03/05/2015
Tha an litir aig Ruaraidh ag innse dhuinn mu cheann-cinnidh Clann 'ic Mhathain a bha a' fuireach ann an Caisteal Eilean Donnain aig à m an Rìgh Alasdair II. A letter for learners.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 520
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 824
Duration: 05:00
Litir 824: Caisteal Eilean Donnain - PÃ irt 2
Bha mi ag innse dhuibh mu Chaisteal Eilean Donnain. ’S iomadh stòiridh a tha co-cheangailte ris. Thathar ag rà dh gun robh ceann-cinnidh Clann ’ic Mhathain a’ fuireach ann ri linn Rìgh Alasdair II. Fhuair an ceann-cinnidh comas cainnt nan eun a thuigsinn. Thug sinn buannachdan dha. Chaidh e a-null thairis far an do rinn e fortan. Nuair a thill e a dh’Alba, dh’iarr an Rìgh air caisteal a thogail air Eilean Donnain airson a bhith a’ dìon na rìoghachd.
           A rèir eachdraidh Clann ’ic Coinnich bha smachd aig an fhine sin air an eilean anns an treas linn deug. Ann an dà cheud deug, seasgad ’s a sia (1266), ann an Co-chòrdadh Pheairt, leig na Lochlannaich seachad an smachd air taobh an iar na h-Alba. Bha Iarla Rois ag iarraidh Caisteal Eilean Donnain dha fhèin, ach dhìon Clann ’ic Coinnich e. Thathar ag rà dh cuideachd gun robh am Brusach a’ fuireach ann thairis air a’ gheamhradh ann an trì cheud deug ’s a sia (1306) agus trì cheud deug ’s a seachd (1307).
           Anns a’ cheathramh linn deug, nochd Clann ’ic Rath ann an Cinn Tà ile. Ghabh Clann ’ic Coinnich earbsa annta, agus ’s iad Clann ’ic Rath a bha a’ dìon a’ chaisteil bho sin a-mach. Tha ceangal eadar an caisteal agus Clann ’ic Rath chun an latha an-diugh.
           Chaidh a sgrios anns an ochdamh linn deug. Bha na Spà inntich a’ toirt taic do na Seumasaich ann an seachd ceud deug is naoi-deug (1719). Bha dùil gun tigeadh deich mìle saighdear Spà innteach don Ghà idhealtachd airson a bhith an sàs ann an ar-a-mach. Thà inig armailt bheag de thrì cheud dhiubh a Loch Dubhthaich anns a’ Ghiblean. Ghabh iad smachd air Caisteal Eilean Donnain, ged a bha an togalach ann an droch staid.
           Bha feachdan an riaghaltais air an tòir. Nochd trì soithichean cogaidh anns an loch anns a’ Chèitean. Thug iad ionnsaigh air a’ chaisteal len gunnaichean mòra. Nuair a fhuair iad grèim air a’ chaisteal, fhuair iad a-mach gun robh a’ chuid a bu mhotha de na saighdearan Spà innteach air teicheadh. Leig iad an caisteal gu là r le seachd air fhichead baraillean fùdair-gunna. Air an deicheamh latha dhen Ògmhios rinn armailt Bhreatannach a’ chùis air a’ chòrr de na Spà inntich ann am Blà r Ghleann Seile – faisg air beinn air a bheil ‘Sgùrr nan Spà innteach’.
           Bha an caisteal na thobhta chun an fhicheadamh linn. Eadar deireadh a’ Chiad Chogaidh agus naoi ceud deug, trithead ’s a dhà (1932), rinn an Lt. Coirneal Iain MacRath-Gilstrap ath-thogail air. ’S fìor thoigh le luchd-turais an t-à ite. Cha chreid mi nach e Eilean Donnain an treas caisteal Albannach as motha dhan tèid luchd-turais.
           An-uiridh, bha mi fhìn ’s a’ bhean agam a’ cur seachad beagan là ithean air a’ Chomraich. Cosgaidh e uair a thìde is cairteal drà ibheadh eadar a’ Chomraich agus Eilean Donnain agus chan eil rathad dìreach ann eatarra. Co-dhiù, bha a’ bhean agam air a cois ³Ù°ùà ³Ù³ó, agus air chuairt a-muigh, nuair a stad cà r ri a taobh. Bha seo aig sia uairean sa mhadainn. Dh’fhosgail tè – neach-turais à dùthaich chèin – uinneag, agus dh’fhaighnich i, ‘An e seo an rathad gu Eilean Donnain?’ Uaireannan, tha mapa no sat-nav gu math feumail!
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
’S iomadh stòiridh a tha co-cheangailte ris: many stories are connected to it; fhuair an ceann-cinnidh comas cainnt nan eun a thuigsinn: the clan chief obtained the ability to understand the speech of birds; chaidh e a-null thairis; he went overseas; bha smachd aig an fhine sin air X: that clan controlled X; nochd Clann ’ic Rath ann an Cinn Tà ile: Clan MacRae appeared in Kintail; ghabh Clann ’ic Coinnich earbsa annta: the MacKenzies trusted them; chaidh a sgrios: it was destroyed; bha na Spà inntich a’ toirt taic do na Seumasaich: the Spanish were assisting the Jacobites; bha dùil gun tigeadh deich mìle saighdear: it was expected that ten thousand soldiers would come; bha feachdan an riaghaltais air an tòir: government forces were in pursuit of them; trì soithichean cogaidh: three warships; anns a’ Chèitean: in May; thug iad ionnsaigh air a’ chaisteal len gunnaichean mòra: they attacked the castle with their big guns; gun robh a’ chuid a bu mhotha de na saighdearan air teicheadh: that most of the soldiers had fled; leig iad an caisteal gu là r le seachd air fhichead baraillean fùdair-gunna: they destroyed the castle with 27 barrels of gunpowder; rinn armailt Bhreatannach a’ chùis air X: a British force defeated X; bha an caisteal na thobhta chun an fhicheadamh linn: the castle was a ruin until the 20th century; an treas caisteal Albannach as motha dhan tèid luchd-turais: the third most visited Scottish castle; cosgaidh e uair a thìde is cairteal drà ibheadh eadar a’ Chomraich agus Eilean Donnain: it takes an hour and a quarter to drive between Applecross and Eilean Donan; neach-turais à dùthaich chèin: a tourist from a foreign country.
Puing-chà nain na Litreach
ceann-cinnidh Clann ’ic Mhathain: the clan chief of the Mathesons. When we use clann to mean ‘clan’, it is followed by the genitive form of the clan’s name and can take two forms, including or excluding ‘mac’. In some clan names, both forms are used eg Clann ’ic Coinnich or Clann Choinnich (MacKenzies). In some, only the ‘mac’ form is used eg Clann ’ic Leòid (MacLeods), Clann ’ic Aoidh (Mackays),  Clann ’ic Rath (MacRaes). In others the ‘mac’ form is not used eg Clann Dòmhnaill (MacDonalds), Clann an Toisich (MacIntoshes).
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 3 May 2015 22:28Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 6 May 2015 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.