Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Moireasdan

Iain Moireasdan sa chathair leis a' phrosbaig air seusan ùr Rugbaidh Pro12. John Morrison with the latest local, national and international sport.

Iain Moireasdan sa chathair leis a' phrosbaig air seusan ùr Rugbaidh Pro12 a tha a' tòiseachadh air an deireadh sheachdain sa. Ball-coise eadar-nàiseanta, agus geamannan dearbhaidh Euro2016 ann Là na Sàbaid le Alba air falbh an aghaidh na Gearmailt. Aig ìre ionadail, Cuairt Dheireannach Cupa Leòdhais agus Nis an aghaidh an Rubha. Cuideachd Formula 1; Gary Cornish am bogsair à Inbhir Nis ann an sabaid dearbhaidh airson a dhol air adhart airson tiotal Bhreatainn ann am Pàislig; Cuairt Dheireannach Valerie Fhriseil a' tachairt san iomain agus Rèis Bheinn Nibheis am measg spòrs gu leòr eile.

57 minutes

Last on

Sat 6 Sep 2014 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Aig àm an uair a tha Alba a’ meòrachadh co-dhiù a bhòtas iad tha no chan eil san referendum, chan eil teagamh nach eil luchd-taic ball-coise na dùthcha nas misneachaile mu dheidhinn cor na sgioba nàiseanta às dèidh mar a chluich iad an aghaidh na Gearmailt Didòmhnaich seo chaidh. Thuirt mi air Radio nan Gàidheal Dihaoine seo chaidh gun robh mi a’ smaointinn gun cailleadh Alba 2-1 agus gu mì-fhortanach sin an sgòr a bh’ ann aig deireadh na h-oidhche, ach bha mòran sa ghèam a bu chòir dòchas a thoirt do Ghòrdan Strachan airson a’ chòrr dhen iomairt gus faighinn gu EURO 2016 san Fhraing.


Tha e ag innse an t-uamhas mu cho math sa chluich an sgioba ann an Dortmund gu bheil sinn uile a’ faireachdain caran tàmailteach nach do thìll iad le co-dhiù puing às a’ Ghearmailt. Cuimhnich, chan eil ach dà mhìos bho thog sgioba Joachim Löw Cupa na Cruinne ann am Braisil agus seo a’ chiad ghèam farpaiseach aca bhon uairsin aig pàirce far nach eil Die Mannschaft air call bho 1996 an uair a rinn an Eadailt an gnothach orra san iar-chuairt dheireannach de Chupa na Cruinne. Roimhe sin bha iad air a dhol dà bhliadhn’ deug thar fhichead gun ghèam a chall aig an t-seann Wesfalenstadion.


A’ togail an fhuinn aig ‘taigh opara’ ball-coise na Gearmailt

‘Se ‘Taigh Opara’ ball-coise na Gearmailt aon dheth na far-ainmean a th’ air Signal Iduna Park, dachaigh Borussia Dortmund, agus an uair a bha Jürgen Klinsmann os cionn na sgioba nàiseanta thuirt esan gun robh a’ phàirce mar bholcàno a bha air ghoil san impis spreadhadh. Mar sin tha sgioba na h-Alba airidh air moladh airson an dòigh san do sheas iad suas ri teas, fonn agus arias nan Gearmailteach san ’t-seòmar suidhe’ aca fhèin. Air oidhche eile bhiodh iad air puing no na trì gu lèir a thogail agus cò a bhiodh air sin a ràdh mus do ghabh Strachan thairis an dreuchd an-uiridh?


Moiteil ’s gun robh e mar a chluich an sgioba aige faodaidh tu a bhith cinnteach nach bi Strachan air a mhealladh cus leis a’ mholadh a tha air tighinn na rathad an t-seachdain seo. Tha fiosam mar a tha e ag obair bhon àm aige mar mhanaidsear aig Celtic an uair a bha mi fortanach gu leòr seasamh aig oir na pàirce fhad ’s a bha e a’ gabhail nan seiseanan treànaidh aig Lennoxtown. Chan e manaidsear a th’ ann a tha riaraichte an treànadh fhàgail aig coidsichean eile mar a tha leithid Màrtainn O’Nèill agus Sir Ailig Fearghasdan. Tha smachd aig Strachan air an treànadh bho thoiseach gu deireadh agus ’s e an rud as motha bhiodh a’ bualadh orm mar a stadadh e gluasad sam bith ma bha cluicheadair fiù ’s beagan oirlich a-mach às an àite far am bu chòir dha a bhith na sheasamh.


