28/07/2014
An-diugh tha Catrìona Lexy Chaimbeul agus Ramsay MacMahon a' toirt sùil air naidheachdan na maidne. bbc.co.uk/feasgar.
Last on
Clip
-
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm le Marie NicMhathain
Duration: 02:54
Litir chun an t-Saighdeir Gun Ainm
Alasdair,
Duilich gun tug e cho fada dhomh an litir seo a sgrìobhadh. Chan eil fhios agam dè as urrainn dhomh a rà dh riut. Dè a bhios tu airson a chluinntinn? Tha a h-uile duine ag rà dh gum bu chòir dhomh rudeigin a sgrìobhadh thugad co-dhiù, ach tha e air a bhith gu math doirbh, dìreach suidhe sìos agus sin a dhèanamh.Â
Bha mi a’ tadhal air d’ athair agus do mhà thair an latha eile. Tha iad ceart gu leòr, ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil an t-uallach a’ toirt buaidh mhòr air do mhà thair. ’S cinnteach gu bheil e duilich dhi, ’s Eà irdsaidh ‘s tu fhèin air falbh agus chan eil sinn air guth a chluinntinn, ach tha sinn uile an dòchas agus ag ùrnaigh gu bheil sibh slà n fallain. Sibh fhèin agus a h-uile duin’ eile bhon sgìre a dh’fhalbh cuideachd. Tha Marion, piuthar do mhà thar, air a bhith gu math meadhanach, ach tha mi a’ smaoineachadh gu bheil piseach air a thighinn oirre. Tha mi an dòchas gun tug e toileachas dha do phà rantan gun do thadhail mi a-staigh. Feumaidh mi a dhol ann a-rithist a dh’aithghearr. Bha d’ athair san à bhaist, a’ magadh orm gun sguir, ach chan eil an aon seòrsa cleas a’ dol san à ite idir.Â
Cha do chuir mi orm an fhà inne a thug thu dhomh fhathast. Chan eil fios agam carson, ach tha mi a’ faireachdainn gu bheil e nas sà bhailte fuireach gus an till thu fhèin dhachaigh. Agus dè a thachras mur nach till thu? Tha fios agam gum bu chòir dhomh a bhith dòchasach ach feumaidh sinn a bhith ciallach mun chùis. ’S dòcha nuair a thilleas tu nach bi thu airson mo phòsadh co-dhiù. Chan eil fhios againn cuin a tha an cogadh seo a’ dol a sguir. B’ fheà rr leam gu robh agus gum b’urrainn dhomh a rà dh riut san litir seo gum bi thu dhachaigh an ceartuair. 'S chan eil mi idir ag rà dh nach eil mi airson fuireach riut idir, ach tha e doirbh a bhith seo as d’ aonais. Tha mi cinnteach gu bheil cùisean gu math nas miosa dhuibhse an sin. Chan eil sinne a’ cluinntinn mòran ach na droch naidheachdan. Fhuair Mà iri Sìne an ath dhoras telegram an-dè mu Iain. Tha e dìreach uabhasach.Â
Bha againn ris a’ bheat fhaighinn an-dè. Bha trioblaidean aig Daisy bhochd agus tha fios agad fhèin nach eil mise gu mòran feum aig na h-amannan a tha sin. ’S e Calum againne as fheà rr air a’ chroit. Tha mo mhà thair an-còmhnaidh ag rà dh, O thasgaidh, chan urrainn dhut a bhith math air a h-uile cà il ach tha thu dèanamh do dhìcheall. Tha tòrr agam ri ionnsachadh fhathast ge-tà agus b’ fheà rr leam gu robh mi air barrachd ùidh a ghabhail nuair a bha mi a’ fàs suas ach chan eil adhbhar dhuinn a bhith smaoineachadh mar sin an-drà sta. Feumaidh sinn dìreach cumail a’ dol agus sinn beò an dòchas gun tig crìoch air an sgrios a tha seo ann an ùine gun a bhith fada.
Co-dhiù, tha mi a’ smaoineachadh gum fà g mi aig an sin e agus gun till thu fhèin agus a h-uile duine eile air ais slà n, sà bhailte a dh’aithghearr. ’S ann an uair sin a smaoinicheas sinn air pòsadh agus chan ann an-drà sta. Cha leig an t-eagal leam smaoineachadh mu dheidhinn an-drà sta co-dhiù. Ach na dìochuimhnich gu bheil gaol agam ort, agus bidh gu brà th.
Marsaili
Broadcast
- Mon 28 Jul 2014 12:03Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal