Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 33

Blàr Neuve Chapelle a' tòiseachadh 's am Bayano dha sgrios le U-27 le call faisg air 200. The Battle of Neuve Chapelle begins on 10 March and the Bayano is sunk off Stranraer.

An-diugh tha Gilleasbuig MacDhòmhnaill ag innse mar a thòisich Blàr Neuve Chapelle air an deicheamh latha dhen Mhàirt 1915. Nan deigheadh le feachdan Bhreatainn aig Neuve Chapelle, tuath air La Bassee agus an iar air Lille an ceann a tuath na Frainge, bhriseadh iad tro loidhne nan Gearmailteach agus gheibheadh iad gu Aubers Ridge, 's dòcha fiùs gu baile Lille, a bha cho cudromach dhan nàmhaid a thaobh conaltradh agus còmhdhail.
Thoisich an ionnsaigh aca le còrr air leth uair a thìde de dh'urchairean à faisg air trì cheud gu leth gunna mòr. Tha aon sgoilear a' meas gun deach barrachd shellichean a losgadh as an ùine seo na chaidh a losgadh fad Cogadh nam Boers.

Cluinnidh sinn cuideachd bàrdachd a rinn Calum MacLeòid à Lunndail, a chaidh a leòn aig Blàr Neuve Chapelle, dha bhràthair Ruaraidh a chaidh a mharbhadh san aon bhlàr aig aois 19.

10 minutes

Last on

Fri 13 Mar 2015 11:50

Clip

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 12 Mar 2015 21:03
  • Fri 13 Mar 2015 11:50