An t-Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais bho Eaglais Gairbraid ann an Cnoc Mà iri
Còmhla ris an Urr Dòmhnall Mìcheal MacAonghais bho Eaglais Gairbraid ann an Cnòc Mà iri. Gaelic religious service conducted by Rev Donald MacInnes, Gairbraid Church of Scotland.
Salm 130: 7-8 air fonn Coleshill agus 's e Iain MacFhionghuin a tha os cionn na seinn le taic bho coitheanal Eaglais na h-Alba ann am Port Rìgh.
Salm 84: 6-7 air fonn Moravia agus 's e Iain Dòmhnallach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais na h-Alba air an Tairbeart.
O, Ìosa B i'n Còmhnaidh air M' aire Gach Uair air a sheinn le Mairi C Nic-a-phì.
Seas suas, Seas suas gu Dìleas air a sheinn le Ceathrar bho Choisir Ìleach Ghlaschu
Leughadh: Salm 96
Rugadh Dòmhnall Mìcheal ann am Baile Ghobhainn an Glaschu ach b' ann am baile Bhragair air taobh siar Leòdhais a thogadh e. Bha e ag obair aig roinn an ionmhais aig Comhairle nan Eilean Siar airson seachd bliadhna agus às dèidh sin fhuair e obair a' teagasg ceòl ann an sgoiltean Leòdhais agus na Hearadh gus an deach e a-staigh airson na ministrealachd ann an 1995. Tha e na mhinistear air paraiste Gairbraid ann an sgìre Mary Hill. Bha e roimhe na bhall de Chomataidh Ciùil Eaglais na h-Alba agus cuideachd na rùnaire aig Comataidh Gà idhlig na h-Eaglaise.
Tha dà bhalach aige, Joel agus Samuel, agus tha e fhèin agus iad fhèin a' leantainn na 'Buddies', sgioba ball-coise St Mirren. Tha pìos talmhainn aige anns an ath bhaile far am bi e a' cur lusan leithid buntà ta, cà l agus currain, mar a thuirt e fhèin, "dìreach mar Fiollagan".
Tha taigh fhathast aig Dòmhnall Mìcheal ann an Steòrnabhagh agus is caomh leis a bhith tilleadh ann airson saor-là ithean.
Nuair a bhios ùine aige dha fhèin, bidh e a' cluich na pìob agus a' coimhead Laurel and Hardy. Bidh e a' seinn còmhla ri na GGs.
Last on
Broadcasts
- Sun 18 Oct 2015 09:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 18 Oct 2015 15:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal