Episode 9
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain Edit Wenelius à Fionnlainn agus a' cluinntinn mu a roghainn-ciùil agus bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' coimhead ri mar a tha cuid de dh' ainmearan ag atharrachadh.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. This week he meets Gaelic learner Edit Wenelius from Finland and finds out about her learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and 鶹Լ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 9
Duration: 55:40
-
Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne
Duration: 02:19
-
Tar-sgrìobhadh: Leanabh an Àigh
Duration: 02:38
-
Tar-sgrìobhadh: Siud thu
Duration: 01:44
Tar-sgrìobhadh: Aithris na Maidne: Oighreachd Chàrlabhaigh
Coinneach MacIllFhinnein: Tha sinn air a bhith trì bliadhna ag obair air, a’ feuchainn ri ruighinn chun na h-ìre-sa. Agus feumaidh mi ràdh gu bheil a’ chùis air a bhith ag obair uabhasach math agus uabhasach sgiobalt’ dhan a h-uile duine a bh’ ann.
Aonghas Dòmhnallach: Nise, gu fortanach dhuibhse, bha uachdaran agaibh a bha deònach dèiligeadh ribh.
Coinneach: Bha. ’S e buannachd mhòr a bha sin dhuinne, agus uill, mura biodh sin air a bhith againn, cha bhiodh sinne air a dhol air an t-slighe a tha seo bhon a’ chiad latha. Ach, ri linn gun robh an t-uachdaran a bh’ ann airson an oighreachd a reic rinn, bha sinn toilicht’ gu leòr rannsachadh a dhèanamh a-mach a dh’fhaicinn dè mar a dheigheadh dhuinn. Is tha sinn a-nis air a thighinn chun na h-ìre far an d’ fhuair sinn an airgead airson an oighreachd a cheannach, agus a h-uile càil air a dhol troimhe. Rudan taobh luchd-lagha, is rudan taobh mapping airson an oighreachd, tha a h-uile càil a tha sin a-nis air a chrìochnachadh, agus tha dùil againn an oighreachd a ghabhail a-null.
Aonghas: Dè cho duilich ’s a bha sin a dhèanamh? Airson tha sinn a’ cluinntinn oighreachdan eile fad ’s a bheil aca ri na crìochan a chur a-mach agus, tha sin na pholla dhaibh. Gu math tric, chan eil fhios aca càit’ fo ghrian a bheil na crìochan.
Coinneach : Uill a thaobh crìoch an oighreachd fhèin, bha sin an ìre mhath furasda gu leòr dhuinn, a’ chrìoch a-muigh mar gun canadh tu. Ach, an rud a tha duilich, ’s e a bhith a’ feuchainn ri faighinn na crìochan a th' air taobh a-staigh na h-oighreachd far a bheil pìosan air a thoirt a-mach às an oighreachd airson taighean, croitean air pìos a chur riutha is rudan mar sin, is taighean ùra air an togail, tha a h-uile càil a tha sin air a thoirt a-mach às a’ chroiteareachd, agus feumaidh an uair sin am map sealltainn a h-uile càil a tha sin a tha air a thoirt a-mach. Is tha sinn aig ìre a-nis far a bheil map againn a tha sinn an ìre mhath cinnteach gu bheil a h-uile càil ceart.
Aonghas: Dè cho mòr ’s a tha an oighreachd agus càit’ a bheil i a’ dol? Dè na crìochan a th’ oirre aig a’ cheann shìos is aig a’ cheann shuas?
Coinneach : Uill, tha an oighreachd, ’s e h-aon mìle deug de dh’acair a th’ innte air fad. Chan e faidhear oighreachd mhòr mar sin a th’ innte idir, agus tha i a’ ruith bhon a’ chrìoch eadar Callanais agus Gearradh na h-Aibhne air a’ cheann an ear dhan oighreachd, sìos gu ruig sin abhainn Chàrlabhaigh air a’ cheann an iar. Agus a’ dol a-mach an uair sin taobh na mòinteach, mar gun canadh sinn taobh rathad a’ Phentland, a-mach gus an cuir i crìoch ri pàirt de dh’ Oighreachd Steòrnabhaigh.
Aonghas: Dè na cothroman a tha seo a’ fosgladh suas dhuibh airson... ’s e uallach a th’ ann a bhith a’ ruith oighreachd, agus tha mi cinnteach gum bi sibh a’ coimhead airson cothroman leasachaidh.
Coinneach : ’S e uallach a th’ ann, agus tha fiù an obair a chaidh a dhèanamh anns an trì bliadhna a chaidh, bha uallach ann a shin fhèin bhon a’ chiad latha a chaidh sinn a-mach a dh’fhaighinn beachd a’ choimhearsnachd, is bha beachd a’ choimhearsnachd leinn. Is fhuair sinn air adhart leis a sin, agus a-nise, tha sinn a’ faicinn gur ann an-dràsta a tha an obair a’ dol a thòiseachadh.
Tar-sgrìobhadh: Leanabh an Àigh
Eleanor NicDhùghaill agus Dòmhnall Meek
Eleanor: Tha mi a’ smaoineachadh gun robh creideamh ga toirt tro bheatha ann an dòigh, gu sònraichte nuair a bha cùisean doirbh dhith. Agus rud eile, shiubhail fear de mhic Màiri aig aois trì deug thar fhichead, an aon aois ’s a shiubhail Ìosa Crìosd', agus tha mi a’ smaoineachadh gun robh sin ann an inntinn Màiri nuair a rinn i an dàn. Ged nach robh an dàn fhèin mu dheidhinn am mic tha fios, ach b’ e sin gu ìre a bha a’ brosnachadh Màiri aig an àm, neo bha i a’ feuchainn ri dèiligeadh ri rudeigin gu math cruaidh, gu math doirbh a thachair na beatha, agus i a’rannsachadh beatha Ìosa Crìosd'.
Eleanor: Chuala mi gun d’ fhuair i am fonn bho iasgair bho thaobh an ear na h-Alba a bha a’ tadhal, ’s dòcha ag obair anns an àite seo. Agus bhiodh i ag ionnsachadh, tha mi cinnteach, anns an dòigh am biodh daoine ag ionnsachadh anns na làithean sin. Dìreach ri bhith ag èisteachd agus ri bhith seinn, fhios agad an fhonn fhèin. Agus chuir i facail ris an fhonn sin.
Dòmhnall: Tha e anabarrach brèagha. Ma chluinneas tu e, cha dìochuimhnich thu e gu bràth. Saoilidh mise gu robh Màiri a’ taghadh ann an sin aon de na fuinn a bha cumanta ann am Buneasain. Agus tha am fonn cho drùidhteach is cho brèagha. Dh’fhalbh a fonn leis fhèin air sgiathan a’ chiùil.
Leanabh An Àigh
Leanabh an àigh, an leanabh aig Màiri,
Rugadh san stàball, Rìgh nan Dùl;
Thàinig don fhàsach, dh'fhuiling nar n-àite
Son' iad an àireamh bhitheas dha dlùth.
Ged a bhios leanabain aig rìghrean na talmhainn
An greadhnachas garbh is anabarr mùirn,
'S geàrr gus am falbh iad, 's fàsaidh iad anfhann,
An àilleachd 's an dealbh a' searg san ùir.
Cha b' ionann 's an t-Uan thàinig gar fuasgladh
Iriosal, stuama, ghluais o thùs;
E naomha gun truailleachd, Cruithfhear an t-sluaigh;
Dh'èirich e suas le buaidh on ùir.
Seo leanabh an àigh a dh'aithris na fàidhean;
'S na h-ainglean àrd, b' e miann an sùl;
'S E 's airidh air gràdh 's air urram thoirt dha
Sona an àireamh bhitheas dha dlùth.
'S ann am Betlehèm thàinig an sgeul
'S binne da threud na teudan ciùil;
Armailt nam Flaitheas is ainglean nèamh
Ag àrd mholadh Dhè 's a' seinn a chliù.
Èistibh an fhuaim le sgeula nam buadh
A dh'aithris na buachaillean o thùs;
Gheibh sibh an t-Uan sa phrasaich na shuain
'S e shaoras a shluagh le buaidh 's le cliù.
Teagasg a Rìgh dhuinn slighe na sìthe
Nad cheumaibh dìleas cùm sinn dlùth;
Thusa bha dìleas dhuinn o shìorr'achd
Urras ro chinnteach air ar cùl.
Neartaich ar dòchas, meudaich ar n' eòlas
Cuir sinn nad ròidean dìreach dlùth;
Le ola nar lòchrain mar ris na h-òighean
A' seinn ann an glòir an òrain ùir.
Tar-sgrìobhadh: Siud thu!
Le Alasdair MacEachainn
Alasdair: Mun do dh’fhàg mi an Gearasdan, bha mi air motar-baidhg a cheannach, Honda 175, agus cha mhòr riamh on uair sin gun robh mi air, dìreach, fear a’ choireigin a bhith agam. Chan e gu bheil mi a’ faighinn a-mach cho tric ’s a bhithinn an dùil.
Ach co-dhiù, fhuair mi tron deuchainn mun aon àm 's a a fhuair mi licence a’ chàir fhèin agus, bha Kenny John a’ bruidhinn air stòiridh an siud cuideachd ’s ann ceangailte ris a’ Ghearasdan a bha sin.
Nuair a dh’fhàg mi, nuair a rinn mi suas m’ inntinn gun robh mi a’ dol a dh’fhàgail na sgoile as t-samhradh a bha siud, bha agam ri dhol air ais a choinneachadh ri cudeigin a thaobh, mar a chanadh iad careers officer. Agus fhuair mi, mar gum biodh, brath airson coinneachadh ris aig meadhan-latha, an latha a bha seo. Is rinn mi suas m’ inntinn am motar a thoirt leam. 'S dh’obraich mi a-mach nam falbhainn air an aiseag, tha mi cinnteach gun e Dimàirt neo Diardaoin a bh’ ann neo rudeigin, nam falbhainn air an aiseag aig leth-uair an dèidh seachd à Loch nam Madadh sa mhadainn gun dèanainn an Gearasdan dheth aig meadhan-latha.
Agus rinn mi sin, is cha robh mi fad sam bith còmhla ris, agus ma dh’fhaoidte gun robh mi a-mach às a sin mu uair feasgar agus choimhead mi air an uaireadair is thuirt mi, “Oh, tha aiseag a’ falbh às an Òban a Loch Baghasdail aig leth uair an dèidh trì. So, ma nì mi an t-Òban dheth ann an àm, gheibh mi dhachaigh a-nochd”.
Agus, sin a thachair!
Agus choisich mi staigh aig leth uair an dèidh naoi as d’ oidhche, is choimhead mo mhàthair orm is thuirt i, “Oh, bha dùil a’m gun robh thusa a’ dol dhan Ghearasdan an-diugh?”
“Oh uill, tha mi air a bhith ann is tha mi air tilleadh!”
Iain Moireasdan: Cha mhòr nach canadh tu gum biodh sin coltach ri rèis!
Alasdair: Sin an rud, feumaidh gun deach an stòiridh mu chuairt, agus Dòmhnall Iain a’ Bhàigh nach màireann à Eilean Fhloddaigh, bhiodh e a’ sgrìobhadh do Ghazette Steòrnabhagh aig an àm, agus dè ach dh’fheumadh e an stòiridh a bha seo a chur ann an naidheachdan Beinn na Faoghla an ceann seachdain no dhà às a dhèidh sin.
Oisean a’ Ghràmair 9: T-S agus FH
(1) NA H-EISIMPLEIREAN (EXAMPLES)
T-S
samhradh ٳܳ’
fad an t-samhraidh ‘all summer, the whole summer’
as t-samhradh ‘in the summer time’
saoghal ‘wǰ’
air feadh an t-saoghail ‘all over the world, throughout the world’
anns an t-saoghal ‘in the world’
sùil ‘e’
Chaog mi an t-sùil ris.
‘I winked at him.’
Rinn mi an t-sùil bheag rithe.
‘I winked at her.’ (‘I made the wee eye at her.’)
taitneach don t-sùil ‘easy on the eye, attractive’
Tha Jennifer Aston is Gerard Butler taitneach don t-sùil (’s dòcha), ach an e actairean math a th’ annta?
‘They’re maybe eye-candy but are they good actors?’
sluagh ‘crowd, people’
Chaill mi iad anns an t-sluagh. ‘I lost them in the crowd.’
Dh’fhalbh sinn am measg an t-sluaigh. ‘We went wandering among the crowd’
FH
fidheall an fhidheall ‘the fiddle, violin’
feòil an fheòil ‘the meat’
fuil an fhuil ‘the blood’
Chan aithne dhomh an fhidheall a chluich.
‘I don’t know how to play the violin’
Càit a bheil an fheòil sa bhùth seo?
‘Where’s the meat in this shop?’
Ma bhios sibh a’ còcaireachd ’s a’ bruich feòil, nach eil an fhuil a’ cur dragh ort?
‘Doesn’t the blood bother you?
An toil leat na sreathan forensic air telebhisean, mar CSI? Nach eil an fhuil a’ cur dragh ort?
‘Doesn’t the blood bother you?
feasgar ‘afternoon/evening’
fuaim ‘noise, sound’
Chluich mo nàbaidh an fhidheall fad an fheasgair.
‘My neighbour played the fiddle all afternoon.’
Cha b’ urrainn dhomh smaoineachadh leis an fhuaim.
‘I couldn’t think for the noise.’
(2) CUINE:
Air uairean, an diofar eadar ainmear fireann ♂ is ainmear boireann ˶.
As dèidh ‘the’, tha sèimheachadh air ainmearan boireann, mar eisimpleir fuil → an fhuil (f à).
Ach as dèidh ‘the’, tha s a’ dol gu t-s (anns a bheil an s à):
♂♀
am bòrd (‘the table’) ach a’ bhò (the cow)
am fiodh (‘the wood’) ach an fhidheall (‘the fiddle, violin’)
am fear (‘the man’) ach an fheòil (‘the meat’)
am fùdar (‘the powder’)ach an fhuil (‘the blood’)
an solas (‘the light’) ach an t-sùil (‘the eye’)
an sreath (‘the series’)ach an t-sràid (‘the street’)
Le roimhear (preposition), m.e. aig an, leis an, air an, don, etc)
leis an t-sluagh
as t-samhradh (anns an t-samhradh)
anns an t-sluagh
leis an fhuaim
ginideach (fireann) / masculine genitive
fad an fheasgair ‘all afternoon’ (‘the length of the afternoon’)
fad an t-samhraidh ‘all summer’ (‘the length of the summer’)
am measg an t-sluaigh ‘among the crowd’ (‘in the midst of the crowd’)
air feadh an t-saoghail ‘all over the world’ (‘on the extent of the world’)
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 17 May 2015 21:31鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 20 May 2015 12:03鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 20 May 2015 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 24 May 2015 10:32鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 30 Aug 2015 21:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Sep 2015 12:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 2 Sep 2015 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 6 Sep 2015 10:32鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 28 Feb 2021 21:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Mar 2021 12:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Mar 2021 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Mar 2021 10:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.