Episode 7
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language.
A bheil sibh ag ionnsachadh Gàidhlig? A bheil sibh feumach air misneachd gus ur Gàidhlig a chleachdadh? A bheil sibh a' sireadh fiosrachaidh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig? Ma fhreagair sibh "tha" gu dìreach aon de na ceistean sin 's ann dhuibhse a tha Beag air Bheag, prògram ùr gu sònraichte do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig air 鶹Լ Radio nan Gàidheal.
Gach seachdain , treòraichaidh Iain Urchardan sibh tro chainnt, tro chòmhraidhean, tro aithrisean agus tro fhiosrachadh a bhios feumail dhuibh a thaobh briathrachais, gnàthasan-cainnt agus abairtean ann an Gàidhlig. Beag air bheag, cuiridh sibh ri ur comasan ann a bhith a' bruidhinn Gàidhlig.
A h-uile seachdain cluinnidh sibh Iain ann an còmhradh le neach-ionnsachaidh na seachdain agus cò aige a tha fios, 's dòcha gur e sibhse a bhios ann sna seachdainean a tha romhainn! Ann an Oisean a' Ghràmair bidh an t-Ollamh Michel Byrne, ùghdar an leabhair Facal air an Fhacal, a' chiad ghràmair Gàidhlig a chaidh a sgrìobhadh agus a mhìneachadh sa Ghàidhlig, agus an leabhar Ұà na Gàidhlig, a' mìneachadh dà phuing gràmair. Gheibh sibh cuideachd fiosrachadh mu dè tha dol ann an saoghal na Gàidhlig, gu h-àraid saoghal luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig, bho Robyn Ireland.
John Urquhart guides Gaelic learners, little by little, through the intricacies of the language, dialects, idioms and sayings. Each week he chats to a learner and finds out about their particular Gaelic learning experience. Also in Beag air Bheag, Dr Michel Byrne focuses on two Gaelic grammar issues and Robyn Ireland provides a weekly roundup of events of interest to Gaelic learners and fluent speakers alike.
Last on
More episodes
Previous
Next
Clips
-
Beag air Bheag: Sreath 1: Prògram 7
Duration: 27:02
-
Tar-sgrìobhadh: Eilidh an Tàilleir
Duration: 01:48
-
Tar-sgrìobhadh: Siubhal gu Seachd
Duration: 01:24
-
Beag air Bheag: Neach-ionnsachaidh na seachdain
Duration: 07:27
Tar-sgrìobhadh: Siubhal gu Seachd TX: 03.11.14
Guthan: Derek “Pluto” Murray agus Dòmhnall Camshron
Co-theagsa: Air a’ phrògram Siubhal gu Seachd, chaidh Dòmhnall Camshron a-steach dhan stiùidio airson cèilidh air Pluto. Seo mar a chaidh dhaibh...
Derek: A Dhòmhnaill, dè man a tha thu?
Dòmhnall: Tha mi gu math, tha e math a bhith seo.
Derek: Thàinig thu suas a dh’aona-ghnothaich a chèilidh orm?!
Dòmhnall: Thàinig. Nach mi...thàinig mi à Uibhist a Tuath, chan ann à Glaschu à Uibhist a Tuath. Bha caolas na Hearadh snog.
Derek: Ciamar a tha retirement a’ còrdadh riut?
Dòmhnall: Tha retirement mìorbhaileach.
Derek: A bheil?
Dòmhnall: Duine sam bith a tha a’ tighinn faisg air, tha mise a’ cantainn ribh, shìorraidh tha e math.
Derek: Tha e math!
Dòmhnall: Tha e math! Tha e math is tha e math dhut!
Derek: Tha e math dhut!
Dòmhnall: Dh’fhàs mi buntàta mhachaire....
Derek: Dè th’ ann mu dheidhinn na Deasaich? Duine sam bith à Uibhist...
Dòmhnall: Tuathaich! Haoi haoi haoi!
Derek: Duine sam bith à ceann a deas grid Dhail, ’s e Deasach a th’ annad.
