Main content
Sorry, this episode is not currently available

¹ó±ôò»å²¹¾±²µ±ð²¹°ù°ù²¹¾±»å³ó

Episode 2 of 2

Croitearan Fhlòdaigearraidh a' rùsgadh chaorach is a' meòrachadh air obair na fainge. Crofters in Flodigarry shear their sheep and consider how the work and community has changed.

Tha an fhaing air a bhith aig cridhe iomadh coimhearsnachd Ghàidhealach fad ùine mhòr. Àite far am bi daoine a' cruinneachadh, àite far am bi fealla-dhà, aimhreit, sgeulachdan, agus àite-obrach gu math trang.

Ach cò ris a tha faingean coltach anns an là an-diugh, leis nach eil an sluagh a bh' ann ann tuilleadh agus obraichean eile làn-uine aig a' chuid as motha? Dè a tha air atharrachadh thar nam bliadhnaichean agus dè a tha air fàire.

Tha gach faing le sgeulachd fhèin.

Chaidh Iain MacDiarmaid gu ¹ó±ôò»å²¹¾±²µ±ð²¹°ù°ù²¹¾±»å³ó san Eilean Sgitheanach far a bheil Gàidhlig na canan làitheil sa bhaile agus aig an fhaing. Choinnich e ri trì ginealaich dhen aon teaghlach: Calum, Niall is Owen MacNeacail. Dh'innis iad mu cho cudthromach 's a tha obair an fhearainn dhaibh agus dhan sgìre.

Choinnich e cuideachd ri Daibhidh MacAonghais, a tha a' faighinn cosnadh làn-thìde bho obair àiteachais. Tha Daibhidh air sgilean na h-obrach a thogail bho athair, is bidh e togail sgilean cànain bho na croitearan a bhios e a' cuideachadh. A thuilleadh orrasan tha e a' bruidhinn ri Eàirdsidh MacNeacail, a tha air a bhith ris an obair fad a bheatha agus aig a bheil sgeulachd èibhinn neo dhà ri innse.

30 minutes

Last on

Sun 7 Sep 2014 13:00

More episodes

Previous

Next

You are at the last episode

See all episodes from Obair Na Fainge

Broadcasts

  • Mon 1 Sep 2014 13:30
  • Mon 1 Sep 2014 22:00
  • Sun 7 Sep 2014 13:00

Gallery