19/04/2015
Anns an litir aig Ruaraidh, tha sinn a' coinneachadh ri Murchadh Srònadh - sùil co e? The week's letter for learners.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 518
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 822
Duration: 05:00
Litir 822: Murchadh Sròineach
An t-seachdain sa chaidh bha mi ag innse dhuibh mun Phinguin – long-cogaidh Ghearmailteach ri linn an Dà rna Cogaidh. Bha i a’ toirt a’ chreidsinn gur e soitheach-carago a bh’ innte. Tharraing mi an sgeulachd sin à leabhar grinn dà -chà nanach a thà inig a-mach o chionn beagan mhìosan – ‘Casan Searraich’ le Calum MacFhearghuis. Buinidh Calum don Rubha ann an Eilean Leòdhais.
           ’S e leabhar fìor mhath a th’ ann. Tha e là n spòrs agus là n Gà idhlig bhrèagha. Anns an leabhar, tha Calum a’ sgrìobhadh mu Mhurchadh Sròineach. Cò – no dè – a bh’ ann am Murchadh Sròineach? Seann Rubhach, a bha na charaid aig athair Chaluim, ’s dòcha? Uill, chan e buileach.
           Bha Calum na ghille òg. Bha e air an leabaidh anns a’ chùlaist le brochan na bhroilleach. Tha e a’ sgrìobhadh gun robh e gu math tinn. Bha a mhà thair air a thoirt às a’ chlòsaid far am biodh e a’ cadal còmhla ris a dhithis bhrà ithrean.
           Fhad ’s a bha e na laighe air an leabaidh, dh’fhairich e seanchas shìos aig an teine. Bha feadhainn air thighinn a-steach don taigh agus bha iad a’ còmhradh ri chèile. Thà inig mà thair Chaluim a-steach don chùlaist agus chuir i a’ cheist air, ‘Am faod Sgeadaidh agus Murchadh Sròineach a thighinn a-nuas a shealltainn ort?’
           Thuirt Calum gum faodadh. Bha e eòlach air Sgeadaidh – fear de mhuinntir an à ite. Ach cha robh e eòlach air Murchadh Sròineach.
           Thà inig Sgeadaidh a-steach don chùlaist air sà il mà thair Chaluim. Cha robh sgeul air duine eile, ge-tà .
           ‘Cà ite a bheil Murchadh Sròineach?’ dh’fhaighnich Calum.
           Thug Sgeadaidh eun a-mach fo a gheansaidh. Bha an t-eun beò. Bha e mu mheud eireig – cearc òg. Bha e brèagha, iomadh-dhathte le gob mòr air. Chan fhaca Calum a leithid riamh roimhe sin.
           Bhruidhinn Sgeadaidh. ‘Seo agad Murchadh Sròineach. ’S ann ainneamh a chì sinn e a’ tadhal nan cladaichean againne ach tha a sheòrsa cumanta gu leòr anns na h-eileanan iomallach. Nise, dè do bheachd? Nach eil e eireachdail?’
           ‘Tha e bòidheach,’ dh’aontaich Calum. Thuirt e gun robh e an dòchas nach robh Sgeadaidh a’ dol ga mharbhadh.
           ‘Chan eil idir!’ thuirt a mhà thair agus Sgeadaidh à beòil a chèile.
           ‘Bha e feidhir air grèim a ghabhail air baoit fhad ’s a bha sinn a’ tarraing an lìn-bhig,’ mhìnich Sgeadaidh. ‘Tha amharas agam gun robh e air cluinntinn nach robh thu gu math agus dh’iarr e a thighinn a shealltainn ort.’ Tha fhios gun robh Calum òg toilichte mu dheidhinn sin!
           An do dh’obraich sibh a-mach fhathast gu dè an t-eun a bh’ ann? Feumaidh nach robh ainm aca do a leithid anns an Rubha, chan eil fhios a’m. Ach dh’inns mà thair Chaluim dha gun robh ainm Gà idhlig aig fear Tirisdeach, Dougaidh MacCaluim, dha – buthaid. ’S e sin an t-eun beag bòidheach ris an canar puffin ann am Beurla.
           Bha iad dhen bheachd gur e fear òg a bh’ ann. Cha bhiodh fear aig ìre inbhich cho aineolach ’s gun gabhadh e grèim le a bheul air dubhan le baoit air. Agus dè thachair do Mhurchadh Sròineach? Uill, thug Sgeadaidh sìos don chladach e. Leig e à s e gus am faigheadh e dhachaigh ‘gu a mhà thair’. Ged a tha amharas agam nach robh for aig mà thair Mhurchaidh don ‘ghille’ aice! Â
Faclan na Litreach
grinn: fine, nice; Calum MacFhearghuis: Calum Fergusson; Murchadh Sròineach: big-nosed Murdo; Rubhach: a person from Point; geansaidh: gansey, jumper; iomadh-dhathte: multi-coloured; eireachdail: handsome; buthaid: puffin.
Abairtean na Litreach
long-cogaidh Ghearmailteach ri linn an Dà rna Cogaidh: a German warship at the time of the Second War; a’ toirt a’ chreidsinn gur e soitheach-carago a bh’ innte: pretending that she was a cargo ship; buinidh X don Rubha: X belongs to Point; anns a’ chùlaist le brochan na bhroilleach: in the big bedroom with a chest infection; dh’fhairich e seanchas shìos aig an teine: he heard, became aware of conversation in the living room [at the fire]; am faod X a thighinn a-nuas a shealltainn ort?: can X come [down] and see you?; air sà il mà thair X: directly behind [on the heel of] X’s mother; chun na leapa: to the bed; mu mheud eireig: about the size of a pullet; chan fhaca X a leithid riamh roimhe sin: X never saw the like before that; ’s ann ainneamh a chì sinn e a’ tadhal nan cladaichean againne: it’s rarely we see him visiting our shores; tha a sheòrsa cumanta gu leòr: his kind are plentiful enough; nach robh Sgeadaidh a’ dol ga mharbhadh: that Skeddy was not going to kill him; bha e feidhir air grèim a ghabhail air baoit: he had just bitten on bait; fhad ’s a bha sinn a’ tarraing an lìn-bhig: as we were pulling in the small [fishing] line; cha bhiodh fear aig ìre inbhich cho aineolach ’s gun gabhadh e grèim le a bheul air dubhan le baoit air: an adult one wouldn’t be so ignorant as to bite a baited hook; leig e às e: he let him go.
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcasts
- Sun 19 Apr 2015 22:31Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 22 Apr 2015 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.