17/05/2015
Anns an litir aig Ruaraidh, tha sinn a' coinneachadh ri Murchadh Srònadh - sùil co e? The week's letter for learners.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 522
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 826
Duration: 05:00
Litir 826: An Teine Mòr - Pà irt 2
Anns an t-seann aimsir bha na Gà idheil gu math measail air dathan dearga. Bhiodh marsantan-paca a’ siubhal bho bhaile gu baile, a’ reic dathan dearga, leithid cà rnaid is mà dar. Ach cha robh mòran airgid aig daoine. Bhiodh iad a’ feuchainn ri rudan a lorg anns an dùthaich aca fhèin às am faigheadh iad an dath dearg – no ruadh.
           Ann an Uibhist bha lus aca a bha cumanta gu leòr air a’ mhachair no air bruthaichean tiorama gainmhich. Gheibhear e ann fhathast. Tha coltas snog air an lus. Tha duilleagan beaga mìne air, agus flùraichean beaga buidhe. Ach ’s iad na freumhaichean a bu mhotha a bha a’ tarraing dhaoine. Oir gheibhte dath dearg no ruadh à s. Leis a sin, ’s e Rù no Rù Mhoire a chanas muinntir Uibhist ris an lus. Tha ainmean eile air ann an sgìrean eile, leithid Lus an Leasaich ‘the rennet plant’ oir bidh e a’ binndeachadh bainne cuideachd.
           Ann an Uibhist is Beinn a’ Bhaoghla, bhathar a’ buain cus dhen lus seo. Agus bha mòran de ghainmheach thioram nam bruthaichean air a siabadh air falbh leis a’ ghaoith. Bha e a’ dèanamh cron air an à rainneachd. Dh’fheuch na h-uachdarain – agus na maoir aca – ri stad a chur air a leithid. Mar sin, bhiodh boireannaich a’ falbh a-mach air an oidhche, a bhuain an rù anns an dorchadas.
           Bha tuathanach ann am Beinn a’ Bhaoghla ris an abradh iad ‘Calum Sagart’. Bhuineadh e do Chloinn ’ic Carmaig. Bha e na dhuine cho modhail ’s a gheibhte anns an dùthaich gu lèir. Ach b’ ann aigesan a bha a’ bhean a bu mhiosa ann an Uibhist. ’S e baobh a bh’ innte.
           Bha nighean aig Calum ’s a bhean. Bha i ag iarraidh dath dearg a chur na cuid aodaich agus chuir i roimhpe rù a bhuain air a’ mhachair. Bhiodh e ro chunnartach dhi tron latha oir chitheadh maor i. Mar sin, chuir i roimhpe falbh a-mach an dèidh meadhan-oidhche Oidhche Dhòmhnaich.
           Bha a mà thair anabarrach fada an aghaidh dhi a dhol a bhuain an rù. Ach cha tug an nighean cluas dhi. Bha i rag na dòigh fhèin. Dh’fhalbhadh i ged a rachadh a’ mhuir h-ear thar a’ mhuir h-iar. Nuair a bha an nighean a’ dol a-mach air an doras, thuirt a mà thair, ‘Tha thu a’ falbh le mollachd do mhà thar air do cheann.’ Thuirt i nach tilleadh a nighean don taigh, agus i beò.
           Mar a thuirt, ’s ann a thachair. Cha d’ fhuaras beò no marbh nighean Chaluim Shagairt riamh, aon chuid air muir no air tìr. Nuair nach do nochd i aig an taigh, chaidh a coimhearsnaich a-mach ga h-iarraidh. Fhuair iad lorg air buill-aodaich aice air a’ mhachair far an robh i a’ buain an rù. Ach cha d’ fhuair iad lorg air a corp.
           An ceann beagan ùine an dèidh dha seo tachairt, chunnacas an solas ris an abrar An Teine Mòr. Bha cuid ga shamhlachadh ri teine ann an cliabh. Agus bha feadhainn a’ creidsinn gur ann an com nighean Chaluim Shagairt a bha an teine. Bha na daoine dhen bheachd gur e a bh’ ann ach a taibhs a bhiodh a’ siubhal air an talamh gun fhois gu latha a’ bhreitheanais. Agus bha grà in an uilc aig muinntir an à ite air mà thair na h-ìghne bho sin a-mach.Â
Faclan na Litreach
marsantan-paca: packmen, travelling salesmen; Rù, Rù Mhoire, Lus an Leasaich: Lady’s Bedstraw; Beinn a’ Bhaoghla: Benbecula; uachdarain: landlords; maoir: agents, bailiffs; baobh: witch, wicked woman; An Teine Mòr: ·É¾±±ô±ô-´Ç’-³Ù³ó±ð-·É¾±²õ±è.Ìý
Abairtean na Litreach
dathan dearga, leithid cà rnaid is mà dar: red colours, such as scarlet/carnation dye and madder; bruthaichean tiorama gainmhich: sand dunes; gheibhear e ann fhathast: it’s still found there; tha duilleagan beaga mìne air: it has small fine leaves; ’s iad na freumhaichean a bu mhotha a bha a’ tarraing dhaoine: it’s the roots that attracted people most; bidh e a’ binndeachadh bainne: it curdles milk; air a siabadh air falbh leis a’ ghaoith: swept away by the wind; a bhuain an rù anns an dorchadas: to pick the rù in the darkness; b’ ann aigesan a bha a’ bhean a bu mhiosa: he had the worst wife; chuir i roimhpe: she decided; anabarrach fada an aghaidh dhi: utterly opposed to her; cha tug an nighean cluas dhi: the girl didn’t listen to her; rag na dòigh fhèin: stubborn in her own way; a' falbh le mollachd do mhà thar air do cheann: going out carrying your mother’s curse; cha d’ fhuaras beò no marbh X: X was never found alive or dead; aon chuid air muir no air tìr: either at sea or on land; chaidh a coimhearsnaich a-mach ga h-iarraidh: her neighbours went out to look for her; chunnacas an solas ris an abrar X: the light was seen, which is called X; bha cuid ga shamhlachadh ri teine ann an cliabh: some likened it to a fire in a creel (or human chest cavity); a taibhs a bhiodh a’ siubhal gun fhois gu latha a’ bhreitheanais: her ghost that would wander without rest until judgement day; bha grà in an uilc aig muinntir an à ite air mà thair na h-ìghne: the local people had a fierce hatred for the girl’s mother.
Puing-chà nain na Litreach
Broadcasts
- Sun 17 May 2015 22:31Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 20 May 2015 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.