Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 66

An HMS Argyll a' dol air na creagan air taobh sear na h-Alba air an 28mh den Dàmhair 1915. The cruiser HMS Argyll is wrecked on the east coast of Scotland.

Tràth air madainn an ochdamh latha fichead dhen Dàmhar chaidh an cruiser cogaidh HMS Argyll air na creagan air taobh sear na h-Alba le còrr is sia ceud de chriutha air bòrd. Bha side mara uabhasach ann air oidhche an t-seachdamh latha fichead dhen Dàmhar le gèilltean, muir bheucach agus dìle bhàite 's an HMS Argyll a' feuchainn ri a slighe a dheànamh gu Ros Saoithe. Bha aon cheum eile aice ri fhaighinn seachad air mus ruigidh i port agus b'e sin a dhol timcheall Creag Inchcape air an robh taigh-sholuis am Bell Rock na sheasamh. Ach cha robh sin furast' an àm a' chogaidh mar a tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill aig innse.

Chaidh an HMS Hythe fodha sna Dardanelles. Bha i air a bhith a' seòladh às aonais solais gus ionnsaighean Turcach a sheachnadh, an uair a bhuail i ann an soitheach eile, HMS Sarnia a bha a' tilleadh a-mach às na Dardanelles as dèidh saighdearan a chur air tìr. Chaillear còrr air ceud gu leth den chriutha.

10 minutes

Last on

Fri 30 Oct 2015 11:50

Clip

Broadcast

  • Fri 30 Oct 2015 11:50