Loidhne-dìon nas dìonaiche a dhìth

Mar sin faodaidh tu a bhith cinnteach gum bi e airson tuilleadh obair a dhèanamh còmhla ris na cluicheadairean dìon gus nach caill iad tadhail mar a chunna sinn ann an Dortmund. ’S e sàr chluicheadair a th’ ann an Thomas Müller, ged nach eil mi ro dhèidheil air cuid dheth na cleasan aige, ach ged a chluicheadh e gus am biodh e dà fhichead chan fhaigh e dà thadhal cho furasta sa fhuair e an aghaidh Alba. Chan eil e gu cus feum tadhal mìorbhaileach a chur mar a rinn Ikechi Anya mura tèid agad air an doras a chumail dùinte aig a’ chùl, gu sònraichte an uair a tha na tadhail a’ tighinn bho dà bhall àrd air an tilgeil a-staigh bho chliathaich na pàirce.


Bidh deagh fhios aig Strachan gum feum e fhèin agus na cluicheadairean sin a chur ceart airson na geamachan an aghaidh Georgia agus a’ Phòlainn air an ath mhìos. Às dèidh aon ghèam tha Alba às aonais phuing ann am Buidheann D, ach gu h-annasach tha iad air comharra làidir a chur sìos mar-thà agus ma thèid aca air misneachd Dortmund a thoirt leotha sna laigsichean aig a’ chùl a chur ceart, chan eil adhbhar carson nach urrainn dhaibh a dhol dhan Fhraing an ceann dà bhliadhn’ eile.


Lùth-chleasaichean Spòrs air chuairt air a’ Ghàidhealtachd


Bha mi aig an taigh an Uibhist a Deas an t-seachdain seo chaidh agus bha e math boillsgeadh de Kherry Nic a' Phì fhaicinn ’s i a-muigh air a’ bhaidhsagal mar phàirt de chuairt timcheall nan eilean a’ brosnachadh clann-sgoile na sgìre. Aig an aon àm mhothaich mi gun robh Heather Stanning i fhèin a’ cur cuairt air sgoiltean na Gàidhealtachd leis a’ bhonn òir a thog i aig na geamachan Oilimpigeach. Tha e cudromach gu bheil luchd spòrs a’ cur rudeigin air ais, gu sònraichte a thaobh a bhith a’ misneachadh an òigridh gus pàirt a ghabhail ann an spòrs, agus san aon dòigh bha e math Cupa Ryder fhaicinn ann an àiteachan leithid Machaire Shanais agus na Hearadh an t-seachdain seo cuideachd.


Ball-coise Uibhist is Bharraigh a’ caoidh Carl Mac a' Phì

Ach ma thog sin mo chridhe chaidh a bhristeadh a-rithist leis an naidheachd dhuilich a nochd à eilean m’àraich air an deireadh sheachdain. Bha Carl Mac a' Phì air fear dheth na cluicheadairean ball-coise òga as fheàrr sna h-eileanan agus tha e uamhasach gu bheil sinn air a chall aig aois naoi bliadhn’ deug às dèidh tubaist rathaid. Bha e fhèin agus grunn dheth charaidean bho sgioba Saints an Iochdair air an slighe air ais à Èirisgeidh far an robh Carl air tadhal eile a chur an uair a thachair an tubaist aig Dalabrog faisg air far an do thog athair, Ronnie, Batan na Banrìgh ro Gheamachan a’ Cho-fhlaitheis beagan sheachdainean air ais. Coltach ri mòran eile tha teaghlach Carl, a charaidean agus a h-uile duine co-cheangailte ri Saints an Iochdair nam smuaintean aig an àm dhuilich seo. Fois shiorraidh dha anam agus solas nach dìobair deàrrs air.

Broadcast

  • Sat 6 Sep 2014 09:03

Lean Â鶹ԼÅÄ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho Â鶹ԼÅÄ Gàidhlig