Dòmhnall: Ach uill….
Derek: So Deasaich, a h-uile duine agaibh, a’ tighinn a-mach, "Buntàta a’ mhachaire. Buntàta a’ mhachaire. Oh, chan eil càil coltach ri buntàta a’ mhachaire."
Dòmhnall: Uill, chan eil am beat air.
Derek: Chan eil am beat air, agus tha coltas air a’ chàr agad, tha am boot agad làn!
Dòmhnall: Nis, tha mi an dòchas gu bheil gu leòr ann an Nis. Tha fhios gu bheil buntàta a’ mhachaire gu leòr ann an Nis, is mura h-eil, carson nach eil?
Derek: Chan eil. Tha am buntàta againne cheart cho math a-staigh am baile ’s a tha e air a’ mhachair.
Dòmhnall: Ahhh uill, cuiridh tu iomadach duine a dhol leis an ...annas mar sin.
Derek: Sin an obair a th’ agam. ’S e sin an obair a th’ agam, a’ feuchainn ri daoine a chur a dhol!
Dòmhnall: Uill, tha thu a’ dèanamh glè mhath air.
Derek: Tha thu a’ coimhead math dha-rìribh a Dhòmhnaill.
Dòmhnall: Tapadh leat gu deimhinnte.
Derek: Agus, ’s math gu bheil retirement a’ còrdadh riut.
Dòmhnall: Abair fhèin e.
Derek: Chan eil thu ach 48, so tha ùine mhath agad fhathast.
Dòmhnall: Mar as ὸige, ’s ann as fheàrr.
Derek: ’S ann.
Dòmhnall: Chan eil thu fhèin cho fada bho sin fhathast, ’s dòcha gum bi thus’ a’ falbh aig aois cho òg sin. Cò aig a tha fios?
Derek: Yeah, chan eil fhios ’am an ruig mi sin!
Tar-sgrìobhadh: Eilidh an Tàilleir: TX: 25.09.14
Guthan: Eilidh NicDhòmhnaill
Co-theagsa: Turas a Chanaigh gun fhiosta. Sin a thachair do dh’Eilidh NicDhòmhnaill, a bhuineadh dhan Iochdar ann an Uibhist a Deas nuair a bha i ag obair na h-òige ann an taigh-òsta Loch Baghasdail. Aig an àm, bha balaich òga, Scouts, a’ falbh air ais às dèidh a bhith air leave aig an taigh ann an Uibhist. Chaidh Eilidh agus a caraid Màiri sìos chun a’ bhàt’-aiseig nuair a bha iad deiseil a dh’obair. Chaidh iad air bòrd airson soraidh-slàn fhàgail aig na caraidean aca. Ach, ’s beag a bha dùil aca gun dèanadh iad fhèin turas thar chuan air an oidhche sin.
Eilidh: Tha cuimhn’ ’am gun do dh’fhairich mi rudeigin mar gum biodh, fhios agad mar gum biodh rudeigin a’ dol a chrith fo na casan agam. Is thuirt mi, thuirt mi rium fhìn, “Tha rudeigin a’ gluasad an seo”.
Agus, bha fhios ’am gum biodh iad a’ ringeadh bell na falbhadh am bàta, bha iad a’ ringeadh am bell mòr a bha seo airson innse do dhaoine gun robh iad fut airson falbh, is nam biodh duine air bòrd nach robh falbh gun tigeadh iad dheth.
Ach co-dhiù, thuirt mi ri Màiri, “Tha mise a’ smaoineachadh gu bheil am bàta seo a’ gluasad”. Agus thuirt i, “Oh chan eil, chan eil”, thuirt i, “Tha sinn math gu leòr. Chan eil, bidh iad a’ ringeadh a’ bhell, cluinnidh sibh am bell.”
Agus, bha sin alright, agus dh’fhan sinn treis eile. Ach, a m’ eudail mhòr, dh’fhairich mi an rud a bha seo air chrith. Chaidh a chrith, na tremor mòr! Dè bha seo ach am bàta!
