09/08/2015
Cluinnidh sinn mu chraobhan 'beannaichte' agus craobhan 'malaichte' anns an litir aig Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 534
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 838
Duration: 05:00
Litir 838: A’ Chraobh-fheà rna
A bheil cuimhne agaibh air na briathran aig Seumas Mac an t-Saoir an t-seachdain sa chaidh? Bha iad mu dheidhinn Shomhairle MhicIain, agus cha b’ e moladh a bha am bà rd Gà idhlig a’ dèanamh air:
Tha ’chuid as motha dhìot de chritheann, Ìnean sgithich ’s là mhan feà rna, Tha do cheann gu lèir de leamhan,  Gu h-à raidh do theanga ’s do chà irein.
           Bha Mac an t-Saoir a’ ceangal MhicIain ris na craobhan mallaichte – an critheann, an fheà rna agus an leamhan. Ach carson a bha an fheà rna am measg nan craobh sin?
           Chan eil mi buileach cinnteach. Ma tha a’ chraobh-fheà rna air a h-ainmeachadh anns a’ Bhìoball, chan aithne dhomh e. Agus ma tha e co-cheangailte ris mar a bhios an fheà rna a’ fàs ann an à iteachan fliucha, uill, èistibh ri Leabhar nan Salm, caibideil 1: ‘Is beannaichte an duine sin … bidh e mar chraobh suidhichte là imh ri sruthan uisge, a bheir a-mach a toradh na h-aimsir …
           ’S dòcha nach eilear a’ bruidhinn mun chraoibh-fheà rna an sin, ceart gu leòr, oir thathar ag rà dh nach caill i a duilleach. Saoilidh mi gu bheil droch chliù na craoibh-fheà rna a’ dol air ais don linn ro-Chrìosdail. ’S dòcha gun robh e ceangailte ri snodhach na feà rna oir tha e coltach ri fuil nuair a tha e ag aoidion a-mach.
           Agus tha dà rud mun fheà rna a tha ga comharrachadh mar eadar-dhealaichte bho chraobhan eile anns na dùthchannan Ceilteach. Anns a’ chiad dol a-mach, nuair a thathar a’ sgoltadh loga de dh’fheà rna, bithear ga chur bun-os-cionn. Eucoltach ri craobhan eile, tha e nas fhasa a sgoltadh mar sin. Canaidh sinn – gach fiodh bhon bhà rr ach an fheà rn bhon bhun.
           Bidh logaichean dhen chraoibh seo a’ maireachdainn nas fhaide ann an uisge na tha iad nuair a tha iad tioram. A-mach às an uisge, bidh iad a’ grodadh gu luath. Ach, anns an uisge, bidh iad a’ maireachdainn ùine mhòr. Air sà illibh sin, ’s e a’ chraobh-fheà rna a chaidh a chleachdadh gu tric airson nam mòr-stoban ann an crannagan. ’S e sin na logaichean a bh’ air an cleachdadh airson crannag – dachaigh ann an loch – a shuidheachadh anns an t-seann aimsir.
           Tha rudan matha eile mun fheà rna cuideachd. Gabhaidh feadagan a dhèanamh de na geugan aice. Agus bhiodh na Gà idheil a’ cur duilleagan dhith nam brògan nam biodh na casan aca goirt.
           Seo agaibh seann aibidil chraobhach nan Gà idheal – ailm, beith, coll, dair, eadha, feà rn, gort, iogh, luis, muin, nuin, onn, beith bhog, ruis, sùil, teine, ùr. De na craobhan as bitheanta a dh’fhà sas air a’ Ghà idhealtachd, ’s e dìreach a’ bheith agus an fheà rn nach do dh’atharraich an ainmean bhon uair sin.
           Agus tha trì faclan eile agam dhuibh co-cheangailte ri craobhan-feà rna. An toiseach – ´Úà °ù»å²¹»å³ó. ’S e sin rùsg na craoibhe a thathar a’ cleachdadh airson clò a dhathadh dubh. ¹óà °ù»å²¹»å³ó. Faob no faoban – ’s e sin cnap, beag no mòr, a dh’fhà sas air stocan is geugan, agus air a’ chraoibh-fheà rna am measg eile. Faob. Agus carraig. Tha Dwelly ag innse dhuinn gu bheil e a’ ciallachadh cnap fiodha agus cuideachd ball fiodha leis am biodh daoine a’ cluich spòrs. Agus seo na sgrìobh an sagart Mgr Ailein mu carraig: ‘a lumpy wooden excrescence on an alder tree used by children for a ball for shinty.’ Abair fuaim nuair a thugadh sgleog le caman air carraig!
Faclan na Litreach
Faclan na Litreach: Seumas Mac an t-Saoir: James MacIntyre; Somhairle MacIain: Samuel Johnson; leamhan: elm; mallaichte: cursed; snodhach: sap; a’ maireachdainn: lasting; a’ bheith: the birch; ´Úà °ù»å²¹»å³ó: the bark of the alder; faob, faoban: roundish excrescence on branch or trunk of tree; carraig: a lumpy wooden excrescence on an alder tree used by children for a ball for shinty.Â
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: tha ’chuid as motha dhìot de chritheann: most of you is of aspen; ìnean sgithich ’s là mhan feà rna: hawthorn nails and alder hands; gu h-à raidh do theanga ’s do chà irein: especially your tongue and gums; chan eil mi buileach cinnteach: I’m not entirely sure; air a h-ainmeachadh anns a’ Bhìoball: named in the Bible; is beannaichte an duine sin: blessed is that man; bidh e mar chraobh suidhichte là imh ri sruthan uisge: he is like a tree situated next to streams of water; nach caill i a duilleach: that it doesn’t lose its foliage; coltach ri fuil nuair a tha e ag aoidion a-mach: like blood when it leaks out; nuair a thathar a’ sgoltadh loga: when a log is being split; bithear ga chur bun-os-cionn: it is put upside down; air sà illibh sin: because of that; airson nam mòr-stoban ann an crannagan: for the primary piles in crannogs; gabhaidh feadagan a dhèanamh de na geugan aice: whistles can be made from the branches; rùsg na craoibhe a thathar a’ cleachdadh airson clò a dhathadh dubh: the bark of the tree which is used in dyeing cloth black; a’ cur duilleagan dhith nam brògan: putting leaves of it in their shoes; seann aibidil chraobhach nan Gà idheal: the old tree-alphabet of the Gaels; ball fiodha leis am biodh daoine a’ cluich spòrs: a wooden ball with which people would play sport; abair fuaim nuair a thugadh sgleog le caman air carraig: what a noise when a wooden ball was hit with a shinty stick.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: a bheir a-mach a toradh na h-aimsir: which yields its fruit in her time (in the right season). Also airson crannag a shuidheachadh anns an t-seann aimsir ‘to create the foundations of a crannag in olden times. Although we often use aimsir to refer to ‘weather’, its primary meaning is ‘time, era’ and it is in that sense it appears in this week’s Litir.
Seanfhacal na Litreach
Seanfhacal na Litreach: gach fiodh bhon bhà rr ach an fheà rn bhon bhun: every wood from the top but the alder from the bottom. Alder logs split better turned upside down.
Broadcasts
- Sun 9 Aug 2015 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 12 Aug 2015 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.