Episode 43
Blà r Festubert a dh'fhag là rach mhaireannach air an Eilean Sgitheanach gu h-à raid. The Battle of Festubert, which was so keenly felt in the Highlands but particularly in Skye.
Bha buidheann de dh'ochd air fhichead Sgitheanach air falbh dhan Chogadh còmhla agus bha iad air a bhith aig Blà r Neuve Chapelle sa Mhà irt. Air an aona latha deug den Chèitean chaidh an gluasad gu Festubert is ionnsaigh mhòr ùr dol ga thoirt air na Gearmailtich. Ach nuair a chaidh na saighdearan air adhart cha b' fhada gus na dh'fhoghlam iad gu robh trainnsichean nan Gearmailteach cha mhòr cho slà n 's a bha iad bho thùs. Co-dhiù rinneadh tomhais de dh'adhartas an toiseach is b' fheudar do na Gearmailtich tarraing air ais beagan an siud 's an seo.
Aig leth-uair an dèidh sia feasgar, air an t-seachdamh latha deug, thà inig buidheann Phort Rìgh agus buidheann à Ceann a' Ghiuthsaich còmhla air a' là imh chlì. Air an là imh dheis bha dà chompanaidh de shaighdearan à Bedford. Uair a thìde an dèidh sin thà inig an t-òrdan "Charge!"
Cluinnidh sinn bho Ghilleasbuig MacDhòmhnaill mun sgrios a chaidh a dhèanamh, oir mus tà inig Blà r Festubert gu crìch air an t-seachdamh latha fichead dhen mhìos bha mu 16,000 saighdear Breatannach marbh no air an leòn is cha robh iad ach air mu chilemeatair de thalamh a bhuannachd. Bha dà mhìle gu leth Canèidianach marbh no air an leòn.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 210515
Duration: 10:00
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Thu 21 May 2015 21:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 22 May 2015 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal