Main content
Sorry, this episode is not currently available

Màiri Sìne Chaimbeul a' bruidhinn ri Maureen NicLeòid mu thuras a ghabh i as na 1970an. Màiri Sìne Campbell describes her holiday travelling in the Middle East in the 1970s.

Ann an 1974 dh' fhàg Màiri Sìne Chaimbeul agus bana-charaid dhith, Sheila, an obraichean ann an Lunnainn agus thog iad orra air slighe tro cheann a tuath Afraga agus an Ear Mheadhanach.

Eadar a bhith a' falbh air an òrdaig, ann an càraichean, busaichean, itealan, agus fiùs Dhow tarsainn Caolas Hormuz eadar Dubai agus Iran, 's iomadh dòigh siubhal a bha ri fhaotainn.

Tha sinn cleachdte ri bhith a' cluinntinn mu na cèarnaidhean sin den t-saoghal as na naidheachdan san là an-diugh, ach cò ris a bha iad coltach bho chionn 40 bliadhna?

Cluinnear mu chleachdaidhean, mu chreideamh, mu na seallaidhean a bha rim faicinn, mu choibhneas nan daoine ris an do choinnich iad agus iomadh cuspair agus sgeulachd eile.

Anns an dàrna prògram cluinnear mar a chaidh dhaibh as an dàrna pàirt den turas aca, bho Abu Dhabi gu Iran, tron Ear Mheadhanach agus an Roinn Eòrpa air ais dhachaigh.

30 minutes

Last on

Sun 21 Sep 2014 10:00

Broadcasts

  • Tue 16 Sep 2014 13:30
  • Tue 16 Sep 2014 22:00
  • Sun 21 Sep 2014 10:00