An t-Oll Urr I A MacLeòid bho 1996 - Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain 1/2
Seirbheis bho thasglann a' BhBC 1996 còmhla ris an Oll Urr Iain A MacLeòid, Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain. Gaelic archive service from 1996 conducted by Prof John A MacLeod.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na sailm agus na leughadhaidhean a leanas:
Salm 40: 1-2 air fonn Walsall agus 's e Calum MacLeòid a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor Chrois ann an Nis.
Salm 103: 11-13 air fonn Moravia agus 's e an t-Urr Niall Seathach a tha os cionn na seinn le taic bho choitheanal Eaglais Shaor nam Manach-Liath ann an Inbhir Nis.
Leughadh: Salm 51: 1-19
Ceann-teagaisg: Gnà th Fhacail 28:13
Rugadh an t-Oll Urr Iain Aonghas MacLeòid anns na Còig Peighinnean ann an Nis an Eilean Leòdhais ann an 1956. Mas deach Mgr MacLeòid a-staigh airson na ministrealachd bha e ag obair roimhe sin na einnseanair aig BT airson grunn bhliadhnaichean. Air an t-slighe chun na ministrealachd thill e air ais gu foghlam aig à rd-ìre agus cheumnaich e à Oilthigh Obar Dheathain le ceum ann an Diadhachd agus Cà nain a' Bhìobaill. Chaidh e an uairsin gu Colaiste na h-Eaglaise Saoire ann an Dùn Èideann. Nuair a bha e deiseil anns a' Cholaiste chaidh a phòsadh ris a' chiad choitheanal aige aig Eaglais Shaor Inbhir Pheofharain. Tha Mgr MacLeòid an-diugh na Iar Cheannard air Colaiste na h-Eaglaise Saoire no mar a tha an togalach air ainmeachadh às ùr, Seamanaraidh Dhiadhaireachd Dhùn Èideann, far a bheil e a' teagasg Greugais agus an Tiomnadh Nuadh dha na h-oileanaich. Tha Mgr Macleòid pòsta aig Ealasaid agus tha sianar a theaghlach aca. Is caomh leis a bhith a' cur seachad ùine còmhla ri a theaghlach, ach a thuilleadh air an sin, an lùib na cur-seachdan aige tha coiseachd, ag obair anns a' ghà rradh agus a' rannsachadh teicneolais ùr.
Last on
Broadcast
- Sun 25 Jan 2015 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal