Main content
Sorry, this episode is not currently available

Tha Coinneach ann an Dùn Èideann airson co-làbhairt Rannsachadh na Gàidhlig an-diugh. Coinneach is in Edinburgh attending the Rannsachadh na Gàidhlig Conference.

As dèidh dha ceannard sgoile a ràdh gu robh aige ri barrachd 's dà cheud sgoilear a' chuir dhachaigh air sgàth 's gu robh na sgiortaichean aca ro ghoirid, gheibh sinn a-mach beachd triùir mu dheidhinn dè an t-aodach a bu chòir a bhith air tidsearan agus sgoilearan.

Tha Coinneach ann an Dùn Èidean airson co-làbhairt Rannsachadh na Gàidhlig a tha a' gabhail àite an
t-seachdain-sa aig an Oilthigh. Gheibh sinn a-mach barrachd mun a' cho-labhairt bhon t-Ollamh Rob Dunbar.

Thòisich farpais Wimbledon an-dè ach saoil a bheil Anndra Moireach a' dol a chumail an tìotal am bliadhna? No a bheil cuideigin eile a' dol a thogail a' phrìomh dhuais? Cluinnidh sinn beachd bho na h-eòlaichean teanas againn Iain Moireasdan, Cathy Friseil, Fionnlagh MacFhionnghuin agus Karen Mhoireasdan.

Cuideachd tha Màiri NicAmhlaigh ag innse mun leabhar as motha a thug buaidh air a' beatha a bharrachd air a' Bhìobull fhèin, It's a Long Way from Penny Apples le Bill Cullen.

57 minutes

Last on

Tue 24 Jun 2014 21:03

Broadcasts

  • Tue 24 Jun 2014 09:03
  • Tue 24 Jun 2014 21:03