26/07/2015
Tha an litir aig Ruaraidh ag innse mu ollamhan a' dol a-mach air a chèile. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 533
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 836
Duration: 05:00
Litir 836: MacMhuirich agus MacIain
Chan eil mi cinnteach, nuair a chaidh an t-Oll. Somhairle MacIain a thiodhlacadh ann an Abaid Westminster ann an seachd ceud deug, ochdad ’s a ceithir (1784), an deach a bhata daraich a thiodhlacadh na chois. Bha e air a bhith iomchaidh nan deach, oir bhiodh e a’ dol a laighe na sheann aois leis a’ bhata san leabaidh ri a thaobh.
           Carson? Uill, bha an t-eagal air, bha e ag rà dh, ro Sheumas MacMhuirich no ‘Ossian MacPherson’ mar a th’ aig cuid air. Bha MacMhuirich air sgrìobhadh gu MacIain, a’ maoidheadh air. B’ e litreachas a bh’ air cùl an eas-aonta.
           Bha mi aig co-labhairt mu MhacMhuirich ann an Ceann a’ Ghiùthsaich as t-Earrach am-bliadhna. ’S ann à Bà ideanach a bha MacMhuirich, agus thog e taigh mòr ann. Bha e gu math ainmeil air feadh na Roinn Eòrpa, agus gu math beartach leis.
           Bha mi a’ faighneachd de na sà r-eòlaichean a bha an là thair an do thachair MacMhuirich is MacIain ri chèile riamh. Bha iad a’ fuireach ann an Lunnainn aig an aon à m. Bha caraidean anns a’ chumantas aca. Ach cha robh freagairt aig gin de na h-eòlaichean dhomh. Bha iad an amharas gur ann tro litrichean a chumadh an naimhdeas a’ dol. Agus ’s e a bha guineach, a rèir choltais.
           Smaoinich mi – nach biodh e math nan sgrìobhadh cuideigin sgileil dealbh-chluich mu dheidhinn coinneamh eadar an dithis! Saoil am biodh i sradagach, no am biodh an dithis a’ gabhail deoch-slà inte do chèile?! Dithis uaislean no dithis thrustairean? No an dà chuid eadhon? Bidh beachd agaibh fhèin, tha fhios.
           ’S dòcha nach e fear dòigheil a bh’ ann an Somhairle MacIain, ach tha e coltach gun robh e ceart mu na sgrìobhaidhean aig MacMhuirich. Bha an t-Albannach a’ cumail a-mach gun robh na dh’fhoillsich e air a chruthachadh le Oisean (agus nach iomadh rud a thachair bho linn Oisein!) Ach tha e coltach gur e MacMhuirich fhèin a sgrìobh a’ chuid a bu mhotha dheth, ged a bha e stèidhichte air beul-aithris a bha fhathast beò air bilean an t-sluaigh.
           Cha chreid mi gun cuala MacIain a’ bheul-aithris sin nuair a bha air chuairt air a’ Ghà idhealtachd ann an seachd ceud deug, seachdad ’s a trì (1773). Agus cha tuigeadh e a leithid co-dhiù. Bha e a’ coimhead airson là mh-sgrìobhainnean a dhearbhadh nach robh MacMhuirich air na sgrìobhaidhean a chruthachadh. Agus cha d’ fhuair e lorg air gin.
           Nuair a thill e dhachaigh, thuirt e gur e slaightear a bh’ ann am MacMhuirich agus gun robh na leabhraichean aige foilleil. Dh’èirich naimhdeas eadar an dithis a mhair fichead bliadhna gus an do chaochail MacIain ann an seachd ceud deug, naochad ’s a ceithir (1794). Chaochail MacMhuirich dà bhliadhna an dèidh sin.
           Nach annasach e, ma-thà , gun robh an dithis air an cur cha mhòr còmhla an dèidh am ²úà ¾±²õ. Tha iad le chèile air an tiodhlacadh ann an Oisean nam Bà rd ann an Abaid Westminster, dìreach trì ceumannan-coise deug air falbh bho chèile. Chan eil mi an dùil gun tug MacIain a bhata leis oir cha bhiodh fios aige gum biodh a nà mhaid a’ dol don uaigh anns an aon à ite. Ach ’s dòcha gu bheil e iomchaidh gu bheil MacMhuirich air a thiodhlacadh an sin. Bà rd Oisein, mar gum bitheadh, ann an Oisean nam Bà rd.Â
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
Abairtean na Litreach: an deach a bhata daraich a thiodhlacadh na chois?: was his oaken stick buried with him?; bha e air a bhith iomchaidh nan deach: it would have been fitting if it had; bhiodh e a’ dol a laighe na sheann aois leis a’ bhata san leabaidh ri a thaobh: he would go to bed in his old age with the stick next to him in bed; bha an t-eagal air ro Sheumas MacMhuirich: he was scared of James MacPherson; a’ maoidheadh air: threatening him; an amharas gur ann tro litrichean a chumadh an naimhdeas a’ dol: suspected that the enmity was maintained through letters; dithis uaislean no dithis thrustairean?: two gentlemen or two rogues?; no an dà chuid eadhon: or even both; a’ cumail a-mach gun robh na dh’fhoillsich e air a chruthachadh le Oisean: maintaining that what he published was created by Ossian; stèidhichte air beul-aithris a bha fhathast beò air bilean an t-sluaigh: based on oral tradition that was still alive on the lips of the people; cha tuigeadh e a leithid co-dhiù: he wouldn’t understand the like anyway; gur e slaightear a bh’ ann am X agus gun robh na leabhraichean aige foilleil: that X was a fraudster and that his books were fraudulent; nach annasach e: isn’t it strange; trì ceumannan-coise deug air falbh bho chèile: thirteen paces away from each other; gum biodh a nà mhaid a’ dol don uaigh anns an aon à ite: that his enemy would be going to the grave in the same place.
Puing-chà nain na Litreach
Puing-chà nain na Litreach: gun robh an dithis air an cur cha mhòr còmhla an dèidh am ²úà ¾±²õ: that the pair were put almost together after their death. µþà ²õ is inflected to ²úà ¾±²õ (genitive singular) following the compound preposition an dèidh, and am is the third person plural possessive article, standing for ‘their’.
Gnà thas-cainnt na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach: agus nach iomadh rud a thachair bho linn Oisein: haven’t a lot of things happened since Ossian’s time. This is a good idiom and still widely used. Bho linn Oisein means a very long time ago. Cha chualas a leithid bho linn Oisein ‘the like has not been heard in living memory (and a lot further back!)’
Broadcasts
- Sun 26 Jul 2015 22:29Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 29 Jul 2015 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.