16/09/2014
An diugh gheibh sinn eachdraidh beatha an taisgealaiche Sir John Franklin. The life story of the explorer Sir John Franklin.
Thà inig naidheachd à Canada an t-seachdain-sa gu bheil iad air am bà ta a bh'aig Sir John Franklin a lorg air grunn na mara. Chaidh am bà ta aig Franklin agus a h-uile duine air bòrd a chall ann an 1845 's e air triall anns an Artaig air Taobh Siar Chanada. Gheibh sinne an-diugh sgeulachd beatha Sir John Franklin bhon Chaiptean Calum MacIlleathain.
Tha am buidhean ceannairceach IS gu mòr anns na naidheachdan. Mìnichidh Iain Mac a' Phearsain cò iad agus cò às a thà inig iad bho thùs.
Thòisich an riaghaltas air bailtean ùra a thogail as dèidh an darna cògaidh airson cùisean a leasachadh a thaobh obraichean agus taigheadais air sgà th gun robh sluagh nam bailtean mòra a' dol am meud. Ach cò ris a bha e coltach a dhol a dh'fhuireach anns na bailtean ùra seo? Cluinnidh sinn bho fheadhainn a chaidh a dh'fhuireach ann an Cille Brighde an Ear agus Comar nan Allt nuair a chaidh an togail as ùr.
Last on
Broadcasts
- Tue 16 Sep 2014 09:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Tue 16 Sep 2014 21:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal