Main content
Sorry, this episode is not currently available

Episode 20

Sabaid ann a Qurna ann a Mesopotamia agus cabhlach Admiral Von Spee air a sgrios. Battles in Qurna and in the Falklands this week in 1914, with Gilleasuig MacDonald.

Bha cùisean rudeigin sàmhach mun àm sa ann an Ypres agus an dà thaobh a' daingneachadh a' loidhne aca fhèin. Bha sabaid aig Qurna ann a Mesopotamia, àite a bha cudromach seach gu bheil dà abhainn mhòr, Euphrates agus Tigris a' tighinn còmhla a sin. Agus an dèidh na soithichean Good Hope agus Monmouth a bhith air an sgrios aig Blàr Coronel aig toiseach na Samhain le cabhlach Admiral Von Spee, le call beatha còrr air mìle gu leth duine nan cois, bha ceannardan an Nèibhidh ann a Lunnainn a-nis airson cuir às do Von Spee. Rinn Admiral Sturdee le shoithichean air an h-Eileanan Fàclannach gun fhios aig Von Spee agus e a' feitheamh ris nuair a nochd e fhèin sa chabhlach a sin.

Cluinnidh sinn cuideachd dealbh bhon taigh ann am bàrdachd Màiri Nicleòid à Tolastadh bho Thuath, Balaich a' Chogaidh, agus a smuaintean fhèin aice nuair a dheidheadh i dhan doras agus a sheasadh i aig a' chruaich.

10 minutes

Last on

Fri 12 Dec 2014 11:50

Clip

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Thu 11 Dec 2014 21:03
  • Fri 12 Dec 2014 11:50