29/03/2015
Anns an litir, cluinnidh sinn mar a dh'ionnaich Sandy, an cù aig Ùisdean a bhith dol leis fhèin dhan bhùth son tombac a cheannach dha mhaighstear. The week's letter for learners.
Last on
Corresponding Litir Bheag
An Litir Bheag 515
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 819
Duration: 04:59
Litir 819: Ùisdean ’s an Tombaca (4)
Bha Ùisdean air comharra a chur air a’ bhonn leth-chrùin a bha an cù aige, Sandaidh, a’ giùlain ann an nèapraigear timcheall amhaich. ’S e sgrìob a bh’ ann air sròn an rìgh, agus cha robh duine ann a dh’aithnicheadh i ach Ùisdean agus fear bùth an tombaca ann an Inbhir Pheofharain. Ghoid Padaidh Cam an t-airgead bhon chù mar a bhitheadh e a h-uile Dihaoine. Cha do mhothaich e don chomharra air a’ bhonn.
           Nuair a rà inig Sandaidh a’ bhùth, chunnaic fear na bùtha nach robh an t-airgead anns an nèapraigear mar bu chòir. Bha fios aige gun robh cuideigin air a ghoid. Bha e air fhaicill airson an leth-chrùn sgrìobte fhaicinn. Chuir e an cù dhachaigh a dh’Ùisdean le tombaca agus teachdaireachd air pìos pà ipeir – ‘chaidh a ghoid a-rithist’.
           Beagan là ithean an dèidh sin, thà inig Padaidh Cam a-steach don bhùth. Bha e feumach air maidsichean. Chuir e leth-chrùn air a’ chunntair. Thug fear na bùtha iomlaid dha agus dh’fhalbh Padaidh.
           Thug fear na bùtha am bonn leth-chrùin chun na h-uinneig. Anns an t-solas, chunnaic e sgrìob ùr air sròn an rìgh. B’ e Padaidh am mèirleach! Ach ciamar a bha iad a’ dol a dhèiligeadh ris? Mheòraich fear na bùtha greis. An uair sin, sgrìobh e litir gu Ùisdean.
           Nuair a leugh Ùisdean an litir, rinn e gà ire. Bha e a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas. Nuair a thà inig Dihaoine, an à ite bonn leth-chrùin, chuir Ùisdean clach bheag chruinn don nèapraigear. Bha pìos pà ipeir na cois. Sgrìobhte air a’ phà ipear, bha seo: ‘Gu Padaidh, am mèirleach. Ma thachras mèirle a-rithist, bidh thu a’ fulang gu mòr!’
           Dh’fhalbh Sandaidh a dh’ionnsaigh Inbhir Pheofharain. Bha Padaidh Cam a’ feitheamh ris. ‘Trobhad seo,’ thuirt e ris a’ chù, ‘tha briosgaid agam dhut.’ Chaidh Sandaidh gu Padaidh agus ghabh e a’ bhriosgaid. Ghreimich an duine air an nèapraigear agus dh’fhuasgail e e. Cha robh leth-chrùn ann, ach clach bheag chruinn, agus pìos pà ipeir.
           Cha robh comas leughaidh aig Padaidh Cam. Mar sin, cha do thuig e na bha sgrìobhte air a’ phà ipear. Ach thuig e gun robh clach ann an à ite leth-chrùn. Bha an t-eagal air gun robh fios aig Ùisdean cò bh’ air a bhith a’ goid a chuid airgid.
           Dihaoine às dèidh sin, chuir Ùisdean an cù aige gu ruige Inbhir Pheofharain mar a b’ à bhaist. Lean e air an turas seo, a’ cumail a-mach à sealladh, ach a’ cumail sùil air le prosbaig. Bha e doirbh dha cumail suas ri Sandaidh oir bha an cù na bu luaithe na duine.
           Agus dè thachair trì mìle a-mach à Inbhir Pheofharain? Stad an cù ann am meadhan an rathaid, agus thug e sùil a dh’ionnsaigh taigh Phadaidh. Bha e a’ feitheamh ris a’ bhriosgaid aige. Ach bha Padaidh am broinn an taighe leis an doras glaiste agus na cùirtearan dùinte. Bha fios le cinnt aig Ùisdean a-nise cò a bu choireach ris a’ mhèirle. Nach robh Sandaidh ga innse?!
           Agus, airson bhliadhnaichean, bhiodh an cù a’ toirt tombaca dhachaigh a h-uile Dihaoine – Sandaidh agus an uair sin mac Shandaidh. Cha deach Padaidh faisg air na coin. Lean sin gus an do chaochail Ùisdean – aig aois ceathrad, le aillse sgamhain.
Faclan na Litreach
²õ²µ°ùì´Ç²ú: scratch; Inbhir Pheofharain: Dingwall; trobhad seo: come here; »å³ó’f³ó³Ü²¹²õ²µ²¹¾±±ô: untied; cruinn: round; coin: dogs; chaochail: died.
Abairtean na Litreach
Bha Ùisdean air comharra a chur air a’ bhonn leth-chrùin: Hugh had marked the half-crown coin; a’ giùlain ann an nèapraigear timcheall amhaich: carrying in a kerchief around his neck; cha robh duine ann a dh’aithnicheadh i ach: there was nobody who would recognise it except; cha do mhothaich e don chomharra: he didn’t notice the mark; nach robh an t-airgead anns an nèapraigear mar bu chòir: that the money wasn’t in the kerchief as it should have been; gun robh cuideigin air a ghoid: that somebody had stolen it; chaidh a ghoid a-rithist: it was stolen again; b’ e Padaidh am mèirleach: Paddy was the thief; ciamar a bha iad a’ dol a dhèiligeadh ris?: how were they going to deal with him?; mheòraich X greis: X contemplated for a while; rinn e gà ire: he laughed; a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas: going to get revenge; ma thachras mèirle a-rithist, bidh thu a’ fulang gu mòr: if a robbery happens again, you’ll suffer big-time; ghreimich an duine air: the man took hold of; cha robh comas leughaidh aig X: X couldn’t read; cha do thuig e na bha sgrìobhte air a’ phà ipear: he didn’t understand what was written on the paper; cò bh’ air a bhith a’ goid a chuid airgid: who had been stealing his money; mar a b’ à bhaist: as usual; lean e air: he followed him; a’ cumail a-mach à sealladh: keeping out of sight; a’ cumail sùil air le prosbaig: keeping an eye on him with a telescope; thug e sùil a dh’ionnsaigh: he looked towards; am broinn an taighe: inside the house; cò a bu choireach ris a’ mhèirle: who was responsible for the thieving; aig aois ceathrad, le aillse sgamhain: at the age of forty, with lung cancer.
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Bha e a’ dol a dh’fhaighinn dìoghaltas: he was going to exact revenge.
Broadcasts
- Sun 29 Mar 2015 22:30Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Wed 1 Apr 2015 23:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.