Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 10

Episode 10 of 10

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.

A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gàidheal.

Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.

A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar ³Ò°ùà³¾²¹°ù na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.

John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.

30 minutes

Last on

Sun 22 Mar 2015 10:30

More episodes

Next

You are at the last episode

See all episodes from Beag air Bheag

Tar-sgrìobhadh: Naidheachdan bho Cheap Breatainn: TX: 07.07.14

Guthan: Goiridh Dòmhnallach
Gilleasbuig Fearghasdan


Anns a’ phrògram seo chaidh Gilleasbuig Fearghasdan thar a’ chuain gu Eilean Cheap Bhreatainn far an d’ fhuair e cothrom bruidhinn ri muinntir an eilein aig a bheil Gàidhlig. Mar fhear a tha pòsta aig tè à Ceap Breatainn co-dhiù, tha Gilleasbuig gu math eòlach air an àite, ach fhuair e tuigse na b’ fheàrr air an turas a bha seo.
Bhruidhinn e ri Goiridh Dòmhnallach fhad ’s a bha e ann. ’S e neach-ionnsachaidh a th’ ann an Goiridh, agus bhruidhinn e mun shuidheachadh aig Gàidhlig san sgìre anns a bheil e fhèin a’ fuireach. Sa chriomag seo, dh’inns’ e do Ghilleasbuig carson a bha cuid de dhaoine den bheachd gun robh e car amaideach a bhith ag ionnsachadh na Gàidhlig.


Gilleasbuig: Mar a dh’inns’ thu dhomh a Ghoiridh, chan eil an t-uabhas anns an sgìre seo an-diugh aig a bheil a’ Ghàidhlig. An robh na seann fheadhainn, an robh iad a’ tuigsinn carson a bha thu fhèin a’ gabhail uiread de dh’ùidh anns a’ chànan neo an robh e a’ cur iongnadh orra?


Goiridh: Bhiodh siud a-rèir cò an duine a bhiodh ann. Yeah, cuid dhiubh, bha iad uile gam mholadh, ach tha mi a’ dèanamh a-mach gun robh iad a’ smaoineachadh gun robh mi car faoin a bhith a’ cur a-staigh de dh’airgead agus de dh’ùine a bhith a’ togail seo bhon a bha iad fhèin car air am brainwasheadh bho chionn fhada nach robh uiread de dh’fheum anns a’ Ghàidhlig.
Agus, tha naidheachd bheag agam. Bha mi còmhla ri piuthar mo mhàthair bho chionn bliadhnaichean agus bha sinn a’ bruidhinn air mo sheanair, agus dh’inns’ mi dhith...thuirt i, "Oh, bha e uabhasach moiteil asad gun do thog thu a’ Ghàidhlig cho math sin".
Agus thuirt mise, "Uill, chan eil fhios ’am mu dheidhinn sin".
Bha e còmhla ri mo bhràthair aon turas, agus dh’fhaighnich e, "A bheil Gàidhlig agad fhèin?" is thuirt mo bhràthair, "Oh, chan eil", agus chan eil Gàidhlig aige ach corra fhacal.
Agus thuirt e, "Seadh, uill am biodh tu airson Gàidhlig ionnsachadh?" Is thuirt mo bhràthair, "Oh bhithinn nam biodh cothrom agam".
"Uill nam bithinns’ nad àite, ’s e Fraingis a dh’ionnsaichinn", thuirt e, "agus gheibheadh tu obair leis a sin", thuirt e.
Is dh’inns’ mi sin dhi, is thuirt i, "Dh’fhaodte gun d’ thuirt e sin agus 's e sin an seann sgeul a bh’ aig an t-seann fheadhainn mar sin".
Ach thuirt i, ann an ceithir fichead ’s a naoi, bha mi fhìn agus Bernie Camshron a’ gabhail òran air cuirm-chiùil shuas ann an Antaiginis agus bha sin air a chraobh-sgaoileadh a-mach air CJFX, an rèidio.
Agus dh’inns’ i dhòmhsa, agus bha esan marbh fad bliadhnaichean roimhe seo, agus dh’inns’ i dhòmhsa gun robh esan ag èisteachd ris a sin, agus thug i sùil air agus bha na deòir dìreach a’ sileadh air aodann mar sin.
So, sin agad mar, tha rud car...ann an dòigh schizophrenic mu dheidhinn nan daoine gun deach innse dhaibh nach robh mòran feum anns a’ Ghàidhlig riamh, ach nan cridheachan tha fhios aca gur i rud prìseil a th’ innte mar sin.

Tar-sgrìobhadh: Deasbad BT ALBA 2013: TX: 27.11.13

Guth:Iseabail Bain


Seo criomag bho chuairt dheireannach Deasbad BT ALBA a chaidh a chumail beò aig Pàrlamaid na h-Alba ann an 2013. Tha Iseabail Bain bho Àrd-sgoil Mhic Neacail a’ bruidhinn air a’ chuspair, "Tha cànan ag atharrachadh. Tha litreachadh ag atharrachadh. Gabh ris nach e mearachd a th’ ann tuilleadh".


