Main content
Sorry, this episode is not currently available

Na thachair sa Chiad Chogadh anns na trì seachdainean a chaidh, ceud bliadhna an ama sa. Events in the First World War, one hundred years ago.

Leth-uair a thìde còmhla ri Gilleasbuig MacDhòmhnaill a' toirt sùil air tachartasan a' chogaidh thairis air an trì seachdainean a dh'fhalbh, ceud bliadhna an ama sa. An t-seachdain sa cluinnidh sinn mu na bha mar mheadhan air a' chogadh tòiseachadh. Gheibh sinn boillsgeadh cuideachd air an seòrsa saoghal a bh' againn ann a 1914 agus mar a bha beatha làitheil air Ghàidhealtachd agus sna h-eileanan aig an àm. Sa phrògram seo cluinnidh mar a ghairm Breatannn cogadh an aghaidh na Gearmailt. Tro ghuthan à tasglann a' BhBC gheibh sinn dealbh air mar a sgaoil an naidheachd am measg iasgairean nan eilean a bh' air a' chost an ear. Cluinnidh sinn cuideachd bàrdachd, Air a' Cheathramh Là de dh'August, a rinneadh le Murchadh Greumach à Griais an Leòdhas agus òran a rinn Aonghas MacEacharna à Tiriodh don Naval Reserve.

Cha robh cùisean furasta dhaibhsan a chaidh dhan Mhailisi a Ghearastan Dheòrsa. Bha uidhir de bhalaich ann agus nach robh àit' gu leòr ann air an son agus chaidh an cuir a Chromartaidh. Aig muir chailleadh a' chiad bàta-aigeil sa chogadh, bàta-aigeil Gearmailteach, U15 le HMS Birminghan a' losgadh oirre. Agus cluinnidh sinn bàrdachd le Eachann MacFhionghain à Beàrnaraigh na Hearadh agus le Ruaraidh MacÀidh, Bàrd Iollaraigh, an Uibhist a Tuath.

10 minutes

Last on

Sun 24 Aug 2014 13:00

More episodes

Previous

You are at the first episode

See all episodes from Seachdain sa Chogadh

Credits

Role Contributor
Actor Artair Donald
Actor Iain F MacLeod

Broadcasts

  • Mon 18 Aug 2014 13:30
  • Mon 18 Aug 2014 22:00
  • Sun 24 Aug 2014 13:00