Episode 3
John Urquhart guides learners, little by little, through the intricacies of the Gaelic language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? Ma tha, 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, sreath gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig.
Gach seachdain treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chòmhraidhean agus tro aithrisean a bhios feumail dhuibh nur n-ionnsachadh. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
Bidh Iain a' còmhradh ri neach-ionnsachaidh na seachdain agus a' cluinntinn mun roghainn-ciùil. Bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair agus bidh fiosrachadh mu chlasaichean Gàidhlig do luchd-ionnsachaidh air feadh Alba sa phrògram.
Presenter John Urquhart guides learners through the intricacies of Gaelic language, dialects, idioms and sayings. Each week he meets up with a learner to find out about their learning experience. Gaelic grammar help is on hand with Dr Michel Byrne of Glasgow University and 鶹Լ archive material is used to illustrate some of the complexities of the language.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 2: Prògram 3
Duration: 54:07
-
Tar-sgrìobhadh: Feasgar
Duration: 01:28
-
Tar-sgrìobhadh: Gàidheil Oilthigh Ghlaschu
Duration: 01:55
-
Tar-sgrìobhadh: Sgeulachd Beatha
Duration: 02:10
Tar-sgrìobhadh: Sgeulachd beatha le Canan Aonghas MacCuithein
Tar-sgrìobhadh: Gàidheil Oilthigh Ghlaschu le Aonghas MacCoinnich
Aonghas MacCoinnich: Tha fhios gun robh ged a b’ e oilthigh uabhasach taiceil dhan riaghaltas stèidhichte, neo an establishment a bh’ ann, tha fios gun robh gu leòr oileanaich ged nach robh iad, ged a bha iad beagan na bu dhiùid, tha fhios gun robh gu leòr oileanaich nach robh taiceil agus gun robh iad taiceil dha cùis na Seumasaich aig an aon àm.
Moch sa mhadainn is mi dùsgadh,
’S mòr mo shunnd is mo cheòl gàire
On a chuala mi am Prionnsa,
A thighinn do dhùthaich Chlann Raghnaill.
On a chuala mi am Prionnsa a thighinn do dhùthaich Chlann Raghnaill...
(Pàirt den òran “Moch sa mhadainn is mi dùsgadh” (Hùg ò Laithill ò – ainm eadar-dhealaichte). Chaidh an t-òran a sgrìobhadh le Alasdair mac Mhaighstir Alasdair, a bha na bhàrd Rìoghail Cheilteach dhan am Prìonnsa Tearlaich)
Gilleasbuig Macdonald: Is tha fhios againn gun robh na daoine sin aig Oilthigh Ghlaschu aig aon àm. Chan eil fianais sgrìobhte againn, a bheil, gun robh Alasdair mac Mhaighstir Alasdair aig Oilthigh Ghlaschu, ach tha amharas againn gun robh.
Aonghas MacCoinnich: Uill, tha amharas ann gun robh mac Mhaighstir Alasdair a’ frithealadh an oilthigh. Cha bhiodh a h-uile oileanach a bhiodh a’ tighinn dhan oilthigh, cha bhiodh iad a’ clàradh mar gum bitheadh. Cha robh suas gu meadhan an naoidheamh linn deug. Nise, tha eòlaichean a tha air a bhith sgrùdadh beatha agus obair mhic Mhaighstir Alasdair deimhinnte gun robh e aig an oilthigh, agus dheidhinnsa le sin tha mi cinnteach.
Gilleasbuig Macdonald: Agus a-rithist, ’s e Seumasach gu smior a bh’ ann an Alasdair mac Mhaighstir Alasdair?
Aonghas MacCoinnich: ’S e an dearg Seumasach a bh’ ann an Mac Mhaighstir Alasdair.
Gràinne mullaich gach Rìgh thu
Slan gun till thus’ a Thearlaich
’S ann a tha an fhìor-fhuil gun truailleadh
Anns a’ ghruaidh is mòr-nàire
(Pàirt eile den òran “Moch sa mhadainn is mi dùsgadh” (Hùg ò Laithill ò – ainm eadar-dhealaichte)).
Aonghas MacCoinnich: Ach bha taobhan eile cuideachd. Thug e bliadhnaichean a’ dèanamh , an ceann a’ chosnaidh mar mhaighstir-sgoile dhan a’ SSPCK, Comann Crìosdail a bha a’ toirt taic dhan riaghaltas eile, agus chaidh e an uair sin calg-dhìreach an-aghaidh sin, agus dh’fhalbh e. Cha b’ e ruith ach leum còmhla ri feachdan Thearlaich nuair a thàing iad air tìr.
Tar-sgrìobhadh: Feasgar le John Joe MacNèill
John Joe MacNèill: A bheil cù no cat agaibh a Chathy?
Cathy Bhàn: An dà chuid.
John Joe: A bheil? O uill.
Cathy: An dà chuid, agus cha bhi iad gam chumail na mo dhùisg, tha iad tòrr nas glice na sin. Ach, tha mi gu math dèidheil orra agus bhithinn gu math leisg mu dheidhinn gearain a dhèanamh mun deidhinn, ach iongantach an rud, chan eil thu cho dèidheil air ceit no còin chàich ‘s a tha thu air an fheadhainn agad fhèin!
John Joe: Uill, feumaidh mi ràdh, ’s beag orms’ an dà chuid. Tha mi allergic ri fear aca, agus fear eile, o chan eil mi ro kheen sam bith air. Ach fhios agad, bu mhath leam, ach fhios agad nuair a bhios tu ag èisteachd ri cù a’ comhartaich fad na h-oidhche, bidh e gad chur dheth tha mi a’ smaointinn. Mar a bha mise an siud a-raoir, agus an cù a bha siud agus a’ comhartaich is a’ comhartaich is a’ comhartaich. Is chunnaic mi dà uair sa mhadainn is chunnaic mi trì uair sa mhadainn, agus dè ’s urrainn daoine a dhèanamh. Tha mi a’ smaointinn gur e sin an taobh eile.
Cathy: Agus an d’ rinn thu gearain? An robh dòigh ann a b’ urrainn dhut gearan a dhèanamh?
John Joe: Chan eil sgot agamsa. Chan eil fhios agamsa ciamar a bhios mi a’ gearain, ach gheibh mi a-mach. Tha mi a’ dol a dh’fhònadh chun a’ chomhairle dha-rìribh.
Cathy: Ach tha mi a’ creidsinn cuideachd ma mhothaich thu riamh, ma tha gràin agad air cait, ma bheir iad sreathartaich ort neo càil mar sin, tha iad dìreach a’ tighinn thugad às do dhèidh mar gum biodh iad a’ feuchainn dìreach a bhith ga do phiobrachadh. An do mhothaich thu sin?
John Joe: Mhothaich. Agus chan e siud an rud as miosa dhomhsa, ’s e am mess a bhios iad a’ fàgail. Fhios agad, is tha mi a’ ciallachadh le sin ’s e, fhios agad, gruag air feadh an àite. ’S beag ormsa sin, agus...
Cathy: ...na gaoisneinean a bhios iad a’ fàgail às an dèidh.
John Joe: ’S e. Agus dh’fheumadh tu a bhith a’ dol mun cuairt an taigh leis a’ hoover a h-uile uair an uaireadair so leis an sin sad a-mach iad, sad a-mach iad a bhios mise ag ràdh!
Oisean a’ Ghràmair 3
1. GUN ‘Wձ᰿’
gun airgead ‘without money’
gun dragh ‘without any bother’
gun duilgheadas‘without difficulty’
gun leisgeul‘with no excuse’ Dh’fhalbh iad gun leisgeul sam bith.
gun sgillinn ruadh (na mo sporan) ‘without a penny (in my wallet)’
gun sgur‘nDz-ٴDZ’. Bha iad a’ bruidhinn gun sgur.
gun teagamh‘without a doubt, undoubtedly’
è, mar as trice:
gun bhainne gun shiùcar Bidh mi a’ gabhail teatha gun bhainne ’s gun shiùcar.
gun chrìoch ‘endless, limitless’ Tha an obair seo gun chrìoch.
gun fheum ‘useless’ Tha seo buileach gun fheum. ‘This is completely useless.’
gun fhasgadh ‘without shelter’ Thug iad an oidhche a-muigh gun fhasgadh sam bith. ‘They spent the night outside without any shelter.’
Ged as urrainnear d is t a shèimheachadh (mar eisimpleir mo dhìnnear, mas e do thoil e), mar as trice cha bhi d no t ag atharrachadh às dèidh n. Mar sin: gun dragh, gun teagamh.
gun fhios / gun fhiosta ‘unawares’, ‘surreptitiously’
Thàinig iad a-staigh gun fhios / gun fhiosta. ‘They came in without anybody knowing’
Thàinig iad a-staigh gun fhios / gun fhiosta dhomh. ‘They came in without me knowing.’
Gabhaidh sinn an càr gun fhios dha do phàrantan. ‘We’ll take the car without your parents ԴǷɾԲ’.
gun fhios nach...: ‘in case’
Thoir leat am mapa gun fhios nach tèid thu ceàrr.‘Take the map with you in case you go wrong.’
Dùin an doras gun fhios nach teich an cat.‘Shut the door in case the cat runs out.’
gun luaidh air : ‘not to mention’, ‘never mind...’
Chan urrainn dhomh èirigh bhom leabaidh, gun luaidh air coiseachd dha na bùithtean.
‘I can’t get out of bed, never mind go to the shops.’
Bha an talla loma làn, gun luaidh air an t-sluagh mhòr a bha a’ feitheamh a-muigh.
‘The hall was packed full, not to mention the crowd that was waiting outside.’
2. GUN (/ GUN A BHITH): ‘NOT TO / NOT TO BE’
Dh’iarr mi ort gun sin a dhèanamh.‘I asked you not to do that.’
Dh’iarr mi orra gun an doras fhosgladh.‘I asked them not to open the door.’
Bha mi a’ feuchainn gun a bhith a’ bruidhinn ro luath. ‘I was trying not to speak too fast.’
B’ fheàrr leam gun a bhith a’ falbh fhathast. ‘I’d rather not be leaving yet.’
Tha e doirbh gun a bhith a’ call foighidinn. ‘It’s hard not to lose patience.’
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 5 Apr 2015 21:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Apr 2015 12:03鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 8 Apr 2015 22:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 12 Apr 2015 10:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 19 Jul 2015 21:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Jul 2015 12:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 22 Jul 2015 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 26 Jul 2015 10:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 17 Jan 2021 21:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Jan 2021 12:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 20 Jan 2021 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 24 Jan 2021 10:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.