Main content
Sorry, this episode is not currently available

12/12/2014

Beachdan chloinne, ceòl agus spòrs gu leòr còmhla ri Shona Nic a' Phiocair. Children's fun, features and music with Shona MacVicar.

57 minutes

Last on

Sat 13 Dec 2014 12:03

Bauble Rèin-fhiadh

Bauble Rèin-fhiadh
Airson Rudolph a chruthachadh, feumar siosar, bocsa-uighean, peant donn, cairt donn, sùilean googly, bauble dearg agus glaodh.
1. Iarr air inbheach am bocsa-uighean a ghearradh ann an sia pìosan.
2. Cuir dath air na sia pìosan le peant donn.
3. Fhad ‘s a tha thu a’ feitheamh ris a' pheant tiormachadh, dèan na h-adhaircean agus na cluasan a-mach às a’ chàirt dhonn. 
4. Iarr air inbheach na cluasan agus na h-adhaircean a ghearradh a-mach dhuibh.
5. Nuair a tha am peant tioram, cleachd an glaodh airson na cluasan, na h-adhaircean, an sron dearg agus na sùilean googly a steigeil sìos. 
6. Nuair a tha an glaodh tioram, faodar pìos sreang no ribean a chuir tron mhullach agus faodar Rudolph a chrochadh air a’ chraobh Nollaig.

Sèinichean pàipear

Sèinichean pàipear
Airson na sèinichean pàipear, feumar striopan pàipear dathteach, gliotar, glaodh, steigearan, pinn agus teip a tha steigeach air an dà thaobh. 
1. Cleachd an gliotar, na steigearan agus na pinn airson dealbhan a chuir air na striopan pàipear. 
2. Nuair a tha iad deiseil, cuir pìos teip steigeach dà thaobhach air ceann aon phìos pàipear.
3. Lùb am pàipear gus an steig e ri chèile ann an cumadh cearcall. 
4. Cuir pìos teip steigeach dà thaobhach air striop pàipear eile agus lùb sin tron a’ chearcall a rinn thu.
5. Cùm a’ dol mar seo gus am bi an sèine cho fada ‘s a dh’iarras tu.

Candy Canes

Candy Canes
Airson na candy canes, feumar pipe cleaners ann an diofar dhathan. 
1. Cleachd dà phipe cleaner de dhiofar dath agus cuir car annta. 
2. Nuair a tha iad ri chèile, lùb pìos beag aig a mhullach airson cruth candy cane a chuir air. 
3. Airson barrachd sgeadachaidh, faodar pìos beag ribean agus glag bheag jingly a chuir orra.

Broadcasts

  • Fri 12 Dec 2014 14:03
  • Sat 13 Dec 2014 12:03