An Canan Calum MacNèill
Seirbheis Didòmhnaich às dèidh na Cà isge bho1995 còmhla ris a' Chanan Calum MacNèill. Archive service from 1995 for the first Sunday after Easter with Canon Calum MacNeil.
Anns an t-seirbheis cluinnidh sibh na laoidhean agus na leughaidhean a leanas:
Seinnibh don Tighearna, Do Là mh a Chrìosda, agus Laoidh Chaluim Chille air an seinn le Còisir Eaglais Naomh Barr anns a' Bhagh a Tuath ann am Barraigh.
A Mhoire Mhìn-gheal air a sheinn le Mairi C NicNèill
Leughaidhean: Eoin 20:19-31 agus Gnìomharan nan Abstol 5: 12-16
Rugadh Mgr Calum ann am baile Ghlaschu ann an 1921, ach ged a chaidh a thogail anns a' bhaile mhòr rinn a phà rantan cinnteach gum biodh eòlas aige air a' chà nan agus air a' chultar dom buineadh iad fhèin.
Fhuair e foghlam aig Acadamaidh Naomh Mungo agus cho-dhùin e an uairsin gu robh e airson a bhith na shagart. Aig an à m sin bha an t-uabhas shagairtean ann an Sgìr'-easbaig Earra-Ghà idheal 's nan Eilean agus chuir e roimhe gun deigheadh e gu òrdan nan Salesianach mar mhiseanaraidh ann an 1938. Bha òrdan nan Salesianach gu mòr a' coimhead às dèidh clann òg a bha fuireach air na srà idean.
Chuir Mgr Calum seachad seachd bliadhna ann an Colaiste Miseanaraidh nan Salesianach ann an Shrigley far an robh e fhèin ag ionnsachadh agus e cuideachd a' teagasg nan oileanach. Chaidh a chur gu Turin ann an 1945 airson an teisteanas ann an Diadhachd a chrìochnachadh agus chaidh a dhèanamh na shagart anns an Iuchair 1949.
Thill e a Shasainn far an robh e a' teagasg a-rithist ann an Shrigley agus ann an Farnborough agus ann an 1957 chuir e iarrtas gu Easbaig Earra-Ghà idheal 's nan Eilean agus e airson a bhith na shagart anns a' sgìr'-easbaig sin.
'S ann gu Eaglais Naomh Peadar ann an Dalabrog a chaidh a chur an toiseach còmhla ri Mgr Niall MacCeallaig agus bha muinntir na paraiste glè dhèidheil air. Cho fad 's a bha e ann an Dalabrog thug e dannsa gà idhealach beò a-rithist am measg an t-sluaigh agus tha cuid de na dannsairean sin a cheart cho aotram air an casan san là -'n-diugh! Chaidh e a Bharraigh airson ùine ghoirid mus deach a chur na shagart-paraiste a dh'Eirisgeidh. Bha ùidh shònraichte aige anns an eilean sin, agus tha sin gu math follaiseach anns an leabhar a thug e mach de dheilbh a rinn e fhèin de mhuinntir an à ite, Aodannan Eirisgeidh. 'S e neach-ealain sgileil a bh' ann agus rinn e cuideachd deilbh air sglèat a bha a' riochdachadh Slighe na Croise agus bha iad sin crochte, gu bho chionn ghoirid, air Creag an Fhaing anns an Acarsaid. Bha ùidh mhòr aige anns an òigridh (bhitheadh sin air leantainn ris bho bha e ann an òrdan nan Salesianach) agus cuideachd ann an Eich Eirisgeidh. B' esan a chur air chois Comann Eich Eirisgeidh.
Chuir e seachad ùine cuideachd a' frithealadh pharaistean a' Bagh a Tuath, Bheinn a' Bhaoghla, Ghlinn Fhionghain, Cheann Loch Chille Chiarain, agus mu dheireadh Onich. Air sgà th a shlà inte leig e dheth a dhreuchd mar shagart paraiste ach bhiodh e fhathast a' searmonachadh bho à m gu à m a' leigeil leis na sagairt eile là ithean-saora a ghabhail.
Bha e na neach-ealain, na sgrìobhaiche agus na neach aig an robh uidh mhòr ann an eachdraidh agus cuideachd na neach-ciùil a bha a' cluich agus a' teagasg na clà rsaich. Chithear an obair-ealain aige san uinneag mhòr ann an Eaglais Ghleann Fhionghain a dhealbh e fhèin.
Bhà saich Mgr Calum air an là mu dheireadh den bhliadhna 2003.
Last on
An Canan Calum MacNèill
An Canan Calum MacNèill
Broadcasts
- Sun 27 Apr 2014 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal
- Sun 25 Apr 2021 21:00Â鶹ԼÅÄ Radio nan Gà idheal