An t-Urr Tommy MacFhionghuin, an Eaglais Shaor
Seirbheis Ghà idhlig còmhla ris an Urr Tommy MacFhionghuin, an Eaglais Shaor. Gaelic religious service conducted by Rev Tommy MacKinnon, Free Church.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughaidhean a leanas:
Salm 36: 5-6 air fonn Martyrdom agus 's e Dòmhnall Iain MacIllFhinnein a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh .
Salm 22: 3-5 air fonn Bangor agus 's e Iain A MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Shnìosoirt .
Salm 22: 10-11 air fonn Kilmarnock agus 's e an t-Urr Seumas Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba ann an Garabost.
Leughadh: Eabhraidhich 1: 1-4 agus 2: 5-12
Ceann-teagaisg: Eabhraidhich 2:9
'S ann às an Aodann Bhà n, san Eilean Sgiathanach, a tha Mgr MacFhionghuin agus chaidh e gu Àrd-Sgoil Phort Rìgh gus an robh e còig deug. Às dèidh an sgoil fhà gail, fhuair e obair a' cà radh innealan ( 's dòcha gu bheil sin follaiseach chun an là 'n-diugh mar a chì sibh san dealbh).
Phòs Mgr MacFhionghuin a bhean, Julia, ann an 1975 agus bha triùir chloinne aca - dithis bhalach agus nighean, agus a-nise tha dithis òghaichean aige.
Às dèidh tubaist le car ann an 1984, cho-dhùin Mgr MacFhionghuin gun robh e dol a dhèanamh foghlam aig à rd-ìre agus thill e air ais dhan sgoil ann an 1989/90 far an d'fhuair e teisteanas ann an Gà idhlig, Beurla agus Modern Studies. Dh'aontaich Eaglais na h-Alba a ghabhail airson trèanadh a bhith na mhinistear agus chaidh e gu Oilthigh Obar Dheathain.
Bha Mgr MacFhionghuin na mhinistear ann a sgìre Earra Ghà idheal airson dà bhliadhna agus an uairsin chaidh e a dh'Uibhist a Tuath far an robh e seachd bliadhna, agus às an sin gu siorrachd Rois far an robh e na mhinistear ann an Cille Mhoire agus Lagaidh Eararaidh. Tha Mgr MacFhionghuin an diugh a' searmonachadh ann an deifir choitheanalan aig an Eaglais Shaor
Tha ùidh mhòr aig Mgr MacFhionghuin ann an innealan, gu h-à raidh ann an motair-baidhsagalan ged nach bi e a' dèanadh na h-uidhir leotha a-nise.
Last on
An t-Urr Tommy MacFhionghuin
Broadcasts
- Sun 25 Oct 2015 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Oct 2015 15:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal