ainmhidhean sin. Bha sin eadhon anns an dealbh-chluich ‘As You Like It’ le Uilleam Shakespeare.
Agus sgrìobh an sgoilear Cuimreach, Eideard Lhuyd, gur e ‘a’ chlach mhuile-mhà gag molag a tha iongantach na cumadh agus a farsaingeachd de dhathan. Thathar dhen bheachd gun cuir i stad air losgadh taighe, agus cur-fodha bà ta. Agus, ma bhios tè aig commandair air blà r-catha, bidh an dà rna cuid buaidh aige air an latha no bidh na daoine gu lèir aige a’ faighinn bàs sa spot.’
           Chaidh stòiridh annasach a chlà radh mu mhuile-mhà gag mhòr aig Ach a’ Ghobhail ann am Morbhairne. Bha ainm sònraichte air – ‘Seid’ – agus bha e ri lorg ann am boglach air an robh ‘Lòn na Seid’ mar ainm. Dh’fheuch fear ri a glacadh – airson a’ chlach fhaighinn – air latha fuar geamhraidh nuair a bha an lòn reòite. Rinn e toll san deigh agus leig e le dòbhran, a bh’ aige mar pheata, a dhol troimhe. Dh’fhan e gus an tigeadh a’ mhuile-mhà gag suas tron toll, agus an dòbhran às a dèidh. Bha bata aige na là imh.
           Ach, ’s e an dòbhran, a bha feumach air anail a ghabhail, a chuir a cheann tron toll. Gun a bhith a’ coimhead ro dhlùth, bhuail am fear e le a bhata, a’ cur às don dòbhran sa spot. Agus dè thachair don mhuile-mhà gag – chan eil fhios a’m.
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Ghia!: Yuch!; Siorrachd Pheairt: Perthshire; ³Ü¾±²õ²µ±ð-³Ù³óì°ù¾±³¦³ó: amphibians; dearc-luachrach: newt; Cuimreach: Welsh; Ach a’ Ghobhail: Achagavel; Morbhairne: Morvern.
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: An itheadh sibh muile-mhà gag?: would you eat a toad?; nuair a tha mi a’ meòrachadh air a’ cheist: when I consider the question; tha sgreamh a’ tighinn orm: I am filled with revulsion; dh’ith fear de ghaisgich nan Gà idheal tè: one of the heroes of the Gaels ate one; an e gu feumadh tu a bhith gaisgeil airson tè ithe?: is it that you’d have to be heroic to eat one?; gum bite ga cleachdadh airson a rà dh ri neach eile: that it would be used to say to another person; gun luaidh air cho gann ’s a tha iad, agus gum bu chòir an dìon: without mentioning how rare they are, and that they need protection; dh’fheuch mi casan losgainn aon turas: I tried frog legs once; bidh iad ag à rach losgannan: they breed frogs; gur e a’ chlach mhuile-mhà gag molag a tha iongantach na cumadh agus a farsaingeachd de dhathan: that the toad-stone is some pebble, remarkable for its shape and … variety of colours; thathar dhen bheachd gun cuir i stad air losgadh taighe, agus cur-fodha bà ta: [it] is presumed to prevent the burning of a house and the sinking of a boat; ma bhios tè aig commandair air blà r-catha: if a commander in the field has one of them about him; bidh an dà rna cuid buaidh aige air an latha no bidh na daoine gu lèir aige a’ faighinn bà s sa spot: he will either be sure to win the day or all his men shall fairly die on the spot; nuair a bha an lòn reòite: when the pool was frozen; leig e le dòbhran, a bh’ aige mar pheata, a dhol troimhe: he let a pet otter go through; bhuail am fear e le a bhata: the man hit him with his stick.Â
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: cò e an seann ghaisgeach ³Òà ¾±»å³ó±ð²¹±ô²¹³¦³ó: the old Gaelic hero. Why is gaisgeach lenited whereas ³Òà ¾±»å³ó±ð²¹±ô²¹³¦³ó is not? The reason is that seann brings about lenition in the following noun, but that does not transfer to a qualifying adjective. And because the noun is masculine and in the nominative (nominal) singular case, the adjective is unlenited.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: cha b’ ann air muileacha-mà g a chaidh m’ à rach: it isn’t on frogs I was raised ie I’m not that naïve.
Broadcasts
- Sun 1 Nov 2015 22:27Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 4 Nov 2015 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.