Thuirt mi, “Tha am bàta seo a’ falbh cinnteach”.
Dh’fhalbh sinn suas feuchainn am faiceamaid dè bha dol. Chan fhaiceamaid ach solais Loch Baghasdail. Agus sinne a-mach pìos mòr mòr bhon a’ chidhe!
Agus, tha fhios ’am an sgiobair a bh’ air a’ bhàta, chan eil cuimhn’ ’am dè an t-ainm a bh’ air an-dràsta co-dhiù. Ach, bhiodh e dol suas dhan bhàr, bhiodh e a’ dol suas còmhla ri Fionnlagh. Bhiodh iad a’ gabhail drama beag is cupa tì tha mi cìnnteach is gnothaichean shuas a sin, agus, bha e cho eòlach air. Agus, dh’fhalbh mise, mi fhìn is Màiri far an robh e, is thuirt mise ris, “Tha thu air falbh leinne, agus tha sinn supposed a bhith ag obair”.
Agus, “Dè tha thu a’ minaigeadh?”
“Uill, tha sinn air falbh. Chaidh sibh a-mach bhon chidhe. Cà’ bheil sinn a’ dol? Feumaidh tu tilleadh leinn.”
“Chan urrainn mi” ars esan, “tilleadh leibh”, agus thuirt e ann am Beurla, “It’s more than my job is worth.”
Agus chùm e air ann a shin, agus chùm e air.
Bha mi fhèin is Màiri, cha robh fhios againn dè dhèanamaid. Cha robh an còrr air ach falbh a’ Chanaigh air a’ bhàta, agus ràinig sinn Canaigh!
Oisean a’ Ghràmair 7
Puing 1: ann an + mo/do/a...'in my/in your/in his/her...'
na mo / nam in my* nar in our
na do / nad in your* Գܰin your (plural)
Բ in his* /her Բ in their
* + sèimheachadh (h)
Mar eisimpleir:
1. 'in my opinion, in your opinion, in his opinion, in her opinion', etc.:
nam bheachd nar beachd
nad bheachd nur beachd
na bheachd nam beachd
na beachd
2. ‘in my face’ (= against me), ‘in your face’ (= ‘against you’), etc. :
nam aghaidh against me nar n- aghaidh against us
nad aghaidh against you: nur n- aghaidh against you (plural)
na aghaidh against himnan aghaidh against them
na h-aghaidh against her
Cluinnear nam, nad, na etc. cuideachd le an àite (‘in place of, instead of’) agus am measg (‘in midst of, among’):
nam àite instead of me (‘in my place’) nar n-àite instead of us
nad àite instead of you nur n-àite instead of you (plural)
na àite instead of him nan àite instead of them
na h-àite instead of her
nar measg among us (‘in our midst’)
nur measg among you (plural)
nam measg among them
Puing 2: Tha + nam / nad / na… :
‘I am a…’, ‘You are a...’, ‘He/She is a …’
Tha mi nam athair a-nise!I’m a father now.
A bheil thu na do bhall de phàrtaidh sam bith?Are you a member of any party?
Bha e na ghille aig an àm.He was a boy at the time.
A bheil i fhathast na tidsear? Is she still a teacher?
Bha sinn nar srainnsearan an sin.We were strangers there.
Tha sibh nur cuideachadh mòr dhuinn.You’re a great help to us.
Bidh a’ chlann nan inbhich an uair sin.The children will be adults by then.
Abairt na Seachdain
Broadcasts
- Sun 30 Nov 2014 21:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Dec 2014 12:03鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 3 Dec 2014 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 7 Dec 2014 10:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 22 Feb 2015 21:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Feb 2015 12:03鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Wed 25 Feb 2015 22:00鶹Լ Radio nan Gàidheal
- Sun 1 Mar 2015 10:30鶹Լ Radio nan Gàidheal
Podcast
-
Beag air Bheag
Prògram do luchd-ionnsachaidh na Gàidhlig le Iain Urchardan.