Episode 41
An soitheach Breatannach Lusitania cha cuir fodha agus Blà r St Julien a' tighinn gu crìch. The British ship Lusitania is sunk with the loss of almost 1200 lives in 1915.
Thà inig a' chiad sheachdain den Chèitean 1915 gu ceann le naidheachd uabhasach eile an uair a chaidh an soitheach Breatannach, Lusitania a tholladh le torpedo gun rabhadh bho bà ta-aigeil Gearmailteach far ceann a deas Èirinn. Taobh a-staigh fichead mionaid bha i air a dhol fodha dusan mìle bho Cheann Sà ile a' bà thadh dithis gann de mhile is dà cheud dheth na bh' air bòrd de luchd-siubhail agus criutha, nam measg sia fichead 's ochdnar Ameireaganach. Bhiodh dà bhliadhna eile mus tigeadh na Stà itean a-staigh dhan chogadh air taobh nan Co-chòmhraigeach, ach chan eil teagamh nach b'e seo an t-seachdain a thòisich beachdan a' phobaill air cruadhachadh an aghaidh na Gearmailt air taobh thall a' Chuain Shiar.
Air a' cheathramh latha den Chèitean 1915 thà inig Batal St Julien gu crìch, blà r a chunnaic sgrios uabhasach ga dhèanamh air saighdearan Canèidianach is Breatannach leis na h-ionnsaighean gas aig na Gearmailtich. Bhiodh St Julien fo smachd nan Gearmailteach airson dà bhliadhn' eile mus tigeadh a bhuinnig air ais san Treas Blà r aig Ypres.
Tha Seachdain sa Chogadh air a lìbhrigeadh le Gilleasbuig MacDhòmhnaill.
Last on
More episodes
Clip
-
Seachdain sa Chogadh 070515
Duration: 10:00
Credits
Role | Contributor |
---|---|
Actor | Artair Donald |
Actor | Iain F MacLeod |
Broadcasts
- Thu 7 May 2015 21:45Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Fri 8 May 2015 11:50Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal