28/12/2014
Tha Ruaraidh a' bruidhinn air Gilleasbuig MacDhòmhnaill à Uibhist a Tuath agus mar a chaidh e a thiodhlaigeadh ann a Cille Chuimein. Week's letter for learners from Roddy MacLean.
Last on
Corresponding Litir Bheag
Litir Bheag 502
Clip
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh 806
Duration: 05:00
Litir 806: An t-Iasg Ã’ir
Bha uaireigin iasgair ann. Bha e a’ fuireach cuide ri a bhean ann an taigh-tughaidh an cois na mara. Bha iad gu math bochd. Bha an t-uisge a’ faighinn a-steach tro mhullach an taighe, bha na h-uinneagan air an sgà ineadh agus bha an cuid aodaich luideagach. Ach, a dh’aindeoin sin, bha iad sona gu leò°ù.
           Latha a bha seo, chaidh am bodach chun na carraig le lìon. Bha a bhean ag iarraidh air iasg a ghlacadh airson an suipeir. Cha d’ fhuair e ach aon iasg beag. Ach ’s e iasg neònach a bh’ ann. Bha dath an ò¾±°ù air. Bha a lannan mar gum biodh air an dèanamh de dh’ò°ù.
           Thug am bodach sùil gheur air an iasg. Agus thachair rud iongantach. Dh’fhosgail an t-iasg a bheul agus thòisich e air bruidhinn. Agus bha e a’ bruidhinn Gà idhlig. Uill, bha seo air taobh an iar na Gà idhealtachd – ’s beag an t-iongnadh gur e Gà idhlig a bh’ aige, ’s dòcha!
           ‘A dhuine chò¾±°ù,’ thuirt an t-iasg, ‘na marbh mi.’ Cha robh fios aig an iasgair gu dè chanadh e. ’S iomadh bliadhna a bha e a’ fuireach an cois na mara, agus ’s iomadh latha a bha e ag iasgach. Ach iasg a bhruidhneadh ris – ann an cainnt a thuigeadh e – uill, cha do thachair sin riamh roimhe. ’S iomadh annas a chì sinn, agus sinn beò fada gu leò°ù.
           ‘A dhuine chò¾±°ù,’ thuirt an t-iasg a-rithist. ‘Na marbh mi. Tilg mi air ais don mhuir. Ma nì thu sin, cha bhi thu gun duais.’
           ‘Dè an duais?’ dh’fhaighnich an t-iasgair. ‘Dè gheibh mi bhuat?’
           ‘Gheibh,’ ars an t-iasg, ‘rud sam bith a thogras mi a thoirt dhut – ach a-mhà in an cumhachd a th’ agam fhìn.’
           Rinn an t-iasgair gà ire. ’S e còmhradh neònach a bh’ ann gun teagamh, agus e a’ bruidhinn ri iasg beag ò¾±°ù. ‘Hut,’ thuirt e, ‘chan fhiach thu mò°ùan air an truinnsear – tha thu ro bheag. Ach chan eil mi a’ creidsinn gu bheil cumhachd mar sin agad.’ Leis a sin, thilg e an t-iasg air ais don mhuir, agus dh’fhalbh e dhachaigh.
           ‘An d’ fhuair thu iasg?’ thuirt a bhean ris nuair a thill e.
           ‘Fhuair,’ fhreagair an t-iasgair.
           ‘Agus cà ite a bheil e?’ ars a bhean.
           ‘Ach uill,’ thuirt an t-iasgair, ‘bha e ro bheag. Agus leis an fhìrinn innse, cha robh mi airson ithe co-dhiù.
           ‘Carson sin?’ dh’fhaighnich a bhean. ‘Dè bha ceà rr air?’
           ‘Uill, ’s e iasg ò¾±°ù a bh’ ann,’ thuirt an duine aice. ‘Bha coltas air gun robh e air a dhèanamh de dh’ò°ù.’
           ‘De dh’ò°ù?’ thuirt i, ‘de dh’ò°ù? Chan urrainn sin a bhith.’
           ‘Chan e sin a-mhà in,’ lean an duine aice, ‘ach bha e a’ bruidhinn rium – ann an Gà idhlig!’
           Choimhead a bhean air mar gun robh e air a dhol às a rian. Ach chùm an t-iasgair a’ dol. ‘Thuirt e rium, nan cuirinn air ais don mhuir e, gun toireadh e duais dhomh – duais sam bith a dh’iarrainn.’
           ‘Agus dè dh’iarr thu air?’
           ‘Cha do dh’iarr dad. Cha robh ann ach iasg beag.’
           ‘Uill,’ thuirt a bhean, ‘chan eil sin math gu leò°ù. Chan eil grèim bìdh anns an taigh. Thalla thus’ air ais don chladach agus iarr air an iasg aran a thoirt dhuinn.’
           Thill an t-iasgair don chladach. Agus innsidh mi dhuibh dè thachair an-ath-sheachdain.
Faclan na Litreach
Abairtean na Litreach
cuide ri a bhean ann an taigh-tughaidh: with his wife in a thatched house; bha na h-uinneagan air an sgà ineadh: the windows were cracked; bha an cuid aodaich luideagach: their clothes were ragged; a dh’aindeoin sin, bha iad sona gu leò°ù: despite that, they were happy enough; chaidh am bodach chun na carraig le lìon: the old man went to the [fishing] rock with a net; bha a lannan mar gum biodh air an dèanamh de dh’ò°ù: its scales appeared to be made of gold; ’s beag an t-iongnadh gur e Gà idhlig a bh’ aige: it’s hardly surprising that it spoke Gaelic; a dhuine chò¾±°ù: good man; iasg a bhruidhneadh ris – ann an cainnt a thuigeadh e: a fish that would speak to him – in speech he understood; ’s iomadh annas a chì sinn, agus sinn beò fada gu leò°ù: it’s many a strange thing we see if were alive long enough; ma nì thu sin, cha bhi thu gun duais: if you do that, you won’t be without reward; chan fhiach thu mò°ùan air an truinnsear: you’re not worth much as food [on the plate]; chan eil mi a’ creidsinn gu bheil cumhachd mar sin agad: I don’t believe you have power like that; leis an fhìrinn innse, cha robh mi airson ithe co-dhiù: to tell the truth, I didn’t want to eat it anyway; chan urrainn sin a bhith: that’s impossible; chan e sin a-mhà in: not only that; choimhead a bhean air mar gun robh e air a dhol à s a rian: his wife looked at him as if he had gone doolally; nan cuirinn air ais don mhuir e: if I would return him to the sea; duais sam bith a dh’iarrainn: any reward I would like; chan eil grèim bìdh anns an taigh: there’s not a bite of food in the house; iarr air an iasg aran a thoirt dhuinn: ask the fish to give us bread.
Puing-chà nain na Litreach
Gnà thas-cainnt na Litreach
Broadcast
- Sun 28 Dec 2014 22:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic
Tha Litir do Luchd-ionnsachaidh air LearnGaelic (le PDFs)
All letters
Tha na litrichean uile an seo / The letters are available here
Podcast: Litir do Luchd-ionnsachaidh
Letter To Gaelic Learners
Podcast
-
Litir do Luchd-ionnsachaidh
Litrichean Gaidhlig do luchd-ionnsachaidh. Gaelic letters for students of the language.