Iseabail: Tha sinne ann an Sgoil MhicNeacail gu làidir den bheachd gu bheil cànan ag atharrachadh, gu bheil litreachadh ag atharrachadh agus nach e mearachd a th’ ann tuilleadh. Chuala sibh an seanfhacal:
"Chan eil duine gun dà latha ach duine gun latha idir."
Uill, b’ urrainn dhuinn an aon rud a ràdh mu chànanan. Chan eil cànan sam bith nach bi ag atharrachadh ach cànan a tha marbh.
Ciamar a b’ urrainn do chànan a bhuineadh do shaoghal an t-siathamh linn deug neo an ceathramh linn deug a bhith freagarrach airson an latha an-diugh?
Cia mheud duine a thuigeas Shakespeare an-diugh? Gu luaidh air Chaucer? Ach, cha leig sinn a leas a dhol air ais cho fada sin na dhol dhan a’ Bheurla. Èistibh ris an seo:

"Sa bhiolair luidneach, shliòm-chluasach.
Glas, chruinn-cheannach, chaoin ghorm-nealach;
Is i fàs glan, uchd-ard, gilmeineach,
Fuidh barr geal iomlan, sònraichte."

Seo earrann den phìos bàrdachd, "Òran an t-Samhraidh", a sgrìobh Donnchadh Bàn Mac an t-Saoir anns an ochdamh linn deug. Abair beartas cainnt, ach a bheil sibh ga thuigse? 'S e deamhnaidh beag dheth a tha mi fhìn is Peigi Ann a’ tuigse.

Nach eil seo a’ dearbhadh dhuinn gu bheil cànanan ag atharrachadh is facail a’ dol à bith. A chàirdean, mar a tha tìm a’ gluasad tro na linntean, tha an saoghal ag atharrachadh, tha na daoine ag atharrachadh, tha dòigh-beatha ag atharrachadh. Nach eil e nàdarrach gum bi cànanan ag atharrachadh cuideachd?

Gabh ris nach e mearachd a th’ ann tuilleadh.

Tapadh leibh.

Oisean a’ Ghràmair 10

Puing 1: mo, do, a... + gnìomh-ainmear (verbal noun)

‘(to) hear me’ÌýÌý mo chluinntinn  ‘my hearing’
‘(to) see you’ÌýÌý d’ fhaicinnÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌýÌý ‘your seeing’
‘(to) do it’ ÌýÌýÌýÌýÌýÌý a dhèanamhÌýÌýÌýÌýÌýÌý‘its doing’

m.e.

Feumaidh tu mo chuideachadh. ÌýÌý 
‘You must help me.’ (‘my helping’)

Feumaidh mi d’ fhaicinn. ÌýÌý 
‘I have to see you.’ (‘your seeing’)

B’ urrainn dhomh d’ fhaicinn a-màireach.   
‘I could see you ³Ù´Ç³¾´Ç°ù°ù´Ç·É.’

Bu chòir dhut mo chreidsinn.ÌýÌý  
‘You should believe me.’ (‘my believing’)

Tha mi ag iarraidh a faicinn. ÌýÌý 
‘I want to see her.’ (‘her seeing’)

Bu toil leam a chluinntinn. ÌýÌý 
‘I’d like to hear it.’ (‘its hearing’)

Cha robh e furasta d’ fhaicinn. ÌýÌý
‘It wasn’t easy to see you.’

Bidh agad ri a thoirt leat. ÌýÌý 
‘You’ll have to bring it.' (‘its bringing’)

Cha bhi e comasach dhi ar togail. ÌýÌý
‘It won’t be possible for her to pick us up.’(‘our picking up’)

Cha b’ fhiach an ceannach. ÌýÌý 
‘It wasn’t worth buying them.’ (‘their buying’)

B’ fheàrr leam ur toirt ann. ÌýÌý 
‘I’d rather take you there’. (‘your taking’)


Puing 2: GABH


Gabh mo leisgeul!
Excuse me! (‘take my excuse’)

Dè ghabhas tu?  
What will you have (to eat or drink)?

Ghabh iad eagal.  
They took fright.

‘G´Ç’:

Gabh seachad air a’ gharaids, agus an uair sin gabh gu do làimh chlì.
‘Go past the garage and then go left’.

Ghabh iad sìos an rathad.   
‘They went down the road.’

GABH + le gniomh-ainmear : ‘can be / could be’

Dè ghabhas dèanamh?  ÌýÌý 
‘What can be done?’

Cha ghabh seo càradh.  ÌýÌý 
‘This can’t be fixed’.

An gabh na balgain-buachair seo ithe?   
‘Are these mushrooms edible?’

Cha ghabhadh an uinneag fosgladh.   
‘The window couldn’t be opened.’

Cha robh fhios agam nach gabhadh na balgain-buachair ithe. 
‘I didn’t know the mushrooms weren’t edible.’

Abairt na Seachdain

Bha do shùil na bu mhotha na do bhroinn

Broadcasts

  • Sun 21 Dec 2014 21:30
  • Christmas Eve 2014 12:03
  • Christmas Eve 2014 22:00
  • Sun 28 Dec 2014 10:30
  • Sun 15 Mar 2015 21:30
  • Wed 18 Mar 2015 12:03
  • Wed 18 Mar 2015 22:00
  • Sun 22 Mar 2015 10:30

Podcast