Main content
Sorry, this episode is not currently available

Còmhla ri Iain Moireasdan

Spòrs ionadail, nàiseanta agus bho air feadh an t-saoghail còmhla ri Iain Moireasdan. Local, national and international sport presented by John Morrison.

Iain Moireasdan a' toirt sùil air adhart ri iomain agus Cuairt Dheireananch Cupa MhicAmhlaigh eadar Caolas Bhòid agus Bail' Ùr an t-Slèibh dha chluich san Òban. Bidh ball-coise againn, nàiseanta agus ionadail, leis a' phrosbaig air Cuairt Dheireannach Cuach a' Cho-op ann an Leòdhas a bhios air a chluich eadar Càrlabhagh agus An Taobh Siar. Cluinnear mu Fharpais Fhosgailte Golf Aisgearnais, leth-marathon à Beàrnaraigh gu Loch nam Madadh agus Formula 1 anns a' Bheilg am measg spòrs eile.

57 minutes

Last on

Sat 23 Aug 2014 09:03

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Sùil air Spòrs le Ailig O'Henley

Smaoinich cò ris a bhiodh e coltach an tiocaid a bhith agad airson an Crannchur Nàiseanta a bhuinnig Disathairne seo tighinn? Na milleanan mòra notaichean air an gealltainn a dh’atharraicheadh cùrsa do bheatha. Ach an uairsin tha thu a’ cuimhneachadh gun do chuir thu air an nigheadaireachd ron taghadh agus gun robh an tiocaid shoirbheachail ann am pòca tòine na briogais agad!


Uill, sin a thachair do Celtic an aghaidh Maribor Dimàirt. Bha iad fortanach cothrom eile fhaighinn às dèidh a mhearachd clèireachd a rinn Legia Warsaw ann a bhith a’ fàilligeadh cluicheadair a bh’ air a chasg a chlàradh. Ach dh’fhàillig air sgioba Ronny Deila brath a ghabhail air an deagh fhortan sin agus tha iad a-nis a’ caoidh suas ri fichead millean not a tha iad air sìoladh air falbh mar gainmheach eadar am meòirean a thuilleadh air co-dhiù sia oidhcheannan mòra ball-coise an aghaidh fuamhairean na Roinn Eòrpa eadar seo is deireadh na bliadhna.


Ceist is Coire

Às dèidh sin a ràdh ’s dòcha gur e deagh rud a th’ ann nach eil iad gu bhith a’ cluiche an aghaidh leithid Barcelona, Real Madrid is Bayern Munich oir tha e follaiseach nach eil an sgioba seo aig Celtic faisg a’ mhìle air a bhith math gu leòr airson an Champions League. Cò is coireach ris an sin? Sin a’ cheist a tha luchd-taic a’ faighneachd agus tha e doirbh gun a’ chorrag a thionndadh air bòrd stiùiridh a’ chlub.


Am Bòrd-stiùiridh fon Phrosbaig

Tha cuimhne aig a h-uile duine air cho math sa rinn Celtic bho chionn dà bhliadhna an uair a rinn iad an gnothach air Barcelona, ach bhon uairsin tha an sgioba air a dhol air ais le cluicheadairean leithid Gary Hooper, Victor Wanyama, Kelvin Wilson, Georgios Samaras agus Fraser Forster air an reic no air fàgail. Aig aon ìre tha sin furasta gu leòr a thuigsinn. Le suidheachadh ionmhais ball-coise na h-Alba mar a tha e, feumaidh Celtic èisteachd ri tagradh susbainteach sam bith a thig a-steach airson na cluicheadairean aca, gu h-àraid ma tha na cluicheadairean fhèin airson gluasad.


Rabhadh Lennon

Ach tha e air faileachadh orra cluicheadairean aig an aon ìre a thoirt a-steach nan àite agus le buidseatan gan sìor ghearradh tha e a’ fàs nas dorra gach bliadhna ìre na buidhne dhen Champions League a ruighinn. Sin gu ìre a thug air Niall Lennon an obair fhàgail as t-samhradh. Bha e sgìth às dèidh ceithir bliadhna san dreuchd ach bha fios aige cuideachd gum biodh e duilich an Champions League a ruighinn am bliadhna leis an seòrsa airgead a bha gu bhith air chothrom dha gus cluicheadairean ùra a thoirt a-steach.


Tha fios againn a-nis gun robh e ceart a bhith draghail agus ’s cinnteach gun robh sin cuideachd mar phàirt dhen smaointinn aig Henrik Larsson agus Roy Keane an uair a chaidh bruidhinn riuthasan mu dhreuchd a’ mhanaidsear nas tràithe air an t-samhradh. A’ tighinn bho chlub gu math nas lugha leithid Strømsgodset tha Deila nas deònaiche obrachadh leis an Àrd Oifigear Peadar Lawwell, ach bu chòir dhaibh a bhith air an Nirribheach a chuideachadh le cluicheadairean a bheireadh dha làmh nas làidire a’ dol a-steach dhan a' chiad iomairt aige san Champions League.


Cha do rinn iad sin luath gu leòr agus uair eile ghabh iad teansa a’ feitheamh gus an robh iad cinnteach gun robh iad san ad airson an taghaidh mus toireadh iad a-staigh cluicheadair no dhà eile, nam measg cluicheadair-aghaidh ùr a tha Deila air a bhith ag iarraidh bho ghabh e an obair. Dh’fheumainn a ràdh nach eil am manaidsear e fhèin gun choire. Dhòmhsa rinn e taghadh ceàrr an aghaidh Maribor a’ tòiseachadh le Efe Ambrose agus le 0-0 gu leòr airson an toirt troimhe, bha còir aige cuideachd a bhith air an doras a dhùnadh aig a’ chùl aig deireadh a’ ghèam an uair a bha e follaiseach nach robh iad a’ dol a chur tadhal.


Dùbhlan Deila

Tha dùbhlan mòr a-nis roimhe fhèin agus Iain Collins cùisean a thionndadh mun cuairt agus tha e follaiseach gu bheil cuid de na cluicheadairean, Kris Commons nam measg, nach eil toilichte leis an t-saoghal ùr. Tha mi a tuigsinn cuideachd gu bheil Virgil van Dijk air leigeil fhaicinn gu bheil e airson gluasad air falbh bho Phàirce Celtic. Chan eil obair a’ mhanaidsear ann an cunnart fhathast ach feumaidh Deila a dhearbhadh gu math luath gu bheil e comasach club mar Celtic a thoirt air adhart. Airson sin a dhèanamh ge-tà feumaidh am bòrd an sporran fhosgladh agus cothrom a thoirt dha a dhreach fhèin a chur air an sgioba.


Cha bhith an sporran sin cho làn a-nis nas motha às dèidh dhaibh an cothrom luachmhor seo a thilgeil air falbh, ach chan eil duine aca ri choireachadh airson sin ach iad fhèin. Mar a chanas an seanfhacal - ‘Am fear a choimheadas roimhe, coimheadaidh e fada às a dhèidh.’ Gu mì-fhortanach airson Celtic ged a bha aon t-sùil aca air saidhbhreas is milleanan mòra an Champions League, cha do ghabh iad cùram gu leòr dhen tiocaid a chaidh a thoirt dhaibh an-asgaidh sa bhiodh air an toirt gu tìr a’ gheallaidh uair eile. Mar sin feuch a-nis gum bi sibh faiceallach dè a chuireas sibh dhan inneal nigheadaireachd air an deireadh sheachdain!


Urchardan a’ tilleadh dhachaigh

Tha mi toiliche fhaicinn gu bheil Stiùbhart Urchardan air club ùr fhaighinn às dèidh ainm a chur ri cùmhnant bliadhna aig Dùn Phàrlain. Bha mi caran draghail air a shon an uair a chuala mi bhuaithe an t-seachdain seo chaidh gun robh e air Coventry fhàgail às dèidh dhan mhanaidsear Steven Pressley a ràdh ris nach robh e sna planaichean aige airson an t-seusan ùir.

Aig àm an uair a tha e duilich do chluicheadair sam bith cùmhnant fhaighinn bha Stiùbhart - a thàinig tro Sgoil Ghàidhlig Ghlaschu - fortanach gun robh dà thairgse mu choinneamh, aon bhon t-seann chlub aige Hamilton a thuilleadh air na Pars. ‘S e an rud as cudromaiche a-nis airson Stiùbhart gum faigh e gèam cunbhalach. Tha gainnead de chluicheadairean dìon clì sa ghèam aig a h-uile ìre agus aig naoi bliadhn’ deug ma thèid aige air fhaighinn a-steach gu sgioba Jim Jefferies tha ùine gu leòr aig Stiùbhart fhathast airson a shlighe a dhèanamh sa ghèam.

Broadcast

  • Sat 23 Aug 2014 09:03

Lean Â鶹ԼÅÄ Spòrs air X

Spòrs ionadail, nàiseanta agus eadar-nàiseanta bho Â鶹ԼÅÄ Gàidhlig