07/06/2015
Anns an litir do luchd-ionnsachaidh, tha Ruaraidh ag innse mun 'Droch Fhear' agus mar a thà inig e a dh'iarraidh a' ghobha. Another story from Ruairidh.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 525
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 829
Duration: 05:00
Litir do Luchd-ionnsachaidh 829
Nuair a bha an latha is bliadhna seachad, thà inig an Droch Fhear a dh’iarraidh a’ ghobha. ‘Foighidinn bheag, a dhuine,’ ars an gobha, ‘gus an cuir mi crìoch air an obair agam. Ma tha cabhag ort, ’s fheà rr dhut là mh-chuideachaidh a thoirt dhomh. Beir air an òrd mhòr agus thoir buille no dhà air an iarann seo.’
              Rug an Droch Fhear air an òrd mhòr. Mun tug e trì buillean air an iarann, lean a là mhan ri cas an ùird, lean an t-òrd ris an innean, agus lean an t-innean ris an ùrlar.
              ‘Tha mi an sàs agad,’ thuirt e.
              ‘ ’S tu a thà agus, mus fhaigh thu à s, feumaidh tu a bhith umhail dhomh,’ ars an gobha.
              ‘Leig às mi agus bheir mi dà il latha is bliadhna dhut, agus am pailteas de dh’òr ’s de dh’airgead mar a bh’ agad roimhe,’ ars an Droch Fhear.
              ‘Air a’ chùmhnant sin, leigidh mi às thu, agus bi falbh às mo shealladh,’ thuirt an gobha. Chuir an gobha agus a theaghlach a’ bhliadhna ud seachad ann an sunnd ’s ann an cridhealas. Air an latha ainmichte, ge-tà , thill an Droch Fhear. Dh’fhan e taobh a-muigh doras na ceà rdaich agus dh’èigh e, ‘Thig a-mach, a ghobha, agus bi falbh còmhla rium.’
              Chaidh an gobha a-mach. ‘Chan iarr mise de dhà il an-diugh,’ thuirt e, ‘ach fhad ’s a bhios mi a’ toirt dhìom na feusaig agus a’ cur deise ghlan umam.’
              ‘Cha dealaich mi riut a muigh no mach,’ ars an Droch Fhear.
              ‘Chan eil mi ag iarraidh sin ort. Faodaidh tu suidhe là imh rium anns an t-seòmar fhad ’s a bhios mi gam dhèanamh fhèin deiseil,’ ars an gobha.
              Lean an Droch Fhear an gobha a-steach don t-seòmar anns an robh an gobha gus e fhèin a nighe. Dh’iarr an gobha air suidhe air cathair. Thug an gobha an fheusag dheth fhèin agus chuir e deise ghlan uime. Nuair a bha e deas, thuirt e, ‘ ’S fheà rr dhuinn falbh.’
              Cha b’ urrainn don Droch Fhear èirigh far na cathrach. Lean e ris a’ chathair agus lean a’ chathair ris an ùrlar.
              ‘Tha mi an sàs agad a-rithist,’ ars an Droch Fhear.
              ‘Tha thu,’ dh’aontaich an gobha, ‘agus chan fhaigh thu às mura geall thu dhomh nach tig thu gu ceann latha ’s bliadhna. Feumaidh tu mar an ceudna am pailteas de dh’òr ’s de dh’airgead a thoirt dhomh mar a b’ à bhaist dhut.’ Dh’aontaich an Droch Fhear gun dèanadh e mar a dh’iarr an gobha. Leig an gobha cead a choise dha agus dh’fhalbh e.
              Chaidh gnothaichean gu math leis a’ ghobha ’s le a theaghlach. Mu dheireadh, thà inig ceann na bliadhna. Thà inig an Droch Fhear ach cha d’ rachadh e a-steach don cheà rdaich no do thaigh a’ ghobha. Labhair e gu fiadhta ris a’ ghobha, agus thuirt e ris, ‘Chan eil a-null no a-nall agad an-diugh. Feumaidh tu falbh còmhla rium an-drà sta.’
              Dh’aontaich an gobha falbh còmhla ris.
              Cha robh còmhradh sam bith eatarra car beagan ùine. Mu dheireadh, thuirt an gobha ris an Droch Fhear, ‘Tha iad ag rà dh gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu.’ Dè am plòigh a bh’ aig a’ ghobha an turas seo? Chì sinn an-ath-sheachdain nuair a chuireas mi crìoch air an stòiridh.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
thà inig an Droch Fhear a dh’iarraidh a’ ghobha: the Devil came to look for the blacksmith; foighidinn bheag, a dhuine: a little patience, man; gus an cuir mi crìoch air an obair agam: until I finish my work; ’s fheà rr dhut là mh-chuideachaidh a thoirt dhomh: you’d be better giving me a hand; mun tug e trì buillean air an iarann: before he had hit the iron three times; lean a là mhan ri cas an ùird: his hands stuck to the hammer’s handle; tha mi an sàs agad: you have me stuck; leig às mi: let me go; bheir mi dà il latha is bliadhna dhut: I’ll give you a delay of a year and a day; air a’ chùmhnant sin: on that basis; ann an sunnd ’s ann an cridhealas: in good fettle and merriness; taobh a-muigh doras na ceà rdaich: outside the smiddy door; fhad ’s a bhios mi a’ toirt dhìom na feusaig agus a’ cur deise ghlan umam: while I shave my beard and put on a clean suit; cha dealaich mi riut a muigh no mach: I won’t leave you under any circumstance; gus e fhèin a nighe: to clean himself; cha b’ urrainn do X èirigh far na cathrach: X couldn’t rise from the chair; mar an ceudna: as before; leig X cead a choise dha: X let him go; labhair e gu fiadhta ri: he spoke in an angry manner; chan eil a-null no a-nall agad an-diugh: you’ll not get out of it today; cha robh còmhradh sam bith eatarra car beagan ùine: there was no conversation between them for a period of time; gun tèid agadsa air thu fhèin a chur ann an riochd sam bith a thogras tu: that you can disguise yourself as anything you want.
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 7 Jun 2015 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 10 Jun 2015 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.