Episode 47
Mar a chaidh dithis Leodhasach sna Gòrdanaich às an rathad aig Ciad Bhlà r Bellewaarde. An account of how two Lewis soldiers from the Gordons died at the Battle of Bellewaarde.
Le cunntas sgrìobht' agus aithris bho dhithis a bha còmhla riutha sa chogadh, tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' mìneachadh air na thachair nuair a chaidh Murchadh MacÌomhair, Murchadh Alasdair Mhurchaidh Alasdair, a bhuineadh do Chol ann an Leòdhas agus Seòras MacSuain, Seòras Iain 'ain Duinn à Garrabost, a mharbhadh san Fhraing, an dithis leis an aon slige. Bha an dithis sna Gòrdanaich.
'S e Ciad Bhlà r Bellewaarde an t-ainm oifigeil airson a' bhatail a chaidh a chuir air an t-siathamh là den Ògmhios 1915 ach tha e glè thric air ainmeachadh air Ypres on is ann san sgìre sin a tha Bellewaarde, faisg air baile Hooge. Nuair a chrìochnaich Dara Blà r Ypres aig deireadh a' Chèitein 1915, chaidh an talamh timcheall tuathanas Bellewaarde fhà gail ann an là mhan nan Gearmailteach. Tha e beagan nas à irde na 'n talamh mun cuairt agus mar sin bha sealladh math aig na Gearmailtich bhuaithe air an sgìre. Bha e cuideachd a' bruthadh na loidhne Bhreatannach a-steach beagan.
Bha arm Bhreatainn airson Bellewaarde a bhuannachd air ais air sgà th sin agus chuireadh ionnsaigh mhòr air chois airson an t-siathamh latha deug den Ògmhios.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 180615
Duration: 10:00
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Thu 18 Jun 2015 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 19 Jun 2015 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal